Tha ar maighstirean a’ sireadh cead farchluais oirnn uile
“Tha cho math dhuinne brathadh air an t-sluagh, ach abair ùpraid ma nì sibhs’ e.”
Sin an teachdaireachd a tha Riaghaltas Westminster a’ cur a-mach leis an dreachd bhile faire air a bheil mòran a’ toirt “snooper’s charter”. ’Nam measg tha fear a bha uaireigin ’na Rùnaire Dùbhlain na Dùthcha, Dàibhidh Davis. Bheir am bile cead don riaghaltas sùil a chumail air puist-dhealain, Twitter, Facebook, agus gnìomhan eile an eadar-lìn le bhith toirt air na solaraichean lìn am fiosrachadh sin a lìbhrigeadh thuca.
Nach ann orrasan a tha an aghaidh, tacan an dèidh dhaibh a bhith a’ cànran ’s a’ caoineadh mu dhol a-mach an ‘eas’caraidean ann an NewsCorp International. Tha iad fhathast a’ toirt slaicean ás an fheadhainn a bha cho dlùth dhaibh roimhe, Rebekka Brooks, Andy Coulson et al., a thèid air beulaibh cùirte, taing don phoileas ionmhainn a bhios bho seo a-mach a’ brathadh oirnne gu an togradh.
Bidh iadsan agus am poileas a’ cumail nan crìonglaich a bh’ aig an News of the World – oh , agus a bha am broilleach na cuideachd aig fleadhan agus cuirmean comhairleachaidh Westminster – cunntachail son farchluais agus meadhanan brathaidh eile a rinn iad air na h-urrachan mòra a bharrachd air na cumantaich.
Cha toir am bile ùr cead dhaibh coimhead a-steach do ar brathan conaltraidh (gun bharantas bhon Rùnaire) ach dìreach cò, cuin agus càit an robh sinn gan dèanamh – fad an t-siubhail. Seadh, bidh na ceudan no na mìltean de phoileas air fad is leud na tìre a’ feitheamh gus am faigh iad cead bho aon duine mus toir iad sùil air ar fiosrachadh pearsanta – ar brathan-fòn, ar teacsaichean, ar puist-dhealain ’s ar gluasadan fhad ’s a bhios sinn gan cur a-mach bho na h-innealan. Tha fhios nach eil aon duine coirbte sa phoileas, mar sin, na gabh dragh oir cha bhean iad dhuinn. Bidh an t-aon duine sin, Rùnaire na Dùthcha, a’ toirt sùil gheur mhionaideach air a h-uile iarrtas gus am bi e (no i) deimhinn ás gu bheil gach gin dhiubh air adhbhar leas ar tèarainteachd fhìn. Abair gu bheil faochadh orms’ a-nis! Sinne mar-thà an dùthaich as motha aig a bheil de chamarathan CCTV air an t-saoghal a rèir àireamh an t-sluaigh, agus leis a’ bhile ùr seo, dè an diofar eadar Breatann agus dùthchannan eile, leithid Sìona, far a bheil smachd teann ga cumail air conaltradh tron eadar-lìon?
Ò uill, chan eil againn ach fuireach sàmhach agus bidh sinn ceart gu leòr. Cha thilg an coire air a’ phrais e.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Wednesday 19 June 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 8 C to 19 C
Wind Speed: 20 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 11 C to 19 C
Wind Speed: 7 mph
Wind direction: North
