Gaelic: Làbar, an reifreann, Keir Hardie, agus ar ‘luachan dualchasach Albannach’

. . . Allan Grogan, ceannard na h-iomairt “Làbaraich air son Neo-Eisimeileachd”.

Tha na Làb­ar­aich an aghaidh neo-eisim­eil­eachd, nach eil? Uel, a réir Allan, 30, a tha ’na bhall den phàrtaidh ann am Machair Aon­ghais, chan eil idir. Chuir e an iom­airt air dòigh gus luchd taic a’ phàrtaidh a bhrosnachadh gu bhótadh “tha” san reifreann air 18 Sultain 2014.

Nach e obair dhoirbh a tha sin, a’ feuchainn ri inntinn atharrachadh a tha air a bhith gu tur an aghaidh nì sam bith anns a bheil na Nàiseantaich an sàs?

Hide Ad

“Chan e inntinn nam ball ’s an luchd taic atharrachadh cho mór ri inntinn ceannardas a’ phàrt­aidh. Tha iarrtas làidir am measg nan Làbarach son neo-eis­imeil­eachd agus bhà riamh. Se dìreach nach robh an t-iarrtas sin a’ tigh­inn gu bàrr. Cha robh guth ag­ainne gu bho chionn greis nuair a chuir sinn am buidheann air bhonn. Tha làrach-lìn againn, www.labourforindy.co.uk, agus duilleagan Facebook a tha tàladh mìltean.”

Ge-tà, se aon rud a bhith faighinn fàilte mhór sna meadh­anan sòisealta, rud eile daoine a thoirt leat air là a’ bhót, nach e?

“Tha sinn a’ togail lìonraidh­ean feadh na dùthcha, a’ bruidh­inn ri daoine anns na coimhearsnachdan aca ’s a’ togail na ceist aig coinneamhan Làbair fhéin. Nuair thòisich mise faighneachd mu neo-eisimeileachd an tois­each se an fhreagairt as cumanta a gheibhinn, ‘Mach á seo le do chuid nàiseantais!’ Mar gu robh Keir Hardie ’s na seann laoich Làbarach air a dhol ás an cuimh­ne. Ach tha sin air atharrachadh gu mór agus fada bharr­achd de na Làbaraich deònach bruidhinn ris a’ cheist a-rithist.”

Tha bean agus teaghlach òg agus obair làn thìde agad a’ teag­aisg Beurla. Dé thug ort fhéin an iomairt seo a thòiseachadh?

“Chunnaic mi mar bha gnothaichean nuair a bha mi beagan bliadhnachan ag obair air feadh Àsia far a bheil deagh chliù aig Albannaich son ar luachan dualchasach. Ge-tà tha na ceannardan againn air am Pàrtaidh a thoirt do staing cho fada air an sgéith a-deas a’ feuchainn ri luchd bhót­aidh Shasainn a shàsachadh. Chan eil adhbhar nach biodh àite còmhnaidh, obair agus teachd a-steach aig ìre reusanta math aig a h-uile ann an Alba neo-eisimeileach, na dearbh rud­an a tha Làbar Albannach air a bhith a’ strì air an son. Tha sinn son a dhol air ais dha na freumh­an sin ’s air adhart gu bhith ’nar dùthaich bheag bheartach le féin aithne chinnteach air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.”