DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Gaelic: A’ ruagail o smuain gu smuain gun a dhol iomrall

Chan eil sgrìobhaiche ann an Gàidhlig – no ann an cànan sam bith eile ’s dòcha – cho cunbhal­ach ’s cho dealasach ri Aonghas Pàdraig Caimbeul.

Eadar colbhan ann am pàipear, nobhailean, sgeul­achdan goirid agus bàrd­achd, tha litreachas luachmhor a’ taomadh bhuaithe. Tha ’n sgrìobh­adh fhèin ealanta agus tha am mothachadh ’s am mac-meanmna air a chùl a’ taosgadh le faireachdainn mu dhualchas, dol-
a-mach an latha an-diugh, agus mì-chinnt an ama ri teachd.

Co-dhiù tha e ’n crochadh air
a chuimhne no a thuigse no a lèirsinn, tha alt aige air a bhith a’ ruagail o smuain gu smuain gun a dhol iomrall air an t-slighe. Chan eil fiù’s an seanfhacal ùr a chruthaich e – “Is trom an t-eallach GOC is Dwelly” – a’ cur spearrach air. Chruthaich e fear eile anns an aon dàn a bu chòir dhuinn uile ghabhail gu cridhe: “Dèan do ghnothach anns an taigh mhòr mar a nì thu do chùis anns an taigh bheag.”

Tha beachdan Aonghais Phàdraig fosgarra agus treibhdhir­each. Nì e achmhasan no moladh far a bheil feum orra. Mas e cron­achadh a tha a dhìth, chan eil athadh air sgailleag a thoirt seachad. Ged nach tig seo ri càil
a h-uile duine, tha e mòran nas fheumaile agus nas onaraiche na sliomaireachd.

Saoilidh mi gu bheil fealls­anachd agus tàlantan Aonghais Phàd­raig air am foillseachadh gu riochdail anns an leabhar ùr bàrd­achd aige, Aibisidh (Polygon, £9.99). Mar a tha an Dr Iain Mac­Aonghuis ag ràdh air a’ chòmhdach: “Tha saoghal nan Gàidheal an-diugh air fàs achrannach agus tha a’ bhàrdachd a rèir sin. Ach tha an ealain aig Aongh­as Pàdraig Caim­beul air dreach ùr nodha a chur air.”

Tha a’ bhàrdachd dà-chànanach, uaireannan le eadar-theang­achadh litireil o Ghàidhlig gu Beurla, ach uaireannan eile le tuar eadar-dhealaichte eatarra. Tha aon dàn, ‘Sonaid’, air eadar-theangachadh gu Eadailtis. Tha seo mar shamhla air miann agus comas an ùghdair gu a dhùthchas fhèin a chleachdadh mar bhunait gu meòrachadh air saoghal mòr eadar-nàiseanta. Ged a tha Uibhist a-Deas ann an smior-caillich na bàrdachd chan eil sin ga cuingealachadh. Sann
a tha e ’na chloich-stèidh son breithneachadh air cuspairean a bhuineas, chan ann a-mhàin do choimhearsnachd, ach dhan a’ chruinne-chè.

Ged nach eil an leabhar tom­ad­ach, tha na cuspairean lìonmhor: cuimhne, cànan, dualchas, teaghlach, imrich, àrainneachd, àbhachdas, obair, creideamh. Ach chan e sop ás gach seid a th’ ann ach cunntais choileanta air na dùbhlain a tha mu ar coinn­eamh mar shluagh agus mar chultar.

Tha 20 bliadhna on a thuirt Somhairle Mac Gill-Eain nach robh teagamh sam bith aige gur e an Caimbeulach aon de na bàird a b’ fheàrr an Alba, ge brith dè a’ chànan a bha iad a’ cleachd­adh. Tha Aibisidh a’ dearbhadh gu robh e ceart. Tillidh mi thuige tric son ùrachadh fhaighinn o neamh­naidean mar ‘Là Earraich’:

Tha mi mar choigreach anns an taigh-chèilidh,

far a bheil am fìon dealantach a’ sìoladh. Tha fàileadh

na mo chuinnlein: sgonaichean an àiteigin

air a’ ghreideil, agus fuaim na mo chluasan:

sgread na curracaig a’ ceilearadh air latha earraich,

aon chuimhne chaoin a tha gun mhearachd.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Monday 20 May 2013

5 day forecast

Today

Thunderstorm

Thunderstorm

Temperature: 8 C to 21 C

Wind Speed: 8 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 10 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.