Boinne ann am beul na gaoithe
• Bha mìltean dhachaighean an Arainn ’s Cinn Tìre gun dealan an t-seachdain sa nuair a chaidh crainn agus càballan a bhriseadh le sneachda agus reothadh.
• Tha Breatainn a’ pàigheadh nam prìsean slàn-reic as àirde air an t-saoghal air son gas. Chaidh earalachadh gun ruith an stòras gas a-mach a dh’aithghearr.
Advertisement
Hide Ad• Bidh cùrsa deich latha air “Àrainneachd, Cànan agus Dualchas” air a chumail, tron Ghàidhlig, aig Ionad Columba 1400 ann an Stafainn bho 15 gu 26 Iuchar 2013. Bidh e air a stiùireadh le Ruairidh MacIlleathain. Tuilleadh fios bhuaithesan air [email protected]