Ann an Éirinn a-Tuath, tha gach buidheann ’na mion-bhuidhinn

THA gach buidheann anns a’ choimhearsnachd ’na
mion-bhuidhinn a-nis agus chan eil duine sam bith a’ buannachadh. Sin an aon chodhunadh a dh’fhaodar toirt á figearan cunntais-shluaigh 2011 ann an Éirinn a-Tuath.

Son a’ chiad uair riamh, cha tuirt ach 48 ás a’ cheud den t-sluagh gu bheil iad British ann an dòigh sam bith, agus tha Pròstanaich a-nis ’nam
mion-bhuidhinn air 48 ás a’ cheud – tha e inntinneach gur ionnan an dà fhigear.

Air an adhbhar sin, se mion-bhuidhnean a th’ anns na Breatannaich agus na Pròstanaich araon ann an Éirinn a-Tuath, “mion-stàit” a chaidh a stéidheachadh son mórchuid a dhaingneachadh dhaibh.

Tha linn “Ulster is British” réidh, tha e coltach.

Hide Ad

Chan eil cunnart sam bith ann gum biodh bhóta sam bith ann do “Éire Aonaichte” air na figearan seo ge-tà, agus bidh briseadh-dùil mór air na pàrtaidhean nàiseantach, ’s air Sinn Féin gu h-àraid.

Cha do roghnaich ach 28 ás a’ cheud den t-sluagh Irish mar dhearbh-aithne ann an dòigh sam bith agus cha tuirt ach 25 ás a’ cheud gun robh iad Irish Only.

Se Northern Irish a bh’ aig 29 ás a’ cheud orra fhéin agus thuirt 21 ás a’ cheud gun robh iad Northern Irish a-mhàin. A réir sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh ann an Gaelscéal, se “nàiseantaich” a bh’ anns a’ mhórchuid aca seo.

Bidh dòchas an
Luchd-Aonaidh air a chur anns a’ bhuidhinn ùir seo oir, ged a bhios a’ mhórchuid aca a’ bhótadh air son pàrtaidhean “nàiseantach” (Sinn Féin no an SDLP), chan eil e coltach gu bhót iad air son Éirinn Aonaichte aig an ìre seo.

Is cinnteach gur ann orra sin a bhios crannchur Éirinn a-Tuath a’ crochadh, ’s chan urrainn do Luchd-Aonaidh a bhith cinnteach nach ann son Éirinn Aonaichte a bhótadh iad nan tilleadh econamaidh Poblachd na h-Éireann gu slàinte.

Tha coltas ann gu bheil Caitligich a’ faireachdainn gu bheil dàimh aca ris an stàit, dìreach mar a dh’fhàisnich an Caiptean Terence O’Neill, a bh’ air a dhreuchd a leigeil seachad mar Phrìomh Mhinistear Éirinn a-Tuath, ann an 1969: “If you treat Roman Catholics with due consideration and kindness they will live like Protestants.”