Gaelic: Far a bheil ceòl a’ coinneachadh ri beul-aithris

THÀINIG grunnan leabhraich­ean ciùil mo rathad o chionn ghoirid, agus a thaobh eireachd­as dreach agus sàr sgoilearachd feumar an t-àrd urram a thoirt do Donald MacDonald’s Collection of Piobaireachd: Volume 1 (1820) agus Volume 2, Manuscript (1826), air an deasachadh le Roderick D Cannon agus Keith Sanger.

Bidh na pìobairean son an ceannach agus am meòir­ean fheuchainn air a’ cheòl, ach bu chòir fios a bhith aig luchd leughaidh na Gàidhlig san fharsaingeachd mu bheartas an dualchais a tha taisgt’ annta.

Bha Dòmhnall Dòmhnallach (1767–1840) á Gleann Hìonnasdail anns an Eilean Sgitheanach. An déidh greis ’na phìobaire airm chaidh e a dh’obair a Dhùn Éideann ’na thuairnear a’ dèanamh phìoban. Dh’fhosgail e a chiad bhùth air a’ Chanongatehead mu 1808. Bhiodh e cuid­eachd a’ teagasg na pìobaireachd agus a’ cur a-mach leabhraichean mun chuspair.

Hide Ad

Ann an 1820 dh’fhoillsich e A Collection of the Ancient Martial Music of Caledonia, called Piob­aireachd, anns an robh 23 port. Seo an leabhar a tha air a chur fa’r comhair a-rithist ann a Volume 1. Ann an 1826 chuir e crìoch air an dara pàirt den obair, A Select Collection of the Ancient Martial Music of Caledonia, called Piobaireachd, anns an robh 50 port eile. Cha deach fhoillseachadh aig an àm, ach tha an làmh-sgrìobhainn anns an Leabh­arlainn Nàiseanta, agus sè a tha air a chur fa’r comhair, air son a’ chiad uair, ann a Volume 2.

B’e an leabhar a’ chiad chruinneachadh pìobaireachd a chunnaic solas an latha. Cha robh pìobairean tur an eisimeil na cannt­aireachd tuilleadh, oir bha puirt an Dòmhnallaich ann an staff notation, pòsadh a mhair gus an latha an-diugh.

Ma tha thu ’nad phìobaire, bidh ùidh agad anns a h-uile rud sna leabhraichean seo. Mur eil, se ’n obair agamsa do threòrachadh tromhpa, a’ seachnadh nam pàir­t­ean as teicnigiche. Ann a Volume 1, chomhairlichinn dhut caibideilean 1 agus 8, “Donald MacDonald” agus “Conclusions”, a leughadh, sùil a thoirt air na notaichean aig Cannon agus Sanger mu choinneamh gach puirt (tha fiosrachadh ann mu na diofar ainmean a bh’ orra), agus crìochnachadh le “Appendix 3: Donald MacDonald’s Musical Terms – Gaelic”.

Ann a Volume 2, leughainn iad seo: caibideilean 1 agus 5, “History” agus “Tradition”; a-rith­ist, na notaichean mu choinn­eamh gach puirt; agus, mu dheireadh, an earrann chudromach “MacDonald’s ‘History of the Airs’” far a bheil Dòmhnall ag innse nan sgeulachdan air cùl nam port – aon de chiad chruinneachaidhean beul-aithris na Gaidh­ealtachd. Tha seo air leth luachmhor. Tha sgeulachdan ann mar “Mac Mhuirich Mór” neo “Banaphrionnsa na Spàinne” a chaidh innse mìle uair eile bho 1826, ach a bheil fhios aig sgoil­earan beul-aithris na Gàidhlig gur ann sna cruinneachaidhean pìobaireachd (chan e am fear seo a-mhàin) a thàinig iad gu bàrr an toiseach? Cha chreid mi gu bheil.

Mus sguir mi, smuain no dhà mu ainmean pìobaireachd mar tha iad a’ seasamh anns na leabh­raich­ean seo. Tha rud no dhà ceàrr air ‘Cumha Mhic á h-Arasaig’. Mar a thuirt mi sa Ghaelic Otherworld, tha mi cinnteach gur e th’ ann ‘Cumha Mhic Fhir Àrois’. Neo ‘Àrais’. A thaobh ‘Cumha Chraobh nan Ceud, Lament for the Tree of Hundreds’ tha mi ag aontachadh ri Uilleam MacMhathain (an aghaidh an Dòmhnallaich) gur e a tha ann ‘Cumha Crann nan Teud’.

A thaobh ‘Fàilte Dheòrsa Òig’ tha na deasaichean an dùil gu bheil “Deòrsa” nas uaisle na “Seòras” agus a thaobh ‘Cumha Iain Ghairbh’ cha do thuig iad gu bheil còrr agus aon chiall aig “garbh”. Gun ach dà fhliuchadh a’ dol tron bhoglach – buidhe dhaibh. Rinn iad gu math.

Hide Ad

Gheibhear an dà leabhar bho Chomunn na Pìobaireachd air £40 (www. piobaireachd.co.uk).

THàINIG Puirt-a-Beul aig an Sgith­eanach Keith Tormod Dòmh­nall­ach (1834–1913) a-mach an tois­each mar leabhar ann an 1901. Bha e ’na chruinneachadh de dh’òrain aotrom Ghàidhlig a bh’ air ciad sholas an latha fhaicinn ann an colbhan an Oban Times, ceangailte ri chéile le seanchas an ùghdair anns an dòigh a bha fasanta aig an àm (agus a tha cuid­eachail fhathast an-diugh).Chaidh ath-chlò-bhualadh ann an 1931 agus thug iomadh cop­aidh na ceithir fichead bliadhna on uair sin a’ tuiteam ás a-chéile ann an làmhan nan seinnead­airean Gàidhlig. An aon chrann­chur ’s a thachair ris a’ Cheilidh Song Book a bha cho bitheanta ’nam òige ann an Glaschu.

Hide Ad

Ach bha Puirt-a-Beul tòrr na bu phrìseile na an Ceilidh Song Book. Bha faclan agus sol-fa ann ri 119 òran Gàidhlig de sheòrsa nach robh ri fhaotainn an àite sam bith eile oir cha robh iad, gu chionn ghoirid, ri’n seinn aig mòdan. Agus a-nise tha Uilleam Lamb air a thoirt a-mach as ùr le “luach a bharrachd” fon tiotal Keith Norman MacDonald’s Puirt-à-Beul: The Vocal Dance Music of the Scottish Gaels (Taigh na Teud, £15 ceangal Ring, £18 ceangal Perfect).

Agus abair luach a bharrachd! Rinn e eadar-theangachadh Beur­la do dh’fhacail nan òran. Chuir e an ceòl ann an staff notation. Sgrìobh e ro-ràdh mu na puirt, eachdraidh beatha an Dòmhnallaich, notaichean sgoilearach air na h-òrain fa leth. Agus rinn e clàr-amais.

Tha Uilleam Lamb ’na dheas­aiche sgoinn­eil. Tha e ’na fhear-ciùil Ameireag­anach a dh’ionn­saich Gàidhlig, a thug iomadh bliadhna ann an Uibhist, agus a tha an-diugh ’na òraidiche ann an Sgoil Eòlais na h-Alba.

Tha na h-òrain ’nan dibhearsain air leth ach chan ainmich mi ach aon fhear a ghlac mo shùil a chionns g’eil e a’ cur sol­as air aon de na puirt aig Dòmh­nall Dòmhnallach, ‘A Mhuinn­tir a Chail Chaoil thug­ibh a’m bruach oirbh, You of the Long Kail down the Brae with You’ (mu Bhlàr na Maoile Ruaidhe ann an Loch Abar, 1688, far na rinn Clann Dòmhnaill an gnothach air Clann an Tòisich). Chan eil Cannon agus Sanger a’ deanamh stem den “Chail Chaoil” agus có gheibh coire dhaibh? Tha an fhreagairt ann am Puirt-à-Beul.

Chlann Dòmhnaill an fhraoich,

Mhuinntir mo ghaoil,

Luchd nan cas caol’,

Thugaibh am bruthach dhiubh!

Muinntir a’ chàil,

Muinntir a’ chàil,

Muinntir a’ chàil

’S an t-sàr-bhruthaiste!

A réir coltais mheasgaich Dòmh­nall Dòmhnallach “Luchd nan cas caol’” agus “Muinntir a’ chàil”!

Feadh ’s gu bheil mi ris, chan eil mi leagte ri Make them run for the hills, a’ Bheurla aig Lamb air “Thugaibh am bruthach dhiubh” (Take the brae off them), neo ri down the Brae with you, a’ Bheurla aig Dòmh­nall Dòmh­nallach air “thugibh a’m bruach oirbh” (go to the brae). Se an comannd, ann am faclan sìm­plidh, “Cuiribh ás a’ bhruach iad. Gabhaibh am bruach.”

Hide Ad

Naoi a-mach á deich san teasta gu Lamb, gun ach seachd gu Dòmhnall Dòmhnallach!

THA mi cur fàilte cuideachd air The Celtic Lyre: A Collection of Gaelic Songs Compiled by Fionn (Henry Whyte), deasaichte a-nist ann an Alba Nuaidh le Trueman MacMhathain. Chuir Whyte (1852–1913) a-mach an toiseach e ann an ceithir pàirtean eadar 1883 agus 1895. Tha e ’na chruinneachadh de 68 òran a bha buil­each ann an co-sheirm ri spiorad a’ Mhòid, a’ mhórchuid á Earra-Ghaidheal, an aon seòrsa rud ’s a th’ agad sa Cheilidh Song Book ach ann an dreach mór.

Hide Ad

An àite eadar-theangachaidh­ean Beurla a dheasachadh mar a rinn Uilleam Lamb, chuir Mac­Mhathain ás dha na h-eadar-theangachaidhean aig Fionn, “which were not so much translations as poetic attempts to convey the essence of the Gaelic verse”. Glé ghlic. Se th’ againn do gach òran, ma-thà, na facail, an sol-fa aig Fionn, agus staff notation ùr aig Aindrias Hirt. Tha aiste aig Hirt mun cheòl ann cuid­eachd a tha a’ tòiseachadh gu dùbhlanach: “When Trueman Matheson, the editor of Sìol Cultural Enterprises, approached me to musically edit The Celtic Lyre, I was rather skeptical.

“I was currently in the throes of writing my Ph.D. dissertation on the medieval musical performance practices of the narrative songs concerning Fionn Mac Cumhail and found little value in re-setting Gaelic music that had been published during the late Victorian Age; I felt surely that the music would have been significantly altered to conform to English and mainland attitudes of propriety and musical form. I was mistaken.”

Gheibhear The Celtic Lyre bho www.gaelicbooks.com air $17.95.

BIDH Dèan Dealbh agus Seinn! le Gwen Bowie agus Liza Mulholl­and (Spòrs, £6.99) a-cheart cho feumail ri gin de na leabhraich­ean shuas. Air gach duilleig tha dealbh ri chrìochnachadh leis a’ chloinn (a’ ceangal nan dotagan neo gan dathadh a-staigh) agus faclan òrain mar “Seall cho mòr is cruinn is snog ’s a tha mi” air fonn I’m a little teapot, neo “Ions­aidh, uonsaidh, damhan-all­aidh” air fonn Incy Wincy Spider. Aig an deireadh tha na faclan air an toirt seachad a-rithist ann an litreachadh Beurla, leithid “Showl choe more us cruyn us snoc ’s a ha me”.

Eagal ’s nach bi siud gu feum, mar phàirt den phasgan tha CD, air a bheil Fiona NicCoinnich a’ seinn nan òran.

Dìreach na tha a dhìth do chloinn aois 1 gu 7, chanainn.

Related topics: