Cuilean na Nollaige

“ABAIR masladh,” arsa Gogull ris fhèin. Thog e an t-òrd agus thug e brag mòr dhan luathaichear, agus aig a’ cheart àm, le greimiche eile, bhrùth e smachdair an iom-obraiche. Cha do thachair càil.
Bha e mun aon mheudachd ri Gogall fhèin, meatair de dhàirde bu dòcha, ach de chruth gu tur eadar-dhealaichte: ceithir geugan air a stoc agus ceann mar bhall air slat. Dà shùil biorach agus gob làn fhiaclan geala. Grànda . . . 	    Dealbh: Catrìona NicilleDhuibhBha e mun aon mheudachd ri Gogall fhèin, meatair de dhàirde bu dòcha, ach de chruth gu tur eadar-dhealaichte: ceithir geugan air a stoc agus ceann mar bhall air slat. Dà shùil biorach agus gob làn fhiaclan geala. Grànda . . . 	    Dealbh: Catrìona NicilleDhuibh
Bha e mun aon mheudachd ri Gogall fhèin, meatair de dhàirde bu dòcha, ach de chruth gu tur eadar-dhealaichte: ceithir geugan air a stoc agus ceann mar bhall air slat. Dà shùil biorach agus gob làn fhiaclan geala. Grànda . . . Dealbh: Catrìona NicilleDhuibh

Cha robh sin math idir.

“Ceannaich ùr!” Sin a their­eadh athair. “Ceannaich ùr agus ’s fhiach a phrìs.” Bu beag am feum a rinn a’ chomhairle sin do Ghog­ull. Cha tug am bodach airgead gu leòr dha gus long ùr a cheannach, ach seann ablach de shoitheach, agus seall air a-nis: air chall air planaid choimhich; an long aige ’na mìrean; gun
bhiadh; gun deoch; gun fiù ’s lùths gu leòr san stòr gus teachd­aireachd a chur dhachaigh.

“Bodach spìocach gun fhiù!” Thug Gogull brag mòr eile dhan luathaichear agus sgoilt an t-inn­eal ’na dhà leth, a’ cur shradagan agus toit suas anns a’ ghaoith làidir fhuair.

Hide Ad

“Aghagha!” Thog e an t-òrd agus shad e a-mach air an tràigh e. Sheòl an t-òrd tron adhar agus laigh e a-mach á sealladh, air cùlaibh dùin-ghainmhich beag­an mheatairean air falbh.

“Oh!”

Chaidh Gogull ’na thosd agus chrùb e sìos air cùlaibh an deasga-ionnstramaid. A Dhia, bha cuid­eigin air an tràigh còmhla ris, air cùlaibh an dùin-ghainmhich sin. Creutair coimheach air choir­eigin, ga shealg bha e coltach.
Dè nì mi a-nis? smaoinich e. Choimh­ead e sìos air a’ chrios aige ach robh an daga aige air. Dh’fheumadh gun do dh’fhàg e aig taigh Lionda e. Uf, uiread a dh’òl e a-raoir. Cha robh cuimh­ne aige idir dè rinn e leis an arm aige.

Ceart, cha robh daga aige. Bha òrd aige, ach bha sin a-nis air taobh thall an dùin-ghainmhich, aig a’ chreutair choimheach, bu dòcha. Air a mhurt leis an òrd aige fhèin – cò chreideadh e?
Uil, mar a chomhairlich e e fhèin iomadh uair: nì feall a’ chùis.

“He!” ghlaodh e. “Tha fhios agam gu bheil thu shìos an sin. Thig a-mach le do ghreimichean shuas, agus na feuch dad. Tha gunna agam agus abair thusa gun cleachd mi e.”

Sheas an creutair suas agus thug Gogull sùil gheur air. Bha e mun aon mheudachd ri Gogall fhèin, meatair de dh’àirde bu dòcha, ach de chruth gu tur eadar-dhealaichte: ceithir geugan air a stoc agus ceann mar bhall air slat. Dà shùil biorach agus gob làn fhiaclan geala. Grànda. Bha an creutair ’na èideadh ann an aodach tiugh dearg an aghaidh an fhuachd, agus mar sin, chan fhaca Gogull mòran dha chorp, ach cha robh e coltach gun robh e a’ giùlan arm.

“A bheil a’ Ghàidhlig agad?” ars’ an creutair. “Tha a’ Ghàidhlig agamsa.”

Hide Ad

“Nach buidhe dhut,” arsa Gogull. A Dhia, nan robh am fear seo a’ riochdachadh brod na plan­aid seo, bha Gogull ga-rìribh gun chobhair. “A bheil innlead­air­eachd am measg nan tàlantan agad? Am b’ urrainn dhut long-fhànais a chàradh?”

“Long . . . fhànais?”

Gun fheum. Choimhead Gog­ull air an àite far an do land e. Bha e a’ siubhal air ais bhon phàrtaidh aig taigh Lionda nuair dh’fhalbh an t-einnsean-lùbaidh. B’ e a’ phlanaid seo an tè a b’ fhaisge, ach bha na putairean cug­allach cuideachd, a’ tighinn air agus a’ dol dheth gu tuair­eamach. Thàinig e sìos gun cus smachd aige oirre agus bha an long a-nis air a leth adhlacadh anns a’ ghainmhich le fòrsa a’ bhualaidh. Fiù ’s nan gabhadh an t-iom-obraiche càradh, cha sheòl­adh i a-rithist. Bha mullach cruinn an t-seòmair-stiùiridh air a reubadh dhith agus ’na laighe ceud meatair shìos an tràigh, agus pìosan beaga eile dhith air am breacadh mun cuairt anns a’ ghainmhich, cuid fhathast a’ leigeil toit. B’ e tràigh fhada gheal a bh’ ann, a bha a’ sìneadh suas agus sìos anns an dà àird cho fad ’s a bu lèir dha. Bha eòin gheala a’ cuairteachadh os cionn na mara, a’ sealg anns na tuinn aois-liath a bha a’ briseadh astar beag air falbh bho shlige na luinge aige.

Hide Ad

Abair toll, smaoinich Gogull. Mar a bu luaithe a gheibheadh e far na planaide truaighe seo, b’ ann a b’ fheàrr. Ach cha tachradh sin an-diugh co-dhiù agus bha an t-acras ga dhalladh. Cuin a dh’ith e mu dheireadh? Dh’fheumadh gun robh an creutair sin a’ fuir­each ann am badeigin. Bu dòcha gum biodh biadh aigesan.

“Dè an t-ainm a th’ ort a bhal­aich?”

“Maiseag . . . agus se nighean a th’ annam.”

Sheas Gogull an àird beagan agus chuir e greimiche air a bhroilleach. “Gogull mac Ùfbain mhic Narbais an Dìthiche, ’nad charaibh. Ach cleachd Gugaidh! Sin na th’ aig mo charaidean dhomh. Nis, a Mhaiseag, càit a bheil mi? Dè an t-ainm a th’ air an dachaigh bhòidheach agad?”

“Gearraidh na Mònadh.”

“Ceart, agus càit a bheil thu a’ còmhnaidh sa mhonadh seo? Càit a bheil an toll agad . . . no nead . . . no lòn an e?

“Tha mi a’ fuireach ann an taigh.”

“Buileach nas fheàrr. A Mhais­eag chòir, lean ort! Thoir gu ceannard an treubh mi agus bheir mi spèis agus urram dha anns an nòs phrìomhadail ag­aibh . . . ge b’e nòs a tha sin. Innis dhomh air an rathad.” Thòisich Gogull a’ teàrnadh sìos bhon luing aige.

“Cha tèid mi dhachaigh.” Thàinig greann air an nighinn agus phaisg i a gàirdeanan gu daingeann air a broilleach. “Is beag orm iad.”

“Ah . . . trioblaidean leis an teaghlach. Tha mi a’ tuigsinn sin.” Choimhead e air an nigh­inn. Dhèanadh i fhèin deagh ghreim bìdh, bu dòcha. Bhiodh feòil gu leòr air a cnàmhan, ach an dèanadh e a’ chùis oirre gun arm? Bhiodh i sligheach air a casan anns a’ ghainmhich ghràin­eil seo. Bha e doirbh gu leòr do Ghogull fiù ’s coiseachd air an stuth.

Hide Ad

“Bha mi ag iarraidh cù air son na Nollaige ach thuirt m’ ant­aidh gum biodh e làn gaoisid ’s nach faighinn fear.” Choimh­ead Maiseag sìos agus thòisich i toll anns a’ ghainmhich le a cas. “Thuirt i gun dèanadh cù sgrios air an taigh. Thuirt mise nach dèanadh, ach ’n uair sin, thòisich mo chousin rànaich, agus thuirt mo mhàthair gun do mhill mi dìnnear na Nollaige. Thuirt m’ antaidh, ‘Thalla a-mach dhan t-sitig,’ agus sin na rinn mi, agus cha tèid mi air ais.”

Dìnnear, smaoinich Gogull, agus dh’imlich e a bhilean le a theanga chaoil chòrcair. Cha robh fios fon ghrèin aige dè bh’ ann an “cù” no “dìnnear na Noll­aige” ach bha an t-acras ga reub­adh ’na dhà leth.

Hide Ad

“Abair eucoir!” ars esan ann an guth a bha tòcail le diomb. Chrath e dà ghreimiche os a chionn. “Cha chuala mi sgeul­achd cho tiamhaidh a-riamh. Ach èist – tha fuasgladh agam dhut. Nach e cù a th’ annam!
Cù acrasach, tuigidh tu. Thoir dhachaigh mi agus togaidh sinn glainne do cheartas le chèile.”

“Cù?” Thionndaidh Maiseag a ceann agus choimhead i air Gog­ull air fiaradh. “Chan eil thu col’ach ri cù.”

“Ach se sin an rud as fheàrr umam. Se cù sònraichte a th’ annam, gun ghaoisid orm idir. Bidh d’ antaidh air a dòigh nuair a chì i mi.”

“Ach an dèan thu cleasan? An cluich thu ‘feids’?”

“Cleasan? B’ eòlach mi iomadh cleas ri mo latha. Ach tha mi fann is sgìth an-dràsta. A Mhais­eag chòir, nach toir thu biadh don chù agad?”

Shoilleirich aodann Maiseig. “OK, thig an taobh seo.” Rug i air greimiche Ghoguill agus thug i tarraing dha.

“Glè mhath,” arsa Gogull agus e a’ coiseachd ri a taobh. “Nis, innis dhomh mun antaidh agad. Tè òg a th’ innt’, an i?”

Hide Ad

Stad Maiseag agus rinn i lachan-gàire. “Gugaidh, tha thusa làn mablais . . . air son cù. Thugainn.” Thug i tarraing eile dha agus lean iad orra. Rinn iad an t-slighe aca air falbh bhon luing aig Gogull, suas an tràigh, agus a dh’ionn­saigh an taigh aig Maiseag, làmh air greimiche.

• Sann á Seattle a tha Tim Armstrong, 46. Chaidh oideachadh mar bhitheòlaiche, agus bha e ’na bhall den chòmhlan punc Ghàidhlig Mill a h-Uile Rud. Ann an 2009 fhuair e PhD ann an soiseochànanas bho Shabhal Mór Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain le tràchdas anns a’ Ghàidhlig; a-nise tha e ’na rann­saiche aig SMO. Choisinn an nobh­ail aige Air Cuan Dubh Drilseach duais a’ “chiad leabh­ar as fheàrr” o Chomann Crann na h-Alba. Tha e a’ sgrìobh­adh nobhail do dh’inbhich òga a-nis, Feur Buidhe an t-Samhraidh, a théid fhoillseachadh tràth an-athbhliadhna le Sandstone Press.