DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Tha leabhraichean gasta a’ tighinn á Ceap Breatainn

THA rudeigin a’ tachairt thall an Canada. Tha dà chompanaidh, Sìol agus Clò Oilthigh Cheap Breatainn, a’ tionndadh a-mach leabhraichean Gàidhlig a tha a’ sìor fhàs nas tarraingiche.

Bheir sinn sùil air toradh Clò an Oilthigh sa Bhliadhn’ Ùir; tha feum air cabhag le leabhraichean Sìol Cultural Enterprises ge-tà (www.gaelicbooks.com), oir chan fhaigh sibh iad – na dhà seo, co-dhiù – o Chomhairle nan Leabhraichean.

CHAN urra dhomh smaointinn air duine idir nach biodh toilichte Ás an Abhainn Mhóir: English-Gaelic Recipes from Pictou County fhaotainn air son na Nollaige. Luchd-Gàidhlig son cho math ’s a tha a’ Ghàidhlig. Còcairean leis cho inntinneach ’s a tha na recipes. Agus neo-chòcairean craosach mar mi fhìn leis cho blasta ’s a tha a h-uile duilleag.

Chaidh na recipes a chruinneachadh ’s eadar-theangachadh le “Comataidh an Leabhar-Chòcaireachd”. Tha ainmean mnathan-uaisle na Comataidh air an duilleig thiotail. Tha cóignear dhiubh cho Gaidhealach ’s a ghabhas: Nic an t-Saoir, NicAonghais, NicCoinnich, NicAoidh, NicDhòmhnaill. Tha ainm na t’éile a-cheart cho freagarrach: Cooke. Agus abair gu bheil Gàidhlig bhrèagha aca! Tha Beurla agus Gàidhlig mu choinneamh a-chéile, ’s chan eil mi faotainn coire sam bith dhan eadar-theangachadh.

Théid mi nas fhaide. Se comharradh deagh eadar-theangachaidh gum mìnich e a’ chànan tùsail. Tha sin a’ tachairt an-seo, leithid: “Cream shortening and sugar.” = “Buail a’ bhlonag agus an siùcar ann am bobhla.”

Tha cóig earrannan ann, ‘Brot ’s Stiùbh’, ‘Prìomh Chùrsa’, ‘Arain’, ‘Mìlsean’, ‘Measgaichte’. Ann am ‘Measgaichte’ tha saileadan, jam, eggnog, Yorkshire pudding (‘Bonnach Albannach’ !), fuids, todaidh teth, fuarag, mayonnaise, tofaidh, corn relish (‘Brìgh de Mhaois’), ‘Marg’s Green Tomato Mincemeat’ agus ‘Head Cheese’ (‘Càise Cinn’). Ged nach eil càise ann an càise cinn, tha ceann – ceann muice. “Glan an ceann, thoir ás na sùilean agus an eanchainn, agus thoir dheth na cluasan. Sàbh e ann a’ 4 pìosan . . .”

Tha an leabhar air a sgeadachadh le seanfhaclan, sgeulachdan beaga ’s dealbhan-camara dathte, chan ann de chàise cinn tha mi toilichte a ràdh ach de sheallaidhean brèagha Phictou. Soidhnichean dà-chànanach ’nam measg.

Ulaidh de leabhar.

AN aithne dhut an sgeulachd mun each-uisge ann an riochd duine a tha ag iarraidh dual de ghruaig boireannaich òig? O’n tha i rud beag amharasach, bheir i dual bho sheiche mhairt dha. Thig an t-seiche beò agus falbhaidh i (an t-seiche) a-staigh dhan loch còmh’ ris an each-uisge!

Ged nach aithne, is cinnteach gun aithne dhut “Spòg Liath” neo “Tàillear na Manachainn”. Mar as trice bidh thu ga innse le faileas do làmhan air a’ bhalla aig àm leabaidh na cloinne. “Siud an spòg mhór liath ’s i gun bhiadh, a thàilleir,” tha an corp ag ràdh agus e ag éirigh on uaigh.

“Chì mi sin, agus fuaighidh mi seo,” tha an tàillear a’ freagairt.

“Siud an ceann mór liath agus e gun bhiadh, a thàilleir!” tha an corp ag ràdh an uair sin.

“Chì mi sin, agus fuaighidh mi seo!”

Agus mar sin air adhart, le tòrr lachanaich agus sgreuchail agus a’ chlann am falach fon aodach leapa. Geama math. Ach a-nise tha Sìol air seòrsa de ghraphic novel a thoirt a-mach, An Suiridhe Sìth / An Tàillear ’s an Taibhse, anns a bheil an dà sgeul air an innse ann an dealbhan cumhachdach dubh ’s geal le Aonghas MacLeòid. Còrdaidh e ri clann àrdsgoile ’s ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann am beul-aithris.

Tha puing eile ri dhèanamh. Cha robh ealain léirsinneach againn riamh ann an dualchas nan Gaidheal. Ann a bhith toirt ar sgeulachdan beò feumar a cruthachadh o na ciad phrionnsabalan. Tha sin a’ ciallachadh (’na mo bheachd fhìn) fios a bhith againn dé an coltas, ann an inntinn nan sgeulaichean o shean, a bhiodh air an each-uisge, air a’ bhoireannach, air an tàillear, air an eaglais.

San t-seagh sin, chan eil MacLeòid ach letheach-shlighe: letheach-shlighe eadar Canada agus Alba, is dòcha. Nan robh airgead agam, stéidhichinn duais aig a’ Mhòd son ar sgeulachdan tradiseanta ath-chruthachadh gu h-ùghdarrasach ann an dealbhan.

Mar sin, ’nam shùilean-sa tha An Suiridhe Sìth / An Tàillear ’s an Taibhse ’na chloich-mhìle. Tha e math dha-rìribh; ceannaich e.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Wednesday 22 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 13 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Light showers

Light showers

Temperature: 5 C to 10 C

Wind Speed: 24 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.

 
build v 1.1