Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, beò air an àrd-ùrlar

CHA ROBH an aimsir idir coibhneil aig deireadh na seachdain sa chaidh. Mar sin, gu mì-fhortanach, cha b’ urrainn dhomh tadh­al air an fhèis gu toiseach na seachdain, nuair dh’fhàs na rath­aidean beagan na bu shàbh­ailte.
Ceithir mìorbhailean nam beann: bho chlì, Eòghainn Robastan, Hamish Napier, Eòghainn MacEanraig agus Iain MacPhàrlainCeithir mìorbhailean nam beann: bho chlì, Eòghainn Robastan, Hamish Napier, Eòghainn MacEanraig agus Iain MacPhàrlain
Ceithir mìorbhailean nam beann: bho chlì, Eòghainn Robastan, Hamish Napier, Eòghainn MacEanraig agus Iain MacPhàrlain

Ghabh mi an cothrom seas­amh a-steach air farpais Danny Kyle Di-Màirt, far an cuala mi ceòl a bha glè mheasgaichte a thaobh nòs agus ìre. Bha e follais­each gu bheil seinneadairean a bhios a’ gabhail òrain a rinn iad fhèin, mar as trice le taic giotàir, gu mòr ann am fasan. Feumaidh mi aideachadh gun do dh’fhàs mi car searbh dhiubh, on a tha ceòl dhen t-seòrsa sin cho cum­anta, fiù ’s air sràidean a’ bhaile. A bharrachd air sin, tha uimhir dhe na h-òrain a thèid a-steach air aon chluais agus a-mach air an t’èile o nach eil rud sam bith sònraichte unnta a ghlacas aire an luchd-èisteachd.

De na chuala mi, b’i an tè a b’ fheàrr a chòrd rium Jasmine Nic Phàidein á Pàislig. Tha guth ann­asach aice, a dh’fhaodas a bhith fìor chumhachdach mar a tha guth Adele, ach a dh’fhaodas cuid­eachd a bhith air leth binn aig amannan. Deagh ghuth sùb­ailte do cheòl pop. Cluinnear Jasmine agus na farpaisich eile a bhios a’ gabhail pàirt ann am farpais Danny Kyle gach oidhche air Celtic Music Radio aig www.celticmusicradio.net.

Hide Ad

Fhuair “Mìorbhail nam Beann”, a tha stèidhichte air na h-òrain aig Donnchadh Bàn, moladh mòr aig Blas, ach b’e seo a’ chiad chothrom aig muinntir Ghlaschu a’ chuirm seo fhaicinn. Bu mhath a b’ fhiach e, oir bha dealbhan, bhideo, ceòl, òrain, aithris (on Bhrigadier Iain MacPhàrlain), agus cuideachd beagan
fealla-dhà, air an tarraing ri chèile ann an dòigh a bha fìor chruthachail. Bha Eòghainn Mac­Eanraig gu sònraichte ri mhol­adh air son na rinn e de dh’obair ag ionnsachadh rann an dèidh ranna de Ghàidhlig nach robh idir furasta, a bharrachd air a bhith a’ fìdhleireachd ’s a’ pìob­aireachd. Chòrd an ceòl ùr a chruthaich Iain MacPhàrlain rium gu mòr, oir bha na puirt ùra aig Iain làidir gu leòr gun iarradh luchd-ciùil eile a bhith gan ionnsachadh.

Bha an ceòl-taic dha na h-òr­ain eadar-dhealaichte on àbhaist, agus thug e sealladh ùr dhuinn air cho math ’s a bha na fuinn ’s a’ bhàrdachd ann an òrain Dhonn­chaidh Bhàin. Chuir a’ chluichd aig Hamish Napier air a’ phiàna, agus Eòghainn Robas­tan air a’ ghiotàr, ris a-seo gu mòr.

Taing dhuibh, ’illean.

Related topics: