Gaelic: Bidh faclaire eachdraidheil Gàidhlig againn ann an 2038, a réir coltais
THA Oilthigh Ghlaschu agus Sabhal Mór Ostaig, an co-obrachadh le oilthighean eile, an sàs ann an obair bhunaiteach ag amas air faclair nam faclair uile, no gu sìmplidh Faclair na Gàidhlig, a thoirt gu bith.
An-dràsta tha am pròiseact “Dàta Airson Stòras na Gàidhlig” (DASG), fo stiùireadh an Ollaimh Roibeard Ó Maolalaigh, a’ deisealachadh a’ bhun-stéidh didseatach ás am b’ urrainn faclairean de dh’iomadh seòrsa a bhith air an cnuasachadh a réir feumalachdan an luchd cleachdaidh. Faclair Beurla gu Gàidhlig neo faclair gu tur ann an Gàidhlig, mar eisimpleir.
A’ tarraing air an doimhneachd eòlais air faclaireachd a dh’éirich á obair faclair eachdraidheil na seann Bheurla Ghallda, The Dictionary of the Older Scottish Tongue (DOST), dh’fhaodadh faclair coileanta Gàidhlig a bhith air a leasachadh mu dheireadh thall a sheasadh an coimeas ri faclairean móra na Beurla leithid an Oxford English Dictionary. Mar sin, bidh Faclair na Gàidhlig an eisimeil maoineachadh thar co-dhiù 25 bliadhna, an ùine a thathas a’ tomhas gun gabh a’ chiad sgrìob tron aibisidh, bho A gu U.
Chan e ùine ro fhada tha sin an coimeas ris a’ cheithir fichead bliadhna a thug DOST, a thòisich fada ro aois a’ chompiutair, mus tàinig e gu buil ann an 2002.
Sann aig DOST a fhuair Lorna Pike trèanadh profeiseanta ’na facladair eachdraidheil. Tha i a-nis ’na co-òrdanaiche air Faclair na Gàidhlig. Thuirt i: “Tha mi moiteil pàirt a ghabhail sa phròiseact seo, a’ cur a-null sgilean ann am faclaireachd eachdraidheil bhon Bheurla Ghallda don Ghàidhlig. Sònraichidh Faclair na Gàidhlig a’ chànan bhon fhianais sgrìobhte as tràithe a-nuas don latha an-diugh agus cuirear ris mar a leasaicheas a’ chànan briathran agus brìgh san t-saoghal cho-aimsireil.
“Bidh e riatanach a thaobh gléidheadh na cànain agus ann an tuigsinn dualchas na Gàidhlig. A’ leantainn structar DOST, le mìneachadh stéidhichte air fianais a tha a’ soilleireachadh ciall agus cleachdadh, thathas a’ leigeil leis a’ chànain bruidhinn air a son fhéin.”
Thòisich Oilthigh Ghlaschu obair air faclair eachdraidheil Gàidhlig sna 60an fo stiùireadh Choinnich MhicDhòmhnaill, ’s tha toradh na h-obrach sin a’ cur ris na pròiseactan ùra an iomadh dòigh. Tha fiùs na seann bhleideagan pàipeir air a bheil am fiosrachadh sgrìobhte a-mach le làimh fhathast gan cleachdadh mar stuthan ionnsachaidh leis an téid ginealach ùr de dh’fhacladairean Gàidhlig a thrèanadh.
Tha DASG a’ cruthachadh corpas didseatach de bhun-theacsaichean ’s a’ leasachadh bathar bog gus an corpas a làimhseachadh. Thathas an dùil gun tòisichear obair air am faclair fhéin a chur ri chéile ann an 2016.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Thursday 20 June 2013
Today
Cloudy
Temperature: 11 C to 19 C
Wind Speed: 7 mph
Wind direction: North
Tomorrow
Light rain
Temperature: 11 C to 18 C
Wind Speed: 13 mph
Wind direction: West
