DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Leasan ealain ás na Hearadh

THA Two Views of Harris: Na Hearadh bho Dhà Shealladh le Lesley agus Alisdair Wiseman (Acair, £15) ’na leabhar brèagha aig am bi tarraing air leth do gach duine aig a bheil buntanas sam bith ris na Hearadh.

Air gach duilleig dheis tha dealbh mór dathte, air gach duilleig chlì tha pàirt dhen aon dealbh còmhla ri iomradh Beurla agus Gàidhlig ann an litrichean caibideil.

Tha stoidhle an dà Wiseman eadar-dhealaichte agus se amas an leabhair an coimeas ri chéile. Bidh Alisdair a’ glacadh na chì an t-sùil fhosgailte, a’ cleachdadh peansail agus dathan-uisge còmhla. Bidh Lesley a’ peantadh air sìoda agus a’ glacadh an t-solais ’s nan dathan a chì an t-sùil leth-dhùinte. Ann an dòigh ma-tà tha an leabhar ’na leasan ealain, a’ sealltainn mar a tha na h-aon tràighean, na h-aon chreagan ’s an aon mhuir a’ toirt dealbhan riochdail agus abstract gu bith.

Ormsa tha Alasdair a’ toirt smaointean air daoine, Lesley air Dia. Seo mar eisimpleir na choilean an dithist air là ann a Hùisinis: Alisdair air an làimh chlì, Lesley air an làimh dheis. Tha Lesley ag ràdh: “Chunnaic sinn na h-aon seallaidhean, na sùlairean san adhar, agus flùraichean na machrach a’ briseadh troimhe, le soirbheas beag laghach gar cuartachadh. Tha ar dòigh air sin a chur an cèill glè eadar-dhealaichte, ach le cumantas eatarra an dèidh sin.”

Chan eil ach aon ghearain agam: tha an sgrìobhadh clò-bhuailte air dathan làidire, a’ Bheurla ann an geal ach a’ Ghàidhlig ann an dubh; mar sin tha a’ Bheurla nas fhasa a leughadh na a’ Ghàidhlig.


Logged in as:


Please adhere to our Community guidelines

Your view

Please to be able to comment on this story.

Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Monday 28 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 10 C to 16 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.