DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Na h-Eilbheisich ud: an e seo as coireach gu bheil iad cho damainte math air gach nì?

THA cliù aig Roger Federer, chan ann a-mhàin air son a sgilean teanais ach air son a mhodhan stòlda ’s a chomasan cànanach.

Nì e agallamhan gun dragh ann an Gearmailtis, Fraingis no Beurla ’s bidh e tighinn thairis cho laochail – cinnteach ás fhéin gun a bhith ro àrdanach. Ann an iomadach dòigh tha e a’ riochd­achadh buadhan a’ chruinnid, na coileantachd, fiùs na foirfeachd, son a bheil dùthaich a bhreith, an Eilbheis, ainmeil.

Is tric a bhios an Eilbheis ga cur air adhart mar eisimpleir de dhùthaich adhartach, bheartach, dheamocratach far a bheil coth­romachd eadar cànanan agus cultaran. Ge-tà, tha e coltach gu bheil a’ chothromachd stéidh­ichte air gléidhteachas phoilitig­each agus eachdraidh fhada neo-eisimeileachd aig ìrean nàiseanta, roinneil agus sgìreil.

Tha na litrichean CH a chith­ear air càraichean ’s air làraich-lìn a’ riochdachadh Confoeder­atio Helvetica, ainm Laidinn na dùthcha. Cheannsaich na Ròm­an­aich fo Julius Caesar an treubh Ceilteach ris an canadh iad na Helvetii sa chiad linn ro Chrìost.

Tha fuirmean eile de dh’ainm na dùthcha a’ tighinn bho chanton Schwyz, a nochd ann an aontachadh sgrìobhte, am Bundesbrief, bhon bhliadhna 1291 nuair a chuir trì cantonan saora romhpa obrachadh le chéile gus na còirichean aca dhaingneachadh ann an lagh agus a dhìon.

Dh’fhàs bun-structar poilitig­each ás an lìonraidh de dh’aont­aidhean eadar cantonan a bha a’ sireadh coitcheannas nan roinn­t­ean Alpach. Cha robh móran riaghlaidh aig ìrean nàiseanta mus d’ fhuair na Frangaich fo
Napoleon smachd air an dùth­aich ann an 1798.

Ge-tà, cha do ghabh na h-Eil­bheisich ris a’ phoblachd bhun-reachdail a chaidh a sparradh orra le làmhachas-làidir nam Frang­ach, agus dh’éirich iad air taobh na Ruis agus na h-Ostair ann an Cogaidhean Napoleon.

Bhuannaich an Eilbheis aithn­e eadar-nàiseanta ’na dùth­aich neo-eisimileach fheadarail aig Còmh­dhail Vienna 1814-15, ’s thàinig Genève a-steach mar chanton.

Dh’aontaicheadh bun-reachd maireannach ann an 1848 an déidh cogadh sìobhalta nuair a dh’fheuch seachd cantonan Cait­ligeach ri caidreabhas a stéidh­each­adh eatarra. Cha deach an cogadh leotha ach cha do chaill ach mu cheud duine am beatha.

Tha na h-Eilbheisich a’ faicinn a’ bhun-reachd mar aontachadh eatarra a ghabhas leasachadh ’s atharrachadh a réir feumal­achd­an, chan ann mar laghan bith-bhuan snaidhte ann an cloich, mar a chithear bun-reachd nan Stàitean Aonaichte le cuid.

Chan eil ceannard stàite aca mar a tha aig dùthchannan eile. Tha am Président mar phrìomh riochdaire am measg cho-chos­lach – primus inter pares.

Tha de chòir aig muinntir na h-Eilbheis dùbhlan a thoirt do lagh sam bith aig àm sam bith. Sann don chanton a bhuineas neach, ’s ged a tha corra àite dà-chànanach ann, thathas an dùil gun cleachd daoine cànan na canton far a bheil iad a’ fuireach.

Chaidh neo-eisimileachd na h-Eil­bhis a chur gu deuchainn chruaidh anns an dà chogadh mhór nuair a chum iad ri neo-phàirteileas armaichte. Bha fìor ghràin aig Hitler ris an dùthaich. ’Na bheachd-san bha i ’na “pluc air aghaidh na h-Eòrpa”. Rinn iad dùn armaichte de na beannt­an aca agus rinn iad soilleir gun robh iad deiseil an dùthaich aca a dhìon bho gach taobh. Dhiùlt muinntir na h-Eilbheis gabhail ri creideamh nan Nazi ged cheann­aich na bancaichean aca gu leòr den òr a bha na Gearmailtich air a ghoid bho na h-Iùdhaich agus bho dhùthchannan beaga eile. Tha buaireadh a’ dol fhathast mu dheidhinn.

An-diugh tha sluagh 7.8 mill­ean a’ fuireach ann an 26 canton­an. Se Gearmailtis as motha a tha iad a’ bruidhinn (65 ás a’ cheud).Tha Fraingis san dara àite le 23 ás a’ cheud agus Eadailtis san treas àite le 9 ás a’ cheud. Ach do 63
ás a’ cheud se Schwyzerdütsch cainnt na dachaigh – seòrsa de Ghearmailtis gu math eadar-dheal­aichte bho Hochdeutsch, neo Standarddeutsch, cànan inbheil na Gearmailt fhéin.

Tha Schwyzerdütsch air a cleachd­adh le gach dream sòis­ealta anns gach ìre den bheatha làitheil, fiùs aig coinneamhan an riaghaltais, ged as e Standarddeutsch as trice a chleachdar ann an sgrìobhadh agus ann am foghlam.

Tha e gu math àbhaisteach
do luchd bruidhinn Schwyzer­dütsch a bhith cha mhór a cheart cho fileanta ann am Fraingis ’s a tha iad ann an Standarddeutsch. Cuiridh iad seachad bliadhna ’nan òige, Welschlandjahr, anns an Romandie – na cantonan Frangach, mar gum bitheadh –
a’ togail a’ chànain.

Chaidh muinntir na Romandie an rathad eile agus a’ chainnt làitheil aca a’ sìor fhàs nas fhaisge air Fraingis choitcheann. Ged as i Francoprovençâl neo Arpetan a bha air a bruidhinn bho shean air feadh na Romandie chan eil ach mu 7,000 duine aig a bheil i a-nis, agus chan eil inbhe oifigeil aice idir.

Tha aig na h-Eilbheisich ri bhòt­adh tric ann an reifreannan. Chithear mar a thathas a’ creid­sinn gu mór ann an co-ionnanachd chànanach bho mar chaidh tomhas math de dh’inbhe oifig­eil a thoirt do Rumantsch, a tha ga bruidhinn le 15 ás a’ cheud ann an canton Grischun agus le nas lugha na 1 ás a’ cheud anns an dùth­aich uile gu léir.

Ma tha sin a’ coimhead adh­ar­t­ach an coimeas ri dùthchannan eile, cuimhnichibh gun robh
aig boir­eannaich Eilbheiseach ri feith­eamh gu 1971 mus d’ fhuair iad coìrichean bhòtaidh aig ìre nàiseanta.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 26 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 8 C to 16 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Tomorrow

Light rain

Light rain

Temperature: 8 C to 12 C

Wind Speed: 18 mph

Wind direction: South

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.