Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe
![](/www.scotsman.com/imagefetch/https://images-a.jpimedia.uk/imagefetch/http://editorial.jpress.co.uk/mastheads/SWTS-masthead-share-img.png?crop=3:2,smart&width=640&quality=65&enable=upscale)
![](/img/placeholder.png)
THUG Barack Obama agus Dàibhidh Camshron rabhadh gun atharraich seasamh na dà dhùthch’ aca mu eadraiginn ann an Siria ma chleachdas riaghaltas Assad airm cheimigeach.
• Sgrios ban-fhoirfeach dealbh prìseil de Chrìost ann an eaglais faisg air Zaragoza anns an Spainnt. Bha e ann an droch càradh agus dh’fheuch i ri a chur ceart, ach mhill i buileach e.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad• ThÉid a’ chiad roth-uidheam làin-mhara a tha gu bhith fo shealbh coimhearsnachd a thogail far cladach Shealtainn.
• Dhiùlt comhairlichean Obair Dheathain gabhail ri pròiseact mór leasachaidh air gàrraidhean meadhain a’ bhaile.
• Gheibh Chris Hoy saorsa Bhaile Dhùn Éideann air son nan euchdan aige sna Geamachan Olimpeach. Is e seo an t-urram as àirde as ghabhas buileachadh air.
• Thugadh binn 21 bliadhna prìosain do dh’Anders Breivik a chuir ás do 77 duine an-uiridh.
• ghabh oilthighean Alba ri barrachd oileanaich Shasannach am-bliadhna na riamh roimhe, ’s na h-àireamhan air éirigh 26 ás a’ cheud gu ruige seo. Chaidh an àireamh de dh’Albannaich a bha air an gabhail sìos 0.2 ás a’ cheud.
• Tha draghan air éirigh mu càit an togar sgoil Ghàidhlig ùr Loch Abar, agus daoine a’ gearan gu bheil an làrach air Rathad Àird Ghobhar mì-ghoireasach.