DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Fasan a tha a’ dol am meud: làithean-saora a-muigh air druim a’ chuain

CHUIR MAR a thachair an uair a chaill suas ri 60 neach am beatha air turas cuain am-bliadhna, anns a’ Chuan Mheadhanach, uabhas air gach duine a bha an dùil a dhol air loingeas cuairt-mhara.

Chaidh bàta mòr rìomhach, an Costa Concordia, leis gach goir­eas air son cofhartachd an luchd siubhail agus leis gach uidh­eam­achd air son sàbhailteachd, air creagan air cladach Tuscany.

A dh’aindeoin sin tha, ann an Alba, barrachd ’s a bha riamh roimhe air an saor-làithean a chur seachad air a’ chuan an àite air talamh tioram.

Is cinnteach gun tig piseach air an econamaidh air an t-samh­radh seo, oir an-uiridh thadhail còrr agus 400 loingeas air puirt timcheall na dùthcha le 346,500 neach a’ tighinn air tìr. Tha an àireamh sin an coimeas ri 318,932 a’ bhliadhna roimhe. Am measg nam bàtaichean a thadhail air an t-samhradh seo bha tè bho Chosta Cruises, leis an robh an Costa Concordia. Thadh­ail i air Bàgh Chromba ’s air Seal­tainn. Bha eagal ann, leis mar a thachair san Eadailt, nach tig­eadh ach am beagan bhàtaich­ean, ach thuirt Richard Alexander bho Morr­isons Tours ann an Dùn Èid­eann, “’Na mo bharail cha dean an tub­aist cron sam bith oirnn.”

Am-bliadhna tha luchd tag­raidh bho gach port ann an Alba a’ dol gu co-labhairt eadar-nàis­eanta ann am Florida far am bi na ceudan de chompan­aidh­ean saor-làithean a’ malairt. Bidh dùil, air sàilleabh nan coinn­eamhan a bhios aca, gun tig mòran de luchd turais a bharr­achd gu Alba.

Tha oidhirp­ean ann cuid­eachd air bàtaichean nas lugha a thàladh. Thuirt an Caiptean Iain Dundervale, bho Chruise Highlands, “Dh’fhaodadh bàtaichean cho beag ’s nach toir iad leotha ach 150 neach tadhal air puirt bheaga mar Inbhir Aora, Eilean Ì, Ceann Loch Cille Chiarain, Tobar Mhoire, Giogha, Geàrrloch agus Dùn Bheagain. Tha na puirt faisg air a-chèile ’s tha sin freagarrach air son loingeas cuairt-mhara.”

Bidh an Hebridean Princess
a’ seòladh timcheall costa na
h-Alba gach samhradh. Tha dùil rithe turas neo dhà ann an Loch nam Madadh am-bliadhna. Bheir i leatha lethcheud neach ann an cofhartachd.

Bidh bàta eile, an Quest, le òganaich a bhios ri eacarsaich mara, a’ dol air acair a-muigh aig Lì. Thig iad chun a’ chidhe ann an kayaks. Cuiridh an luchd siubh­ail cuairt air Uibh­ist agus tadhlaidh iad uile ann an Taigh Chearsabhagh. Cuiridh sin gu mòr ri econamaidh an eilein.

Tha bàta a’ tighinn á Fionn­lainn son a’ chiad uair air an t-samhradh sa. Bheir i leatha luchd siubhail bhon Bhaltic son beag­an làithean a chur seachad ann an Arcaibh, ann an Sealtainn ’s anns na h-Eileanan an-Iar. An sin thèid i gu port ann an Grian­aig far an tog i feadhainn tha deòn­ach ùine a thoirt ann an dùthchannan timcheall air a’ Bhaltic.

Nach iad a dh’fhaodas fìor mhoit a bhith orra ann an Kirkwall, ’s am baile air a chomharr­ach­adh, son na dara bliadhna, mar am prìomh phort ann am Breatann a tha tarr­aingeach do loingeas cuairt-mhara. Thuige seo tha 74 bàtaichean air leigeil fhaicinn gun tadhail iad am-
bliadhna. Tha e coltach gum bi cùis­ean a cheart cho soirbheachail ann an 2013 agus Princess Cruises air trì loingeas a bharr­achd a chur air a’ chlàr Arcach aca air son na h-athbhliadhn’.

Air 30 Ògmhios, thàinig am bàta a bu mhotha a thadhail riamh gu Steòrnabhagh. Bha 1,100 luchd siubhail air bòrd a’ Mharina, a tha 238 meatair ann am faid agus 66,000 tunna ann an cudrom. Tha i a’ seòladh fo bhratach Oceania Cruises agus tha i air a meas mar aon de na deich loingeas cuairt-mhara as fheàrr air an t-saoghal, le còig
rionnagan air son cofhartachd. Sheòl i á Beul Feirste gu Steòrn­abhagh mus do rinn i air Innis Tìle an oidhche sin.

Tha fios gun tug a’ chuairt tog­ail do dh’econamaidh Leòdhais agus na Hearadh, oir shiubhail 500 neach ann an 13 busaichean air feadh an àite. Is math nan robh na sporain aca làn, oir mar a chanas an seanfhacal, cha dean fear an sporain fhalamh ach beag faraim san taigh-òsta.

Saoil an robh Tursaichean Chal­anais agus Eaglais Chliamh­ain air an dòigh? Is dòcha nach robh.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Thursday 23 May 2013

5 day forecast

Today

Light showers

Light showers

Temperature: 5 C to 10 C

Wind Speed: 24 mph

Wind direction: North

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 5 C to 13 C

Wind Speed: 16 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.