Gaelic: Ag ionnsachadh Gàidhlig an àit’ ás a bheil thu fhéin

. . . Àdhamh Ó Broin, a dh’ionn­saich Gàidhlig stéidhichte air dualchainntean Meadhan Earra Ghaidh­eal gu fil­eantas.

Tha e ga teagasg ’s ga toirt air adhart don teaghlach òg aige fhéin. Tha fiùs siostam sgrìobh­aidh sònraichte aige anns a bheil á a’ riochdachadh fuaim coltach ri è (máthair = màth­air). Chìthear mh seach dh agus facail leithid fhéin a’ nochdadh mar fhé. Nach eil sin dol an aghaidh an t-sruth agus móran a’ creidsinn nach bu chòir ach aon inbhe choitcheann a bhith ann don chànan?

“Tha cuid toilichte gu bheil sinn ag ath-bheòthachamh Gáidh­lig Mheadhain Arra-Gháidheil. Bithidh feadhainn eile feòraich “A’ togail dualchainnt? Ciamar a bhios daoine gad thuigsinn?” Ach nach ann mar sin a bha ead a’ bruidhinn mun cuairt air a’ Gháidhlig fhé bho cheann fich­ead bliadhna, gum bitheamh i
ro dhuilich ionnsachamh agus a thuigsinn?”

Hide Ad

Rugadh agus a thogadh tu ann an Comhghall ach tha thu a’ fuir­each agus ag obair ann an Glaschu a-nis. Ciamar a thòisich thu air togail dualchainnt?

“‘Se an cianalas a mhothaich mi nuair a thill mi do Chomhghall an déidh dhomh Gháidh­lig ionnsachamh anns a’ bhaile mhór. Bha mi ’m beachd nach robh mi ach air mo leth-slighe thun a’ chànan ionnsachamh. Chaidh mi a chéilidh air a h-uile duine a fhuair mi aig an robh Gáidhlig sam bith fhathast agus dh’éist mi ri na clàraidhean gasta aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha mi gu math fortanach gun d’fhuair mi an cothrom sealltainn air làmh-sgrìobhaidhean Nils Holmer, cànanaiche a chaidh a-staigh do Mheadhan Arra-Gháidheil ron dàrna chogamh chum seanchas an àite a thogail.”

Canaidh cuid nach tuig iad na diofar dhualchainntean a thath­as ri cluinntinn a h-uile latha air an réidio. A bheil tuigse air aon dualchainnt a’ fosgladh dorsan a-steach air a’ Ghàidhlig labhairte anns an fharsaingeachd?

“Ù, gun teaga! Tha beartas sa chànain nach cluinn daoine gun eòlas air na dualchainntean. Se an dualchainnt a th’ againn mar Gháidhlig na dachaigh ’s chan eil sin a’ cur bacamh sam bith air
a’ chloinn ’s ead a’ feuchainn ri Gáidheil eile a thuigsinn.”

Gàidhlig Earra-Ghaidheal a’ dol ’na Gàidhlig ùr Ghlaschu ma-thà?

“Chan eil fhios agam air sin, ach tha aire mór aig an t-sluagh ri Droitseach, an iomairt againn ann am Facebook, gus na dualchainntean a bhrosnachamh ’s a thoirt air ais beò.”