Luach an eadar-theangachaidh don Ghàidhlig
Tha beachd a’ dol gu bheil eadar-theangachadh chun na Gàidhlig ’na nì a tha ri fulang air sgàth droch staid a’ chànain, air neo gu bheil e dèanamh cron air gnàthasan cleachdaidh. Chan eil annta seo ach barailean faoine ge-tà.
San leabhar Thall ’s A-Bhos, chuir Calum Greum agus Donnchadh MacIllÌosa Gàidhlig shnasail air sgeulachdan goirid le ùghdaran iomraiteach leithid Lewis Grassic Gibbon, James Joyce, Damon Runyan agus Bernard Malamud. Thug iad a-steach cuspairean agus suidheachaidhean ùra do shaoghal leughaidh nan Gaidheal, agus is iad seo cuid de na sgeulachdan goirid a bu deise a th’ air an sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig.
Eadhon le sùil aithghearr, chithear a’ bhuaidh mhòr a thug eadar-theangachadh air sìobhaltachdan an t-saoghail. Fhuaras air aibideilean ùra a chruthachadh agus eòlas agus creideamhan a sgaoileadh, inbhe chànanan àrdachadh le leasachadh air litreachasan nàiseanta, agus nòsan ùra a thoirt a-steach do chultaran a bhiodh na bu truaighe dheth ás an aonais.
Is i cultar na Frainge aon dhiubh sin. Bha eadar-theangair do’m b’ ainm Claude Seyssel ag aslachadh air Rìgh Louis XII ann an 1519 gun robh litreachas Fraingis ro easbhaidheach agus gum biodh eadar-theangachadh ’na mheadhan air a leudachadh. Chuir Jacques Amyot (1523-93) uiread ri litreachas na Fraingis gun tugadh “Prionnsa nan Eadar-Theangairean” air, ’s tha e cliùiteach fhathast do bhrìgh cho soilleir ’s cho siùbhlach a bha na tionndaidhean aige. Mura b’ esan agus iomadh eadar-theangair eile, cha bhiodh dualchas litreachais na Frainge cho brìoghmhor ’s a tha e an-diugh.
Ann an Èirinn, rinn An Gúm tòrr eadar-theangachaidh sna 1920an agus 1930an air chor ’s gun deach litreachas na Gaeilge a mheudachadh. Lean an t-saothair gu cànain àrd litreachais agus bha an leasachadh seo o “caint na ndaoine” gu gnàthachadh litreachaidh ’na bhuannachd do sgrìobhadairean Gaeilge nan 1960an agus nan 1970an.
Dè ma-tà luach an eadar-theangachaidh don Ghàidhlig? Tha eadar-theangachadh air cànan mar a tha todhar air fearann. Bidh e ga mhathachadh gus am faod e e fhèin a dhèanamh suas ris gach caochladh staid a thig air. Dh’fhaodadh deagh eadar-theangachadh spionnadh ùr a thoirt don chànan, agus a bhith na bu shaoire na foillseachadh litreachais dhùthchasaich. Tha sinn ag iarraidh pailteas litreachais dhùthchasaich, ach an-dràsta mura bheil an t-airgead no na sgrìobhadairean ann, lìonadh eadar-theangachadh am beàrn. Cuideachd, gus an seann duilgheadas sin a sheachnadh – gum faod leughadairean Gàidhlig an leabhar tùsail a leughadh seach an tionndadh – tòisicheamaid air deagh litreachas nach eil sa Bheurla fhathast!
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Wednesday 19 June 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 9 C to 18 C
Wind Speed: 16 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 12 C to 20 C
Wind Speed: 8 mph
Wind direction: East
