Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe

Dh’fhàg Iain Finnie agus Sìne Urchardan (BPhA liosta bhon Ghaidhealtachd) Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba mar thoradh air poileasaidh ùr a’ phàrtaidh mu bhallrachd NATO.

• dheÒnaich an dà thaobh ann an Siria fosadh fòirneirt ceithir latha a chumail gu féill Eid al-Adha a chomharrachadh.

.

• Tha buidheann bhuadhach de cheannardan gnìomhachais a’ cur an taic ri neo-eisimeileachd, bho nach fhaodar bhòtadh son an tiomnadh chumhachdan as motha tha comasach (devomax).

Hide Ad

• Gheibhear ìsbeanan a tha fillte le Irn Bru aig an fheòladair Iain MacAoidh ann an Gearastan Loch Abar. Tha e gan reic san Òban cuideachd. Tha féill mhór orra – gu h-àraidh aig cloinn.

• Tha an teddy a bhruidhneas Gàidhlig deiseil ri òrdachadh ann an àm air son na Nollaige – www.babogbaby.com, £24.99.

Related topics: