Gaelic: Agadir, an leigheas as fheàrr as t-fhoghar

DUILLEACH a’ tionndadh donn ’s a’ tuiteam gu làr. Geansaidhean tiugh – ùr agus neo-chleachdte – gan slaodadh a-mach á drathr­aichean air feadh na dùthcha. Foghar na h-Alba, se a th’ ann. Mun àm sa bhliadhna, le fios agam dè tha romhainn, tha m’ inntinn-sa a’ tionndadh gu blàths. Blàths a tha air a dhol gu deas. An rud a th’ ann, se nach eil mi idir math air am Foghar a “dhèanamh”.

Gus am blàths seo a lorg as t-fhoghar chan eil cus àitean nas fhreagarraiche dhuinne an Alba na Agadir ann am Morocco. Tha blàths barantaichte san ràithe seo, le 300 latha de ghrian gach bliadhna. Sann mu 24–29°c a bhios an teas tron latha an-dràsta, na h-oidhcheannan beag­an nas fhionnaire ach fhathast nas blàithe na bhiodh Alba tron latha. A bharrachd air sin, chan eil Agadir ach mu thrì uairean a thìde gu leth bho phuirt adhair Lunnainn. Tha e air costa seasgair an-iardheas Mhorocco, dlùth ri tràigh bhòidheach a tha mu 10km a dh’fhaid, a rèir aithris.

’Na choltas, uill, chaidh a’ chuid as motha den bhaile a mhilleadh gu cianail le crith-thalmhainn chumhachdach ann an 1960. ’S ged a fhuair an saoghal tòrr mòr buannachd ás na seasgadan, cha chreid mi gun canadh cus dhaoine gur e ailtir­eachd a bh’ anns a’ bhuannachd bu mhotha. Tha fianais air a-sin ann an Agadir.

Hide Ad

A thaobh na rudan riatanach ri dhèanamh, tha gu leòr ri do chumail a’ dol beagan làithean. Tha port a’ bhaile beòthail, rap­alach, gu h-àraidh am port iasg­aich – fear den fheadhainn as trainge san t-saoghal son sàrdain a landadh. Rachainn an seo a choimhead air na h-iasgairean air ùr thilleadh gu tìr, iad uile a’ feuchainn na ghlac iad a reic.

Cha bhiodh turas a dh’Agadir ceart gun a bhith tadhal air Souk El Had, margaid mhòr sgràmal­anach mu chòig mionaidean bho mheadhan a’ bhaile. Agus tha mu shia mìle bùth bheag innte. Seadh, sia mìle! Dh’fhaod­adh tu rud sam bith a cheannach an-seo bho bhratan-ùrlair àl­ainn gu measan allmharach gu criadh­adaireachd chruthachail gu feòil cho ùr ’s gum bi i fhathast beò nuair dh’iarras tu i. Seo an t-àite gus sgilean barg­anachaidh fheuch­ainn neo a gheur­achadh!

Se deagh làrach a th’ aig Agadir oir chanainn gur ann anns na sgìrean mun cuairt a tha na rudan as sònraichte, as tarraingiche ri fhaicinn. Fhuair sinn carbad air màl fad latha son mu £30 gus turas rathaid a ghabhail dhan sgìre bhrèagha bheannt­aich air a bheil an Anti-Atlas. B’e seo fear de na tursan rathaid a bu shònraichte a ghabh mi riamh, leis na diofar sheallaidhean a chunnaic sinn air an t-slighe. Anns an fhàsach seo, chaidh sinn seachad air na mìltean de ghobh­air, le balaich bheaga ’nam measg a’ feuchainn an cumail còmhla. Chunnaic sinn seann ghearastain dhustach, air an tog­ail bho chionn linntean air mull­aichean chnoc creagach.

Stad sinn ann am baile beag iomallach, Tafraoute, gus beagan rùrachaidh a dheanamh ’s greim bìdh fhaighinn. Tha biadh Mor­occo cliùiteach feadh an t-saogh­ail, ach ’s dòcha gur ann son an stiubha Tagine as cliùitiche e. Tha mi toil­ichte innse nach e bris­eadh dùil a bh’ anns an Tagine le feòil chirce a fhuair mi ann an taigh-bìdh cho mì-fhoirmeil ’s nach robh fiùs ainm air.

A’ suidhe an sin a’ gabh­ail sùgh orainnseir abaich cho milis ri mil, a’ ghrian gam bhlàthachadh ’na mo lèine-T thana ’s mi coimhead duilleach nach robh ach gorm, cha robh agam ach aon smaoin – seo mar a nì thu Foghar!