Gaelic: A’ bhàrdachd as sine agus as ùire againn

CHAN ann a h-uile latha – neo bliadhna – a tha leabhar ùr a’ tighinn seachad anns a bheil rud mu’n canainn-sa: “Tha còir aig gach duine le ùidh ann an Gàidhlig seo a leughadh.”
Blasad den leabhar. Be fasgadh agus dìon a chaisteil Sir Tormod, a tha a-nist marbh. Chaidh an dealbh againn de Dhùn Bheagain a tharraing le Moses Griffith son Thomas Pennant ann an 1772Blasad den leabhar. Be fasgadh agus dìon a chaisteil Sir Tormod, a tha a-nist marbh. Chaidh an dealbh againn de Dhùn Bheagain a tharraing le Moses Griffith son Thomas Pennant ann an 1772
Blasad den leabhar. Be fasgadh agus dìon a chaisteil Sir Tormod, a tha a-nist marbh. Chaidh an dealbh againn de Dhùn Bheagain a tharraing le Moses Griffith son Thomas Pennant ann an 1772

Ach sin a th’ agam mun phàirt mu dheireadh (tdd 16–22) den ro-ràdh ri Màiri Nighean Alasdair Ruaidh: Song-Maker of Skye and Berneray, deasaichte le Colm Ó Baoill (Scottish Gaelic Texts Society, £25). Oir se th’ anns na beagan duilleagan seo ach aiste dhùbhlanach, a’ tòis­eachadh “The texts in this book are not literature in the strict sense”, anns a bheil Ó Baoill a’ compàirteachadh sealladh air dìl­eab Màiri – agus, gu ìre mhór, air dìleab gach bàird Ghàidhlig eile o linn a chàidh – mar shàr chothlamadh de dhòigh­ean-smuainte, de dh’fhacail, de cheòl ’s de thaisbeanadh beò. Tha siud ga thoirt gu bhith a’ cur cheistean air leth math, leithid: “Did Màiri sing her songs at gath­er­ings of MacLeod leaders? Or would she teach her songs to some kind of ‘professional’ to sing there? Would women be all­owed to sing such songs at such a gathering? What voice quality would be expected of the singers?”

Ged a tha mi a’ moladh na h-aiste seo gu mór mar mhìneachadh sìmplidh air beachd anns a bheil fìrinn, toinisg agus luach, tha mi faicinn cunnart innte ’s chan eil mi buileach ag aontachadh rithe. Aithnichear an cunn­art sin san rud a sgrìobh Torcuil Crichton uair, “Chan eil a leithid a nì ri ‘litreachas’ ann an Gàidhlig.” Oir thà a leithid a nì ri litreachas ann an Gàidhlig, ’s tha Màiri nighean Alastair Ruaidh cho cudromach dha ’s a tha (can) Milton do litreachas na Beurla, agus tòrr nas fhasa a leughadh.

Hide Ad

Tha fios gur ann ioma-taobhach a tha litreachas mór. Tha làn tuigse air Shakespeare an urra ri dòighean-smuainte an ama sin agus ri taisbeanadh air an àrd-ùrlar, ach chan eil siud a’ fàgail nach gabh a leughadh le tlachd on duilleig chlò-bhuailte. Nach bi sinn ag ràdh ri clann “Cleachd­aibh ur mac-meanmna”?

Na togaibh ceàrr mi. Tha brìgh an leabhair math anns a h-uile dòigh ’s tha sgoilearachd ann a tha fada os cionn mo chom­ais-sa. Tha mi a-mach air feallsanachd an leabhair a-mhàin. Oir tha meas agam air leabhraichean ’s tha mi ga fhaicinn cunnartach nuair chanas ùghdar mar gum b’ eadh: “Chan fhoghainn leabhar dhan chuspair seo. Chan eil ann an leabhar ach rud truagh.”

Tha trì rudan a’ toirt orm sin a ràdh. Aon, tha a’ bhàrdachd lùthmhor Ghàidhlig aig Màiri air a h-eadar-theangachadh le rosg Beur­la a tha cuimhneachadh dhomh “Oisein” Mhic a’ Phearsain. A dhà, tha na notaichean ’s an ceòl a’ leantainn gach òrain (duilich, gach teacsa) ann an clò mór, an àite bhith air am fògradh gu cùl an leabhair ann an clò beag, mar tha tradiseanta. Ach a trì, chan eil oidhirp air a dèanamh gus na notaichean seo a dhèanamh fur­asta an leughadh ged a tha iad air an leigeil mu sgaoil mar seo air druim a’ chuain – tha iad làn ghiorrachaidhean, leithid: “The E text is printed again in IC (1806) 22–28 and is the basis of the text in SO 34–35: the SO version seems to be the basis of the text printed in FT 263.” Anns an t-suidheachadh sa, tha mi tuigsinn car son a tha an liosta leabhraich­ean ’s an liosta ghiorrachaidhean shuas aig beul an leabhair seach aig a’ cheann-deiridh; ach tha e neo-àbhaisteach.

Bha Màiri beò bho 1615 gu 1707, neo timcheall air na bliadh­nachan sin. Nochd Gaelic Songs of Mary MacLeod, deasaichte le Seumas MacBhàtair, ann an 1934. Anns an leabhar ùr seo, tha gach nì (cha mhór) atharraichte. Tha aon òran deug ann an corp an leabhair agus ochd eile (an fheadhainn far a bheil mì-chinnt an e Màiri no cuideigin eile a rinn iad) ann an eàrr-ràdh. Tha sgoilearachd Ó Baoill a thaobh an dà chuid facail agus ceòl buileach gun smal.

Sann a thoradh mo mheas mór air faclan Màiri a tha mi a’ faotainn coire do dh’fhealls­an­achd an leabhair. Tha mi a’ leantainn fhathast ri beachd Iain Mhic­Coinnich: “Her versification runs like a mountain stream over a smooth bed of polished granite.” Dhòmhsa se a’ chlach-ghràin an dualchas, se an t-allt na tha Màiri a’ cur ris.

Tha Struileag: Shore to Shore, Cladach gu Cladach (Polygon, £9.99), deasaichte le Caoimhin MacNèill, ’na chruinneachadh beag snog a dh’innseas có è có ann am bàrdachd Ghàidhlig an-dràsta ’s dé tha iad ris, le corra annas ’na lùib. Tha rosg ann cuid­eachd – chan e rosg mu dheidh­inn bàrdachd idir, ach aistidhean air gnothaichean a bhuineas ri féin-aithne.

Hide Ad

Tha a’ bhàrdachd ’s an rosg am measg a-chéile, ’s tha cha mhór a h-uile nì Gàidhlig air a leantainn le eadar-theangachadh Beurla. Nis, a’ chiad annas: se pròiseact ioma-mheadhanach a bh’ ann an “Struileag”, bha farpaisean bàrd­achd ’nam pàirt dheth, ’s tha buil nam farpaisean anns an leabhar: na pìosan a bhuannaich farpais­ean na cloinne, nan deugairean ’s nan inbheach, le beachd nam britheamhan orra. Idea mhath.

Sann le Mairead Bennett, Seum­as Oliver, Anndra Dunn, Maria Koroleva, Mìcheal Klevenhaus agus Mìcheal Newton – dà Sgitheanach, Leódhasach, ban-Ruis­eanach, Gearmailteach, Am­eir­eaganach – a tha an rosg. Tha Klevenhaus a’ sgrìobhadh mu na diofaran iongantach eadar beag-chànanan agus mór-chàn­anan a bhuaileas an neach-ionnsachaidh, cuspair cudromach, ’s tha Newton a-mach air na Gaidhil ann an eachdraidh Ameireaga a-Tuath, cuspair anns nach eil a shamhail aige. Am measg móran eile as fhiach a chagnadh tha na thuirt fear MacCoinnich am pàrlamaid New Brunswick ann an 1877: “We, as Scotsmen, do not ask for legislative enactments, nor do we beg for subsidies to maintain our language, for it is a gem to be displayed only on great occasions, and it is fitting only for the expression of great things.”

Hide Ad

Tha bàrdachd ann le Caoimh­in MacNèill, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Aonghas MacNeacail, Griogair Labhruidh, Anna Frater, Iain S Mac a’ Phearsain, Rody Gorman, Maoilios Caimbeul, Cat­rìona Lexy Chaimbeul, Dòmh­nall S Moireach, Mona NicLeòid Wagner, Pàdraig MacAoidh, Babs NicGriogair, Gillebrìde Mac’Ille­Mhaoil, Rona Dhòmhnallach, Màrtainn Mac an t-Saoir, Ailean Dòmhnallach agus Iain MacAonghuis. Tha cuid dhiubh sin ’nan cùis-iongnaidh. A h-uile sreath bàrdachd a chunna mi roimhe bho Dhòmhnall S b’ann sa Bheur­la a bha i. Agus tha co-dhiù triùir san liosta a tha aithnichte mar rud eile – Labhruidh mar sheinn­eadair, Ailean Dòmhnallach mar phìobaire, MacAonghuis mar sgoilear. Ciamar a rinn iad? Uill, tha fios ac’ uile dé tha iad a’ dèanamh. Tha bàrdachd Dhòmhnaill S làn spòrs. Tha bàrdachd Labh­ruidh làn Dhonnchaidh Bhàin. Tha bàrdachd MhicAonghuis dìr­each Somhairleil. Ach tha bàrd­achd Ailein Dòmhnallaich polit­igeach: “Atlantis ’s Poseidon / ’S na Tridents air ’n robh ’n dèidh; / Bhith smaointinn gum bu làidir iad, / Lem feartan glòrach treun, / Len giùlain ghòraich mac an duine, / Sgàthan ar laigse fhèin.”

Anns a’ cheann thall, se fearg dhen t-seòrsa seo as motha tha leum far duilleagan Struileag: can mu bhochdainn (MacAoidh) no mu fhògradh (Mac’IlleMhaoil, Ròna Dhòmhnallach). An dàn as fheàrr san leabhar, ’s dòcha, se ‘Làn-Phuing’ le Babs NicGriogair far a bheil màthair (i fhéin?) a’ meòrachadh air airm a ghabhas brath air fir òga gun obair. Tha seo a’ tachairt air feadh an t-saoghail, ach tha fiaradh Gaidh­ealach aig NicGriogair, le comh­airle Mhic Iain Deòrsa ’na ceann: “Ma tha cogadh air curriculum nach èist sinn am measg stùr / nam bailtean briste ’s craobh na teine, ris an Òigear bruidhinn on Ùir?” Tha i crìochnachadh: “Tha làn-fhios aig na Gàidheil mu dheidhinn, an seo ’s thall air tìr chèin / cur aparan a’ bhùidseir an aghaidh nan daoine againn fhèin.”