Cuimhneachain chùbhraidh, le sgeòil air an deagh innse

AIG toiseach na fèin-eachdraidh Casan Searraich (Sunbeams in Memory): The Life and Times of Calum MacFhearghuis (Acair, £15), gheibhear naidheachdan geanail, aoibhneach, o shaoghal òige an ùghdair.
Tha Calum MacFhearghuis na Rubhach a bha thall s a chunnaic. Picture: ContributedTha Calum MacFhearghuis na Rubhach a bha thall s a chunnaic. Picture: Contributed
Tha Calum MacFhearghuis na Rubhach a bha thall s a chunnaic. Picture: Contributed

Ged nach robh eòlas sam bith agam air an àite san deach a thogail, cha robh sin gu diofar. Leis cho dòigheil ’s a bha an seanchas ’na bhroinn, chaidh mo ghiùlan don Rubha an Eilean Leòdhais air sgiathan cuimhne an sgrìobhadair fhèin – rud a bha ’na thlachd dha-rìribh agus a ghlac m’ aire air son a’ chòrr den leabhar.

Tha Calum MacFhearghuis a-nis suas ann am bliadhnaich­ean, agus mar thoradh air sin, gheibhear ochd caibidealan susbainteach o Shaoghal na h-Òige gu Aimsir a’ Bhodaich. Se a’ chiad thrì earrainnean a tha a’ toirt sùil air ais air òige. Tha na h-ochd mòr-chaibidealan seo uile air an roinn ’s an cur an eagar fo thiot­alan an t-seanchais tha sgrìobhte annta – naidheachdan beaga no stòiridhean nas fhaide.

Hide Ad

Ri linn seo agus ri linn nam mapaichean dathach agus deal­bhan tiamhaidh de a chuideachd ’s a choimhearsnaich, tha e foll­aiseach gun do ghabhadh an deasachadh os làimh le toileachas agus liut. Tha cho rianail ’s a tha an leabhar ga fhàgail nas fhasa don lèirmheasaiche cuid­eachd! Mar sin dheth, chan ann ri caoin-mholadh a tha mi nuair a chanas mi gur e leabhar eir­eachdail grinn a chuireadh air blàr le Acair an-uiridh ann an còmhdach-cruaidh.

Tha Casan Searraich air a sgrìobhadh san dà chànan. Leugh mis’ a’ Ghàidhlig agus bha mi cho làn riaraichte le grìd an t-seanchais innte gun robh leisg orm coimhead air a’ Bheurla idir. Ach choimhead mi iomadh tur­as oirre gus dearbhadh dhomh fhìn an e an aon sgeul a bha innte. ’Sè, agus chan è. ’Sè, leis gu bheil na h-aon naidheachdan a’ nochdadh san dà thionndadh; chan è leis gu bheil an dà chànan a’ cur am blas fhèin air an t-seanchas agus gheibhear fiosrachadh sa Bheurla nach fhaighear sa Ghàidhlig mun aon naidheachd no sgeulachd, agus mar an ceudna sa Ghàidhlig.

Ged nach do leugh mi mòran den t-seanchas Bheurla, bha e feumail air son cuid den bhriathrachas, mar eisimpleir mu iasg­ach, a mhìneachadh – ach bho nach e eadar-theangachadh dìr­each a th’ ann, chan fhaigh an neach-ionnsachaidh mìneachadh air a h-uile gnàth-fhacal Rubhach a tha a’ nochdadh san t-seanchas Ghàidhlig. ’S math sin! Cha ghabh eadar-theangachadh dìreach a dhèanamh air a h-uile gnàth-fhacal aig cànan eile, agus ’s fhiach dhan leughadair an sùghadh a-steach ’na inntinn mar sin fhèin. Tha pailteas aca a’ nochdadh san leabhar air fad ann an cainnt shiùbhlach Phort Mholair.

Thug cuid de na naidheachd­an làn gàire orm, cho èibhinn ’s a bha iad. Leithid a’ bhalachain a bha a’ goid churrain o iodhlann ’s a dh’aidich sin nuair a fhuair e duais air son rabhadh a thoirt mu bhò bhradach a bha ris an dearbh rud! Air neo, an sgait-adh­air a chaith athair Chaluim na h-uairean a dh’ùine a’ cur ri chèile mun do spiol osag gaoithe ás a làimh i, agus iomadh naidh­eachd dhibhearsanach eile. Se cuimhne chùbhraidh a th’ aig Calum air òige gu dearbh fhèin e.

Chan e naidheachdan dibh­earsanach a-mhàin a gheibhear anns an leabhar seo air son do tharraing, agus a tha air an innse gun mhòrchuis ’s air an taghadh le tomhas de ghliocas. ’S fhiach a leughadh air adhbharan eile cuid­eachd. Tha na còig mòr-chaibidealan eile a’ ruith air a bheatha ’na inbheach a’ cladh­adh a-mach dreuchd dha fhèin
’s a’ tachairt ri iomadach neach eòlach air a rathad. Gheibh sinn caoban den eòlas agus den fhiosrachadh a chuala Calum aig caoch­ladh dhaoine. Leithid Aon­ghais Chù, Gaidheal Ceap-Breat­annach aig an robh eòlas sòn­raichte air seòrsachan fiodha, dannsa ’s iomadach rud eile.

Mu dheireadh thèid Calum a-steach gu domhainn do phìosan á eachdraidh Leòdhais agus na Gaidh­ealtachd an dèidh Blàr Chùil Lodair. Mu na h-uachdar­ain an-iochdmhor a thàinig á Sas­ainn a dheanamh an toil fhèin le coimhearsnachdan ’s le beatha nan eileanach, no mun sgrios a rinn Westminster air iasg­ach an àite.

Hide Ad

Tha MacFhearghuis ’na fhear a bha thall ’s a chunnaic – ’s math a tha fhios aig’ air deagh sgeul innse agus deagh chunntas a thoirt seachad air a bheatha-san ’s air beatha nan daoine a thàinig roimhe agus ás a dhèidh. ’S math as fhiach an leabhar a cheannach air son do chuid fhèin fhaighinn den eòlas agus den fhiosrachadh a tha e toirt seachad ann.

Tha mi an dòchas gun tig barrachd fèin-eachdraidhean den t-seòrsa seo bho Acair mun teirig an t-iomadh guth aosta a tha beò fhathast agus a tha a’ fuireach an-dràsta gun urra anns na h-Eileanan an-Iar.