DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Gaelic: Sgainnealan dopaidh – tha tòrr nas miosa ri thighinn ann an 2013, a rèir choltais

SE crìonadh Lance Armstrong an sgainneal dopaidh as motha bho dh’fhàillig Ben Johnson deuch­ainn-fala aig Geamannan Olimpeach Seoul.

Tha rothaireachd a-rithist air a tàm­ail­teachadh agus, do mhòran, tha seo ’na dhearbhadh gu bheil an spòrs cho coirbte ’s a bha e a-riamh.

Tha an Union Cycliste Internationale (UCI) a’ dol ás àich­eadh gun do dhìon iad Armstrong bho chas­aid droga on bha an Teacsach air fàs ro chudrom­ach do dh’ìomh­aigh na rothair­eachd agus a’ mhargaidh luach­mhoir Ameir­eag­anaich. Tha ceis­t­ean ann an robh iad da-rìribh air son – no comasach air – dop­adh a spìonadh ás. Ach coirbte ’s gu bheil an spòrs, tha sgrùdadh air, an dà chuid am broinn rothaireachd fhèin agus bho ùghdarrasan pob­lach, a tha nas cruaidhe na air spòrs sam bith eile.

Le Buidheann Dopaidh nan Stàitean Aonaichte, no USADA, a’ cleachdadh aithisgean o bhuill na seann sgioba aige, clàraidhean ionmhasail agus atharrachaidh­ean bitheòlasach san fhuil aige, lorgadh Armstrong ciontach le fianais shuidheachail, thugadh a sheachd tiotalan Tour de France bhuaipe ’s chaidh a thoirmeasg bhon spòrs gu sìorraidh mar pheanas. Theab nach robh binn cho cruaidh air lùth-chleasaiche sam bith ann an saoghal spòrs.

Rè 2011, rinn an UCI 3,313 deuchainn-droga taobh a-muigh àm co-fharpais, an coimeas ri ITF, an Caidreachas Teanais Eadar-Nàis­eanta, a rinn 21. Rinn UEFA 456 ann an sèasan 2011/12. Air eagal gun lorg iad fìrinn ghrànda, is dòcha, tha ball-coise agus teanas am measg iomadh spòrs a th’ air fhèin-sgrùdadh a sheach­nadh aig an ìre a tha a’ dol ann an rothaireachd. Nas miosa, á 200 sampall fala a lorgadh fo Operación Puerto ann an 2006, chreach poilis Spàinnteach taigh an ligh­iche-spòrs chonnspaidich Dotair Euf­emiano Fuentes. Cha do dh’ain­m­icheadh gu poblach ach 50 rothaiche, ’s bha ainmean lùth-chleasaichean bho spòrs­ach­an eile air an cumail am falach. Ach tha Jesus Manzano, a bha ’na rothaiche ’s ’na chliant aig Fuen­tes aig an àm, a’ cumail a-mach gun robh cluicheadairean La Liga, gu sònraichte feadhainn aig Barcelona agus Real Madrid, a’ frithealadh taigh an dotair, le Fuentes fhèin ag ràdh, mas fhìor, “Nam bruidhninn, bhiodh Cuach na Cruinne air a reubadh bho sgioba nàis­eanta na Spàinne.” Tha Manzano cuid­eachd daing­eann ’na bheachd gun robh lùth-chleas­aichean, dòr­nairean agus cluich­eadairean teanas am measg clian­tan an dotair.

Dh’fhaodadh staing na roth­air­eachd coimhead beag suarach seach na thig am bàrr nuair a thèid Operación Puerto gu cùirtean lagha an-athbhliadhn’.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 21 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 12 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.