Ma tha an taigh mar gum fàgadh muir-làn e, leig a-mach air a chùlaibh
Tha Gnàthasan-Cainnt le Dòmhnall Greumach (Clàr, £5.99) ’na chruinneachadh de thimcheall air mìle abairt fheumail á Leódhas, ás na Hearadh ’s á Uibhist a-Tuath. Feumaidh gun robh tòrr sgròbadh cinn aig toiseach a’ phròiseact, oir tha e furasta rudan mar abairtean neo seanfhacail a thrusadh, ach se rud eile rian a chur orra!
Eu-coltach ri luchd cruinneachaidh sheanfhacal, chuir an Greumach an aghaidh òrdugh na h-aibidil a chleachdadh. Cha do rinn e ach na chruinnich e a chur fo naoi cinn – ‘Nàdar an Duine’, agus mar sin air adhart.
Nise, se gnàthas-cainnt an dara duine briathrachas an duin’ eile. Ghlac an Greumach san lìon aige iomadh seòrsa dòigh-labhairt eadar faclan agus ìomhaighean. Ann a bhith a’ cur solas air na naoi cinn, bheir mi seachad eisimpleir de gach seòrsa.
‘Nàdar an Duine’. Chaidh e às a rian. He went haywire. Chuir i ceò-druidh air. She mesmerised him.
‘Òrduighean is Bagairtean’. Cùm sin air leth. Keep that apart. Thoill thu car a chur nad amhaich! You deserve to be severely punished!
‘Dreach Corparra’. Bha e casruisgt. He was barefoot. Tha làn achlais innte. She’s fairly fat.
‘Staid an Àite’. Taigh-cuthaich. A madhouse. Bha siud mar gum fàgadh muir-làn e. That was left in a right mess.
‘Muir is Tìr’. Tha na croitean uile bàn. All the crofts are fallow. Leig e a-mach air cùl an taigh. He built an extension at the back of the house.
‘Gnìomhan’. Thàinig e à tòin Shasainn. He came from the south of England. Bha iad a’ ruith nan cnoc. They were enjoying freedom.
‘Lathaichean agus Aimsir’. Tha e gu math fliuch. It’s fairly wet. Tha sìneadh a’ tighinn dhan latha. The days are getting longer.
‘Beachdan’. Bha thu ro throm oirre. You were too strict with her. Chan eil cùmhnadh air canabhas an siud. There’s no expense spared there.
‘Measgachadh’. ’S e Seonag a bh’ oirre. She was called Joan. Cùm do làmh ris. Keep it well maintained.
Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil Gàidhlig – neo a tha ga h-ionnsachadh – Gnàthasan- Cainnt a cheannach.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Thursday 23 May 2013
Today
Light showers
Temperature: 5 C to 10 C
Wind Speed: 25 mph
Wind direction: North west
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 3 C to 13 C
Wind Speed: 20 mph
Wind direction: North east
