Gaelic: Clasaig de litreachas Gàidhlig – a tha ‘nas coltaiche ri droch bhàrdachd na ri deagh rosg’

THA Sìol Cultural Enterprises (www.gaelicbooks.com) ann an Canada air aon de na ciad nobh­ailean Gàidhlig a bh’ ann riamh ath-fhoillseachadh – An t-Ogha Mór leis an Sgitheanach Aongh­as MacDhonnchaidh. Thàinig e a-mach an toiseach ann an 1913.

Fo stiùireadh MhicDhonnch­aidh bha An Comunn Gaidheal­ach trang aig an àm sin a’ lorg cruth-ealain mór ùr Gaidhealach a bhiodh ’na mheadhan air beairteas briathrachais agus
ghnàthasan-cainnte na Gàidhlig a ghleidheadh, a chleachdadh
’s a chraobh-sgaoileadh. Bha an cruth ùr ri tighinn ás àiteigin eadar bàrdachd agus rosg.

B’e An t-Ogha Mór freagairt phearsanta MhicDhonnchaidh ris an iarrtas. Chuir e gach nì ann ach sinc a’ chidsin – gaol bhriathran, dubhar an “Oisein” aig Mac a’ Phearsain, eirmseachd nan dubh-fhaclan, nan seanfhaclan ’s nan tòimhseachan, agus structar stadach nan seann òran, anns am bi cuspair ùr, mar gum bith­eadh, aig gach rann. Tha a’ chainnt ’s
an ìomhaigheachd dùmhail, am plota ’s a’ charactarachd sgaoilte; tha an leabhar nas coltaiche ri droch bhàrdachd na ri deagh rosg, agus buileach gun doimhneachd. An aon nì tha ga shàbh­aladh se na dealbhan-fhacal: de dh’Fhéill an Àth Leathainn, can, neo den Mhòintich Mhóir.

Hide Ad

Tha an sgeul air a sheatadh sna bliadhnachan 1715–45 anns an
t-Srath, ann an Eilean Donnain agus ann an Lunnainn. Tha 15 caibidilean ann ’s tha prìomh charactar ùr, cha mhór, aig gach té. Tha a’ mhórchuid dhiubh air an cur an céill gu làidir, ach bidh iad a’ tighinn ’s a’ falbh ro luath.

Tha, gu dearbh, dà charactar a’ seasamh casa-gobhlach air an nobhail, ach chan eil iad ga ceangal ri chéile, oir tha iad air an tarr­aing gu lapach. Air son na tha Mairead NicUalraig a’ dèanamh bha cho math dhi a bhith ’na fear. Tha dreuchd aig an “Ogha Mhór” (MacNeacail Àird-Nis) mar an sgeulaiche – neo aon de na sgeulaichean, oir tha feadh­ainn eile ann – a’ tighinn eadar an t-ùghdar ’s an leugh­adair (se fo-thiotal an leabhair Am Fear-Sgeòil air Uilinn).

Tha e coltach gun robh dà nì ’nan uallach air MacDhonnch­aidh: mì-chliù na nobhail Bheurla mar bhreugan agus neart na sgeulachd Ghàidhlig mar dhualchas beò. Tha suaip an-seo ri nobhail Ghàidhlig as ùire, Gorm­shuil an Rìgh aig Fionn­lagh Mac­Leòid (2010), far a bheil na sgeul­achdan a’ dol ’nan caractaran.

Tha an t-astar eadar an t-ùghdar ’s an sgeul a’ tighinn am bàrr air dhòighean neònach. Mar eis­impleir, bidh MacDhonnchaidh a’ toirt iomadh duilleig a’ peant­adh seallaidh neo ag aithris còmh­raidh ’s an uair sin ag innse dhuinn ann an aon pharagraf goirid dé dìreach a thachair. Agus chan eil e math idir air gnìomhan a chur an céill. Chan eil an tachartas as dràmataiche san leabhar, blàr fuilteach eadar na Tolmaich ’s na Leòdaich, ach ’na sgeul cabhagach a dh’innseas fear a theich, mus tuit e marbh aig ar casan. Tha e mar gun robh eagal air MacDhonnchaidh “fìor thìm” a bhreugnachadh le bhith a’ toirt barrachd rum do rudan brìoghmhor na do rudan gun seadh a thug an aon uiread ùine.

O nach deach aig duine air An t-Ogha Mór a thuigsinn, lean MacDhonnchaidh e le eadar-theangachadh dlùth, The Ogha Mor, or the Tale-Man on his Elbow (1924). Dhearbh seo gu bheil e doirbh brìgh sam bith a thoirt ás ann an Gàidhlig no ann am Beurla a-mhàin, ach le briathran na dà chànain a’ mìneachadh a-chéile gun gabh a leughadh le tomhas de thlachd. Nach bochd nach eil an dreach Beurla ’na phàirt den leabhar ùr.

Chan eil cuimhn’ agam có thuirt gur e th’ ann an “clasaig” ach leabhar ainmeil nach eil duine a’ leughadh tuilleadh. Tha An t-Ogha Mór den t-seòrsa sin – rud a tha ga fhàgail coltach ri nobh­ailean Shir Bhàt­air Scott! Ach tha na nobhailean aig Sir Bhàtar furasta fhaighinn dhaibhsan a tha ’g iarraidh an leughadh, ’s chan eil e ach ceart gu bheil An t-Ogha Mór furasta fhaighinn a-nist cuideachd. Oir bu chòir do dhaoine an inntinn fhéin a dheanamh suas mu na clasaig­ean. Agus cuimhnich – ma bhuin­eas tu dhan Àth Leathann, buinidh An t-Ogha Mór dhutsa!

Related topics: