Bho Mhinistear gu Modaratair - an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan

A h-uile bliadhna feumaidh am Modaratair ùr Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba fhosgladh le beannachadh ann an Gàidhlig. Mar as àbhaist tha seo a cur eagal am beatha air na ministearan a thèid san dreuchd gach bliadhna. Tha seo fìor ach a-mhàin mu aon duine o chionn ghoirid. Am bliadhna sheas an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan, am Modaratair ùr, air beulaibh cruinneachadh de mhinistearan, luchd-poilitigs agus riochdairean bhon teaghlach rìoghail a labhairt gach facal ‘sa bheannachadh gu blasta ann an cànan nan Gàidheal.
Os cionn am Modaratair an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan leis a Phrìomh-mhinistear Nicola Sturgeon aig an Àrd-sheanadh. Picture: Neil HannaOs cionn am Modaratair an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan leis a Phrìomh-mhinistear Nicola Sturgeon aig an Àrd-sheanadh. Picture: Neil Hanna
Os cionn am Modaratair an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan leis a Phrìomh-mhinistear Nicola Sturgeon aig an Àrd-sheanadh. Picture: Neil Hanna

‘S e Mgr Moireasdan a’ chiad Modaratair le Gàidhlig o chionn faisg air leth chiad bliadhna agus thathar a’ filmeadh prògram aithriseach ùr airson BBC ALBA mun bhliadhna chudromach, eachdraidheil a tha seo.

Tha Bho Mhinistear gu Modaratair, a th’ air a riochdachadh le Caledonia TV airson BBC ALBA, a leantail Mgr Moireasdan air feadh na dùthcha tron bhliadhna a’ toirt sùil air na diofar thachartasan aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta far a bheil e a’ riochdachadh na h-Eaglais. Thathar an dòchas gun toir am prògram soilleireachadh do dhaoine mu obair a’ Mhodaratair tro shùilean Mgr Mhoireasdan a tha gu mòr airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh san eaglais agus ann an Alba.

Hide Ad

Thuirt am Modaratair ‘Is e bliadhna gu math làn agus inntinneach a th’ ann agus dh’ fhaodadh gum bi e na iongnadh dha cuid a bhith a’ faicinn cho farsaing agus cho eadar-dhealaichte ‘s a tha na tursan agus na dleastanasan a tha an sàs san dreuchd. Tha e cuideachd na fhìor shochair a bhith ann an seirbheis na h-eaglaise san dòigh seo. Leis gur e Modaratair na bliadhna seo a’ chiad Ghàidheal a bha san dreuchd o chionn deagh ùine, tha mi an dòchas gu tog sin barrachd ùidh anns a’ phrògram am measg luchd-amhairc.’

Thòisich Caledonia TV a’ clàradh sa Ghearran a’ feuchainn ri dealbh a dhèanamh dhan duine fhèin agus a bheatha gu ruige seo. Ann an Steòrnabhagh chunnacas Mgr Moireasdan a’ tilleadh air ais dhan choitheanal a bh’ aige fad bhliadhnachan mòra, Eaglais Naomh Chaluim Chille. Chunnacas cuideachd e a’ fàgail a choitheanal aige ann am Peairt is Ceann Rois airson deisealachadh airson 
a bhliadhna mhòr a bha roimhe.

Tha Mgr Moireasdan ag innse anns a’ phrògram mu cho dèidheil ‘s a tha e air a’ Ghàidhlig is a cuid litreachais is dualchais agus mar a tha e airson a’ Ghàidhlig ath-bheothachadh. Chunnacas seo aig Àrd Eaglais St Giles is e ag iarraidh air gach duine san èisteachd a’ Phaidir a ghabhail sa chànain as dlùithe dhaibh-san. Chualas an uair sin a’ Phaidir, ùrnaigh bhrèagha Ghàidhlig, air a seirm leis a’ Mhodaratair air feadh na h-eaglais. ‘San Dàmhair dh’ fhosgail e cuideachd am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban, am baile san deach àrach, le òraid ag ainmeachadh tachartas trèanaidh ùr airson taic agus brosnachadh a thoirt do stiùirichean aoraidh a tha airson searmonachadh sa chànain.

Ach chan eil am prògram a’ coimhead a-mhàin air tachartasan mòra ach cuideachd a’ cur eòlas air an duine fhèin agus na h-anasan a tha an luib na h-obrach. Chithear Mgr Moireasdan a’ gluasad bho dhachaigh ann am Peairt is Ceann Rois gu flat a’ Mhodaratair ann an teis-meadhain baile Dhùn Èideann. Chithear an t-atharrachadh a th’ ann eadar beatha a’ Mhodaratair agus beatha a’ mhinisteir - a’ taghadh is a’ feuchainn air gùintean a bh’ aig Modaratairean a bh’ ann roimhe is a dh’ fheumas a bhi air aig seirbhisean sònraichte agus cothrom a dhol air stiùir bàta-teasairginn an Òbain.

Chan e slighe rèidh a bh’ ann do Mhgr Moireasdan ge-tà. Cluinnear bhuaithe mar a chaidh a thaghadh na Mhodaratair anns a’ chiad dol a-mach ann an 2013. Dìreach dà mhìos mus robh dùil aige tòiseachadh san dreuchd b’ fheudar dha an cothrom a leigeil seachad ge-tà air sàillibh adhbharan slàinte. Thàinig an naidheachd gun robh e fulang le aillse prostate agus gum biodh aige ri dhol fo ‘n lannsair. Innsidh Mgr Moireasdan mun bhliadhna a bh’ aige a’ slànachadh agus an gàirdeachas a rinn e nuair a chaidh a thaghadh a-rithist mar Mhodaratair ann an 2014.

Rugadh Mgr Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 agus bha athair, às na Hearadh bho thùs, ag obair airson Bòrd Thaighean-solais a’ Chinn a Tuath. Chaidh àrach eadar an t-Oban, Dùn Èideann agus Stromness. Bha Mgr Moireasdan roimhe na mhinistear san Eaglais Shaor-Chlèireach mun do ghluais e gu Eaglais na h-Alba far a robh e na mhinistear ann an Steòrnabhagh agus an uair sin ann an Orwell agus Portmoak ann am Peairt is Ceann Rois.

Hide Ad

Thathas an dùil gun tèid am prògram a chraoladh air BBC ALBA, Diardaoin 5mh Cèitean an ath bhliadhn’, seachdain ron Àrd-Sheanadh agus air an t-seachdain mu dheireadh aig Mgr Moireasdan mar Mhodaratair.