Gaelic briefs: Boinne ann am beul na gaoithe
Trì seachdainean an déidh dha stròc a ghabhail, dhùisg Sasannach, Alun Morgan, 81 (a bha uair a’ fuireach ’na bhalach ann an coimhearsnachd Chuimreach, ré an Dàrna Cogaidh), ’s gun ach Cuimris ga bruidhinn aige. Thathar a-nis ag ath-ionnsachadh Beurla dha.
■ dh’fhaodadh an seinneadair Uibhisteach Julie Fowlis “Oscar” a bhuannachadh air son an òrain-film as fheàrr am-bliadhna. Ghabh i Touch the Sky a th’ air clàr Brave. Tha e am measg seachd òrain a dh’fhaodadh an duais a thogail. ■ THA Andaidh Moireach air OBE fhaighinn ann an Liosta Urraim na Bliadhn’ Ùire.
■ Bidh aig teaghlaichean le seòmar-cadail falamh ri cìs ùr a phàigheadh. A réir Riaghaltas na h-Alba, bidh buaidh aig a’ chìs seo air còrr agus 100,000 teaghlach ann an Alba, agus gearraidh Westminster £600 eile gach bliadhna bhon fheadhainn as bochda.
■ Foillsichidh riaghaltas India ainmean, fotothan agus seòlaidhean-puist nam mìltean de dh’eucoirich drabastachd, mar fhreagairt don fheirg an déidh éigneachadh oileanaich òig air bus ann an Delhi le prasgan de dh’fhireannaich. Tha an té a dh’fhulaing ri uchd bàis anns an ospadal fhathast.
■ Ghabh taigh uachdrach Pàrlamaid na Ruis ris a’ chasg air uchd-mhacachd leanabhan Ruiseanach le Ameireaganaich. Tha mu mhìle leanabh air an uchd-mhacachadh gach bliadhna le Ameireaganaich.
■ tha sinn a’ guidhe Bliadhna Mhath Ùr do ar luchd-leughaidh air fad an uair a thig i.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Tuesday 21 May 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 6 C to 17 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 3 C to 13 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
