DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe

SHAORADH 650 obraiche aig ionad-gas Statoil ann an Algeria far an do ghabhadh am bruid iad le ceannaircich, ach tha mu 30 a dhìth fhathast.

Cha do mharbhadh gin de na h-Albannaich a bha an greim. Chuir am Prìomh Mhinistear, Dàibhidh Camshron, dheth òraid mhór a bha e dol a thoirt san Òlaind air dàimh Bhreatainn ris an Roinn Eòrpa.

•Thuirt prìomhaire Alba, Ailig Salmond, gum bi còir aig muinntir na h-Alba air foghlam an-asgaidh agus dachaigh ma thaghas iad neo-eisimeileachd.

•Chaidh Dòmhnall MacDhòmhnaill, 48, ás an Rubha, Leódhas, mu 70 troigh le creig aig a’ chladach fhad ’s a bha e am bun nan caorach ann an Suardal. Chaochail e san ospadal.

•Chuireadh casg fad bheatha air tuathanach, Iain Fearghastan, a rinn dearmad fad dà mhìos air na 1,215 de beathaichean a bh’ aige ann an Sgìre Aonghais. Fhuaras 340 caora agus 14 ceann cruidh ’nan ablaichean, agus an còrr ann an staid dhìblidh, reangach, làn ghalaran. Bha droch shlàinte inntinn air Mgr Fearghastan.

•Bidh cuirm-chiùil aig Celtic Connections ann an Glaschu a-nochd, a’ comharrachadh 40 bliadhna bho chuireadh Sabhal Mór Ostaig air bhonn. Théid tachartasan comharrachaidh eile a chumail ré na bliadhna.

•Dh’iarr Lance Armstrong leisgeul air son mar a bha e ri dòpadh neo-laghail fhad ’s a bha e ’na rothaire bho 1999 gu 2005. Bhuannaich e an Tour de France seachd uairean.

•Bhrùchd feachdan na Frainge a-steach do Mhali a-tuath gus reubaltaich Mhuslamach a chur sìos. B’ fheudar do luchd-còmhnaidh teicheadh o na h-ionnsaighean adhair air baile Diabaly.

•Bhuail helicoptair air tùr-chrann ann am meadhain Lunnainn, a’ fàgail dithis marbh agus dusan air an leòn.

•ANN an Aibisidh Di-Luain air BBC Alba (8.30 f.) bidh Cairistìona Primrose agus Iain MacilleMhìcheil a’ farpais ri Aonghas Brèanainn MacNèill agus Màiri Anna NicDhòmhnaill, le Ùisdean MacillInnein anns a’ chathair.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 21 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 12 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.