Tha Murray MacLeòid ag ràdh gu bheil Brexit ri choireachadh son gu leòr a throimh-chèile

‘S mi a tha taingeil nach tàinig an smuain a-steach orm teicheadh a-nall thall-thairis ach am faighinn air cùlaibh a chur ri pàrtaidhean mòra na Bànrigh.
Fhuair Boris air Brexit a dheànamh, ach am b’fhiach e? (Dealbh: Ben Stansall/pool/AFP via Getty Images)Fhuair Boris air Brexit a dheànamh, ach am b’fhiach e? (Dealbh: Ben Stansall/pool/AFP via Getty Images)
Fhuair Boris air Brexit a dheànamh, ach am b’fhiach e? (Dealbh: Ben Stansall/pool/AFP via Getty Images)

[English-language version below]

Bha mi gu gomadaich a’ smaoineachadh air na tha sin de flagaichean is de theatha, ach an dèidh sin, ‘b e as fheàrr na bhith na do stob uairean a thìde aig port-adhair, mar a tha gu leòr an dràsta.

Tha an troimh-chèile timcheall siubhail ri linn ‘s nach eil luchd-obrach gu leòr aca airson nam bagaichean a làimhseachadh – a-rèir nan companaidhean siubhail co-dhiù – ach tha e cuideachd mu dheidhinn cuspair mòr eile…. Brexit na mollachd.

Hide Ad
Hide Ad

Tha fhios gur e gnothach a tha ann dha na companaidhean a bhith a’ dèiligeadh le gainnead luchd-obrach, ach ‘s cinnteach gun robh còir aca tuigsinn gum biodh an t-uabhas a’ siubhal an-dràsta agus as t-samhradh ri thighinn ‘s cùisean, an ìre mhath, air ais chun na h-àbhaist.

A thuilleadh air duilgheadas nam bagaichean, tha na bacaidhean a bharrachd a tha a’ tighinn le ceadan-siubhail air cur ris.

Agus an cois sin, tha trioblaid eile. Chan eil e math gu leòr tuilleadh dìreach an cead-siubhail a bhith taobh a-staigh a’ cheann-là air a bheil còir aige ruith a-mach. Tha diofar riaghailtean aig diofar dhùthchannan a thaobh dè cho faisg ‘s a dh’fhaodas e a bhith air a' cheann-là mus tig do dhiùltadh.

Read More
Tha Murray MacLeòid ag ràdh gu bheil margaidh an fhearainn a-mach à rian

Chunnaic mi fhèin cho cudromach ‘s a tha seo. Bliadhnaichean air ais, bha mi a’ siubhal dhan Spàinn agus ged a bha mo chead-siubhail air a’ bhliadhna, cha do mhothaich mi gun robh e dìreach air ruith a-mach. Gu fòrtanach, cha robh sin gu diofar aig an àm, bhon a bha an uimhir de shùbailteachd ann.