DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Gaelic: Fuaimean dùbhlanach

Cha robh sràidean Dhùn Omh­ain ach falamh Di-Màirt agus Di- Ciadain, oir bha gach neach a’ feuchainn ri fasgadh fhaighinn on dìle bha dòrtadh air a’ bhaile.

Bha gu leòr a’ tachairt anns na tallaichean ge-tà, agus gu fortanach bha iad uile faisg air a chèile. Bha an àrd eaglais, far an robh nigheanan fo aois 13 a’ seinn san t-seann nòs, gu math làn.

Chuala mi pàirt dhen fharpais seo, agus chòrd sin rium gu mòr. Aon chomhairle do na farpais­ich, ge-tà. Feuchaibh nach tagh sibh òrain a tha air fàs caran cum­anta, ged a bhiodh iad brèagha. Thachair seo a-rithist anns an fharpais feasgar, do nigheanan eadar 13 agus 15, far an cualas ‘Am Buachaille Bàn’ grunn tursan.

Bha mòran de dheagh ghuth­an ri’n cluinntinn san fharpais seo, gu h-àraid á Leòdhas agus na Hearadh. Ach saoil car son nach robh farpaisich ann á Barraigh, na h-Uibhistean, an Eilean Sgith­ean­ach no Ìle? Le làr­aich­ean “Tob­ar an Dualchais” agus “Bliadhna nan Òran” againn a-nis, chan eil leisgeul aig farpais­ich gun òrain iomchaidh a lorg á sgìrean air feadh na Gaidheal­tachd.

Bhiodh e math barrachd fhaic­inn sna farpaisean gus sgeulachd aithris a rèir an t-seann nòis. Cha robh ach dithis san fharpais do chloinn aois 11-12, ach b’e tlachd a bh’ ann Gàidhlig bhrèagha, shoilleir, nàdarra a chluinntinn an sin o Mhàiri Challan ’s i ag innse mu Chloinn ’ic Codruim. Bha a’ Ghàidhlig aig Màiri, agus aig cuid dhe na Leòdhasaich òga a ghabh pàirt anns na farpaisean Di-Màirt, fad air thoiseach air na chualas on chuid a bu mhotha dhe na h-inbhich a ghabh pàirt Di-Ciadain ann am farpaisean Bonn Òir a’ Chomuinn. Bha fuaimean leithid “nn” ann am facal mar “chunnaic” ’nan sàr dhùbhlain do chuid dhe na boireannaich, gun guth a ràdh mu gach “l” a bha air fhuaimneachadh ann an dòigh lag, mì-shoilleir, no a bha gu tur ceàrr.

Chan eil teagamh ann nach robh guthan brèagha gu leòr ri’n cluinntinn, ach bha cus dhe na boireannaich a ghabh na h-òrain cha mhòr gu tur rèidh o thois­each gu deireadh, gun fair­eachd­ainn­ean nan òran a chur an cèill, ach a dh’aindeoin sin a fhuair còmh­arran fìor àrd. Bha na comharran ìseal a fhuair cuid eile a cheart cho doirbh ri thuigsinn.

Rinn mòran an rathad dhan àrd-eaglais feasgar Di-Ciadain, far an robh na h-inbhich a’ seinn ann am farpais an t-seann nòis. Bha e fìor thlachdmhor a bhith an sin, oir bha Gàidhlig ás gach ceàrn ri cluinntinn air feadh an àite, agus chuala an luchd-èist­eachd an sin farpais a bha gu math inntinneach.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Saturday 25 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 5 C to 19 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 9 C to 16 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.