Gaelic: Aig an taigh agus thall thairis aig an aon àm

ANNS a’ Bheurla se Dublin a th’ air Baile Àtha Cliath. Coltach ri tòrr ainmean-àite eile sna dùthchannan Ceilteach, se th’ ann ach Gaeilge le còta tana Beurla air a chur ris.

Cha chreid mi gun gabh an “Dubh Linne” a lorg tuilleadh, ach chan eil sin a’ ciallachadh nach fhaicear tòrr uisge dubh domhainn ann an Abhainn Life, an Liffey, a tha sgaradh a’ bhaile mhòir Èorpaich seo.

Gu h-eachdraidheil bha e ’na sgaradh sòisealta cuideachd. B’ ann air taobh deas na h-aibhne a bha na daoine mòra a’ fuireach, ’s b’ ann air an taobh tuath a bha na bochd. An-diugh, fhathast, thèid luchd nan sporan troma gu deas gu Sràid Ghrafton ’s an sgìre mun cuairt. Seo far a bheil na bùthan gleansach, cosgail, ceart gu leòr, ach cuideachd gheibhear blas de dheagh chraic ’s de cheòl Duibhlinneach leis an uidhir de chleasaichean ’s de cheòladairean sràide a tha ri’m faicinn an seo.

Hide Ad

Mas e cinn-uidhe ghoireasach ghlac­mhor a tha dhìth air luchd-turais nach eil ann ach deireadh-seachdain, se sin a gheibhear am Baile Àtha Cliath. Gus faighinn mun cuairt gu furasta, is fheàrr don cheann-uidhe a bhith reus­anta beag cuideachd. Chanainn nach biodh agad ach lethuair a thìde de choiseachd, aig a’ char as fhaide, gus na h-àitean inntinneach agus ainmeil a ruighinn.

Ged as e baile cèin a th’ ann, ’s e nas coltaiche is dòcha ri bailt­ean Eòrpach ’na choltas, tha gu leòr ann a chumas na Gaidhil cofhartail – pearsantachd nan Èireann­ach mar eisimpleir, ’s an ceòl Gaidhealach a chluinnear anns gach ceàrnaidh.

Tha Baile Àtha Cliath cliùit­each air iomadh adhbhar. Fear de na h-adhbharan as tarraingiche ’s as fhollaisiche, se litreachas agus sgrìobhadairean air a bheil spèis mhòr mhaireannach. Air son baile cho beag, rugadh tòrr sgrìobhadairean mòra anns a’ bhaile thar nan linntean, air neo bha ceanglaichean làidir aca ris – Oscar Wilde, Bram Stoker, W B Yeats, James Joyce, Samuel Beckett, George Bernard Shaw ’s mar sin air adhart. Tha e comas­ach cuairt litreachais a ghabhail timcheall a’ bhaile gus tadhal air àitean a tha ceangailte riutha no a thug misneachd dhaibh. Taigh seinnse Davy Byrne’s (co-ogha, feumaidh) mar eisimpleir, a chum misneachd (agus deoch làidir!) ri Joyce ’s a nochd anns na Dubliners aige. Chuir mi ùine seachad ann an Taigh-Tasgaidh nan Sgrìobhadairean cuideachd gus barrachd ionnsachadh mu’m beathannan, ’s bha na taisbean­aidh­ean aca gu math cruthachail.

Am-bliadhna gabhaidh tachartasan gu leòr àite ann an Èirinn gus “Bliadhna Chruinneachaidh 2013” a chomharrachadh. Cha leigear a leas cruinneachadh a chur air dòigh ann an sgìre Temple Bar ge-tà, seach gum bi cruinneachaidhean mòra a’ tachairt gu nàdarra ’s gu tric anns an sgìre spòrsail, ràpalach, ùpraideach seo.

Chan e pinntean ach tuiltean den deoch dhubh ainmeil a lorg­as tu ann an Temple Bar, ach tha e cuideachd ’na sgìre sgoinneil gus deagh bhlas fhaighinn den fhars­aingeachd a th’ ann de dh’uisgeann­an-beatha Èireann­ach. Lorgar cuideachd gach cinneadh fon ghrèin, ’s cha bhiodh turas gu Baile Àtha Cliath ceart gun a bhith a’ tadhal air.

Abair gu bheil e neònach gur e an rud as duilghe ri lorg innte, is dòcha, an craic ceart “Duibhlinneach”. Thèid a lorg ann an àitean eile gun teagamh, air an taobh tuath mar eis­impleir, ach ann an Temple Bar tha e cho gann ris an Dubh Linn.