Gaelic: Mòd Dhùn Omhain, dè tha romhainn?
Cidhe Dh�n Omhain: baile beag c�irdeil, le tallachan am pailteas. Picture: Neil Hanna
Thòisich am Mòd Nàiseantaa-raoir ann an Dùn Omhain. Se baile beag càirdeil a th’ ann,le tallachan am pailteas, agus àiteachan gu leòr far an coinnich daoine ri’n càirdean gu furasta.
Bidh a dhà dheug a’ cluichd anns na farpaisean pìobaireachd do dh’òigridh eadar 13 agus 15 bliadhna dh’aois. ’Nam measg tha Brìghde Chaimbeul o Chaol Loch Aillse agus Seamus O Baoighill á Slèite, a tha le chèile air iomadh duais a chosnadh. Cluinnear aon neach deug anns gach farpais dha na h-inbhich, far a bheil measgachadh inntinneach de phìobairean a tha fìor chliùiteach mar-thà agus deagh phìobairean air nach eilear fhathast buileach cho eòlach. Anns na farpaisean fìdhleireachd bidh òigridh á iomadh ceàrn a’ cluichd, ach chan eil na h-inbhich ach gann. Sann áLeòdhas a tha a h-uile gin dhena farpaisich a bhios a’ cluichd na maileoidean. Nach math gu bheil iad a’ cumail an t-seòrsa ciùil seo beò.
Se luchd ionnsachaidh òga a bhios a’ seinn Di-Luain, agus bidh na farpaisean dha na còisirean daonnan fìor inntinneach. Cluinnear cuideachd an dà fharpais airson Bonn Cuimhneachan Sheumais Mhic a’ Phì, anns am bi an ìre daonnan gu math àrd.
Tha na h-àireamhan de na fileantaich a bhios a’ nochdadh Di-Màirt gu math fallain, le àireamhan àrda de nigheanan a’ seinn san t-seann nòs. Se farpaisean fìor thlachdmhor dhan luchdèisteachd a bhios annta seo.
Bidh aire dhaoine air na farpaisean dha na Buinn Òir Di-Ciadain agus Diar-Daoin. Tha grunn dhe na boireannaich, Ceitidh Nic a’ Ghobhainn agus Gillian NicDhòmhnaill ’nam measg, air tighinn faisg air Bonn Òir a’ Chomainn a chosnadh roimhe seo, ach bidh farpaisich ùra a tha fìor chomasach ’nan aghaidh. ’Nam measg bidh Raonaid Deans a bhuannaich an t-Aigeallan Airgid an-uiridh, agus Eilidh Rothach a rinn fìor mhath aig Mòd Mhuile. Am measg nam fear, bidh Ruairidh MacCarmaig a’ seinn ann am farpais nan inbheach air son a’ chiad uair, an dèidh dha iomadh duais a chosnadh nuair a bha e na b’ òige. Bidh grunn de dh’fharpaisich a’ feuchainn ri Bonn Òir a’ Chomainn agus Bonn Òir an t-Seann Nòis a chosnadh le chèile am-bliadhna, agus tha cuid ’nam measg a tha glè chomasach air sin a dhèanamh.
Se Di-Haoine latha nan còisirean mòra ann am farpais Sgiath MhicShimidh ’s Thulaich Bhàrdainn. B’e Còisir Inbhir Pheofharain, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus Còisir Inbhir Nis na còisirean bu soirbheachaile anns na deich bliadhna chaidh seachad, agus cha bhiodh e ’na iongnadh nam faigheadh tè dhiubh seo an duais a-rithist.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Saturday 25 May 2013
Today
Sunny
Temperature: 6 C to 17 C
Wind Speed: 13 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 9 C to 16 C
Wind Speed: 14 mph
Wind direction: South west
