Gaelic: Faodaidh ceist Ghàidhlig a bhith ann

Tha coltas ann gu bheil coth­rom aig daoine fhathast sealltainn do Phàrlamaid na h-Alba gu bheil iad ag iarraidh gum bi a’ cheist san Reifreann air Neo-Eis­imeileachd a’ nochdadh ann an Gàidhlig agus Beurla.

Ged nach robh an Riaghaltas fhèin a’ smaoineachadh gu robh còir aca beachdan a shireadh mu phàipear baileit dà-chànanach, faodaidh daoine fhathast iarr­aidh air buill Phàrlamaid beachd­achadh air a’ chùis mar phàirt den cho-chomhairle air Bile an Reifrinn a tha a’ Phàrlamaid a’ cumail an-dràsta. Thuirt Bruce Crawford BPA, neach-gairm com­ataidh Bile an Reif­rinn (Alba): “Tha gach ball dhen chomataidh seo a’ tuigsinn glè mhath cho cudromach ’s a tha am Bile seo
a thaobh eachdraidh na h-Alba. Tha sinn air son dèanamh cinnt­each chan e a-mhàin gum faigh an reachdas taic on Phàrlam­aid, ach cuideachd gum bi muinn­tir na h-Alba a’ cur earbsa ann.”

Tha cothrom aig daoine ’s buidhnean beachdan a chur a-steach gu 6 Ògmhios, agus bidh a’ Chomataidh a’ gabhail fianais bheòil bho dhaoine sa Chèitean. Tillidh iad chun na Pàrlamaid le aithisg agus molaidhean tràth san t-Sultain. Am measg nan cuspairean mu bheil a’ Chomataidh a’ sireadh fianais, tha briathran na ceiste. Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas Mac­Aoidh: “Thathar a’ gabhail ris gur e baileat an Reifrinn a’ cheist as motha th’ air a bhith mu choinneamh a’ phobaill ann an Alba bho chionn trì cheud bliadhna.

Hide Ad

“Nam biodh a’ cheist sin ann an Gàidhlig agus Beurla, sheall­adh sin gu soilleir an t-adhartas a tha Alba air a dhèanamh bho chionn ghoirid ’s i a’ togail brat­ach a cultair fhèin as ùr, agus gu bheil­ear a’ toirt aithne do Achd na Gàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig gu bhith cleachdadh a’ choth­ruim gus beachdan a chur a-steach chun na Comataidh a tha a’ sgrùdadh Bile an Reifrinn, a’ moladh gum bi am pàipear bail­eit dà-chànanach ’s a’ mìn­each­adh car son. Tha sinn an dòchas gum faigh an tagradh sin taic o Bhuill Pàrlamaid ’s gun sgrìobh iomadach neach agus buidh­eann eile chun na Comataidh leis an aon bheachd.”

Dh’iarr sinn beachd­an air a’ chùis bho na pàrtaidhean dùbhlanach sa Phàrlamaid. Thuirt Pàdraig Harvie BPA, co-neach-gairm Pàrtaidh Uaine na h-Alba, a tha ’na bhall de Chomataidh Bile an Reifrinn: “Tha a’ cheist ’s an dà roghainn furasta a thuig­sinn ’s chan aithne dhomh gun d’fhuaras iarrtas air son eadar-theangachadh den phàipear bail­eit. Tha e nas cudromaiche, is dòcha, gum bi fiosrachadh ri
fhaotainn ann an grunn chànanan air son daoine a chuideachadh gu bhith deasbad nan diofar chùisean a tha ag èirigh an lùib neo-eisimeileachd.”

Thuirt neach-labhairt aig Pàr­taidh Tòraidh na h-Alba: “Seach gu bheil a’ cheist cho sìmplidh, cha leig i leas ach a bhith sa Bheurla, ’nar beachd-ne. Feum­aidh sinn cuimhneachadh gu bheil iomadh mion-shluagh an Alba aig nach eil Beurla cho math ’s a th’ aig luchd-labhairt na Gàidhlig. Mar sin nam biodh a’ cheist sa Ghàidhlig dh’fheumte beachdachadh air na cànanan eile.”

Thuirt am ball Làbarach, Pat­ricia Nic­Fhearghais: “Bhithinn
an dòchas gum beachdaicheadh Com­isean nan Taghaidhean le deagh rùn air iarrtasan air son pàipearan baileit a bhith sa Ghàidhlig dhan fheadhainn a tha ag iarraidh sin.”

Agus Tavish Scott BPA bho
na Lib-Deamaich: “Bho thòisich còmh­raidhean air an reifreann tha e air a bhith follaiseach gum feum bhòt a bhith againn a tha soilleir, cinnteach agus laghail. Tha e cudromach gun dèan
Riaghaltas na h-Alba gach oidh­irp gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhan a h-uile duine a dhol an sàs anns an deasbad agus bhòtadh air 18 Sultain an-ath­bhliadhna. Tha e cudromach gum bi cothrom aig daoine a tha bruidhinn mion-chànan no dual­chainnt dol an sàs san reifreann agus tha mi cinnteach gum beachdaich a’ Chomataidh air ciamar a thèid againn air sin a dhèanamh.”

Ged a tha an Riaghaltas fhèin air a ràdh nach bi a’ cheist sa Ghàidhlig, tha cothrom ann fhathast is dòcha, leis a’ cho-chomhairle, toirt orra beachd­achadh air a’ chùis a-rithist. Agus is dòcha gu bheil cuid a bhuill Nàiseantach ann a chuireadh taic ri gluasad son ceist dhà-chànanach ann an cruth air choreigin.
A’ bruidhinn ris an Albannach, thuirt am BPA Dàibhidh Mac­Thòmais bhon Phàrtaidh Nàis­eanta, a tha cuideachd ’na bhall de Chomataidh Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid: “A thaobh ceist dhà-chànanach a bhith ann, tha m’ inntinn fhìn car fosgailte an-dràsta.

Hide Ad

“Tha mi a’ tuigsinn car son a bhiodh daoine ag iarraidh a’ cheist a bhith san dà chànan, ’s tha mi tuigsinn car son a bhiodh daoine ag iarraidh am pàipear baileit a bhith dìreach ann am Beurla, oir tha tòrr fiosrachaidh gu bhith ri fhaighinn ann an Gàidhlig mun Reifreann. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith faicinn dè na beachdan a thèid
a chur a-staigh mar phàirt dhen cho-chomhairle. Se sin an t-àite ceart ma tha daoine son beachd­an a chur a-staigh mu dheidhinn seo. Se cho làidir a bhios na h-adh­bharan a chuireas daoine air adh­art air gach taobh den deasbad a tha a’ dol a dhèanamh diofar.”

Ma thachras gu bheil taic gu leòr sa Phàrlamaid air son ceist an Reifrinn a bhith sa Ghàidhlig, tha sin a’ fàgail ceist: ciamar a thèid sin a thoirt gu buil? An e pàipear baileit dà-chànanach a bhiodh ann, no am biodh pàip­ear Gàidhlig fa leth ann? Càit am biodh na pàipearan baileit sin ri’m faotainn, dìreach ann an sgìrean “Gaidhealach”? No anns gach stèisean bhòtaidh? Tha ceist ann fiùs dè a’ Ghàidhlig a
bu chòir a chur air a’ cheist.

Hide Ad

Tha pàipearan bhòtaidh dà-chànanach cumanta gu leòr ann an dùthchannan eile, ’s chan eil iad ag adhbharachadh duilgh­eadas sam bith a rèir choltais. Gu dearbh tha seasamh cho làidir aig a’ Chuimris sa Chuimrigh gum b’ fheudar dhan Riaghaltas 2.3 millean pàipear baileit son Taghaidhean Poilis agus Eucoir a stialladh ás a chèile an-uiridh seach gun deach an clò-bhualadh air mhearachd ann am Beurla a-mhàin. Dh’èirich cosgais £350,000 a bharrachd ás a-sin, agus bha aca ri pàipearan baileit dà-chànanach a chlò-bhualadh ’nan àite.