Gaelic: Bha an seòrsa samhraidh againn a bheireadh feur glan cùbhraidh dhuinn gun fheum air ‘silage’

Chan eil dad ann as fheàrr le crodh, caoraich neo eich na feur a tha air a dheagh ghrèidheadh.

Ach sin rud nach eil air a bhith idir furasta o chionn bhliadhnachan. Tha na samhraidhean air a bhith fliuch, frasach. Gearr­aidh croitear pìos feòir, fàgaidh e e gus an seac e, agus an sin tionn­daidhidh e ’na sgrìoban; ma tha osag gaoithe ann neo ma tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, tiormaich­idh e agus bidh e deiseil air son a chocadh neo a bhèileadh, ach tha e glè thàmailteach ma thig meall trom. Cuiridh sin daoine ’nan tàmh agus bidh am feur ’na bhogan.

Se faochadh a bh’ ann nuair a thionndaidh croitearan gu silage, oir chan fheum am feur a bhith buileach tioram. Thèid a thogail agus a chur ann am bèilichean mòra cruinne a th’ air an còmhdach le plastaig. Gabhaidh am feur teas, agus bidh e mar gum biodh air a bhruich. Ithidh na beathaichean e, ach is fheàrr leotha feur. Feumar innealan air son na bèilichean cruinne a thogail, ’s tha an fheadhainn bheaga cheàrnagach a bh’ air an deanamh leis na seann bhèilearan beaga cus nas fhasa an làimhseachadh. Ma tha bò ann an èiginn pìos air falbh bho bhàthaich, neo ma chailleas caora a casan ann an oisean pàirce, tha e furasta bèil beag aotrom a shadail ann an cùl an landrover neo a ghiùlan air a’ bhaidhsagal.

Hide Ad

Bha an t-sìde am-bliadhna math ga-rìribh ’s bha am bàrr trom. Thàinig na bèilearan beaga a bha ’nan laighe fo dhuslach a-mach, agus chaidh na mìltean de bhèilichean a dheanamh. Ach gus bàrr torrach fhaotainn bidh obair ri dheanamh – feumar an talamh a mhathachadh ’s a thionndadh an-drasta ’s a-rithist. Mar a chanas an seanfhacal, “Chan fhàs feur air an rathad mhòr.”