DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Gaelic: Gàidhlig ann an Eilean Chola

Catr�ona NicillEathain, Cola, cl�, le caraid �g. Dealbh: David J Byrne

Catr�ona NicillEathain, Cola, cl�, le caraid �g. Dealbh: David J Byrne

Ann am Brìgh nam Facal tha “Gàidheal­tachd” air a mìneachadh mar “Earrann na h-Albann far am bruidhnear Gàidhlig”. Agus tha a choltas air Eilean Chola a bhith ’na Ghaidheal­tachd. Nuair a ghabh mi cuairt timcheall air, chuir na seallaidh­ean a chunnaic mi àitean sna h-Eileanan an-Iar ’nam chuimhne. Ach as dèidh dhomh tilleadh bhon eilean bho chionn beagan sheachdainean, is ma ghabhas sibh ri mìneachadh Brìgh nam Facal, tha amharas orm nach can­adh duine gur ann sa Ghaidh­ealtachd a tha Cola an-diugh.

Chìthear a’ chànan gun teagamh: ri taobh an rathaid, air mapaichean san Taigh Òsta, ann an ainm talla ùr na coimhearsnachd “An Cridhe”, fiùs anns an ealain ùir a chaidh a chomiseanadh dhan talla. Ach cha chluinnear i air a bruidhinn ach glè, glè ainneamh. Cha chuala mi fhèin i ach bhon fheadhainn leis an do chuir mi agallamhan air dòigh mus deach mi ann. Cha chan­ainn gur e suidheachadh nàd­arra a bha siud oir b’ fheudar dhomh oidhirp mhòr a dhèanamh gus luchd labhairt Gàidhlig a lorg.

Fear dhiubh ris na bhruidh­inn mi b’e Èirdsidh Sproat nach maireann. Thuirt Èirdsidh còir nach robh ach mu shianair air fhàgail aig an robh comas labh­airt sa Ghàidhlig ’s gur ann fada on a bha i ’na cànan choimhear­snachd. Tha an sianar sin – còignear a-nis, as dèidh bàs Èirdsidh san Lùnastal – a-mach á mu 220 Colach a tha fuireach air an eilean làn-ùine. Bha puing glè mhath aige, gun robh fhathast tòrr Cholaich aig an robh deagh chomas sa Ghàidhlig, se dìreach gu bheil iad air gluasad air falbh thar nam bliadhnaichean.

Thuirt Èirdsidh gur e rud duilich a bh’ ann nach robh clas­aichean ri ghabhail air son an fheadhainn aig an robh ùidh sa chànan. Bha e den bheachd gun cuireadh seo daoine dheth air sgàth an spàirn a dh’fheumar a dhèanamh ás aonais taice.

Bha mi gu sònraichte toilichte gun d’fhuair mi cothrom bruidh­inn ri Catrìona NicillEathain, 79. Chan fhaighear lorg gu furasta air Colach nas “Colaiche”, ’nan coltas ’s ’nan nàdar. Rugadh ’s thogadh i air an eilean, ’s tha i air a bhith fuireach ann fad a beatha fada. Coltach ri Èirdsidh, tha i ’na h-ulaidh phrìseil de Ghàidhlig Chola, ’s i làn sgeulachdan bho sheann làithean an eilein.

Chaidh Catrìona (Cath­aidh) a thogail ann an sgìre Bhousd air taobh tuath an eilein, air a cuartachadh le Gàidhlig anns an taigh ’s anns a’ choimhearsnachd. Cha chluinnte cus Beurla idir. Ach abair gu bheil cùisean air atharrachadh. Bha Catrìona gu math duilich mun t-suidheachadh.

Chan e mearachd a th’ ann gur ann san fhear as lugha de na trì airtigealan seo a tha Gàidhlig a’ nochdadh mar chuspair. Nuair a bhruidhneas tu air Cola mar tha e an-diugh tha tòrr a bharrachd ri ràdh mu chuspairean mar phrìs connaidh no leasachadh no cumhachd ath-nuadhachail na mu chànan a bha cumanta aig aon àm. Thathar a’ ràdh gur e “cànan labhairt” a th’ ann an Gàidhlig. Gu mì-fhortanach, cha chluinnear i air a labhairt cus
tuilleadh air Eilean Chola.

daibhidhseumas@yahoo.ca


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Friday 24 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 12 C

Wind Speed: 18 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.