Eòs Peadair, a dh’ionnsaich an fhidheall o phuirt Ghàidhlig
Thug bàs dithis dhìulnach tulgadh air coimhearsnachd Ghàidhlig Cheap Breatainn bho chionn ghoirid. B’ e Leathanaich a bh’ annta le chèile: Peadar Jack Pheadair mac Chaluim Ghobha agus Eòs Peadair mac Theàrlaich ’ic Eòis. Bha na seirbheisean cuimhneachaidh drùidhteach ach cha b’e tuireadh a-mhàin a bha air aire dhaoine ach gàirdeachas air son na buaidh a thug an dà laoch seo air am beatha agus an dualchas fhèin.
Ràinig Peadar Jack aois mhòr. Bha e a’ streap ris a’ cheud. Ged a thachair mi ris cha do chuir mi mòran eòlais air, ach bha mi glè eòlach air Èòs Peadair (dealbh, deas). Chaill sinn esan aig aois 67. Bha e iomraiteach mar fhìdhlear agus, mura bheil mi air mo mhealladh, se am fìdhlear mu dheireadh an Ceap Breatainn a bha fileanta ann an Gàidhlig.
Bha e tlachdmhor a bhith ’na chuideachd. O chionn dà bhliadhna chuir mi còmhradh ris air bhideo ann an Oilthigh Cheap Breatainn. B’ e susbaint an t-seanchais gur ann o phuirt Ghàidhlig a dh’ionnsaich e an fhidheall a chluich, oir cha robh e comasach air ceòl a leughadh. Bha e seinn nam port dhomh agus an uair sin gan cluich air an fhidhill. Cha do rinn mi clàradh riamh a bha cho taitneach. Gun tàire a dhèanamh air fìdhlearan cliùiteach eile, thuig mi car son a bha an ceòl aig Eòs Peadair na bu Ghaidhealaiche na ’n ceòl acasan.
Thogadh e ann an ceàrn iomallach, agus chan eil teagamh nach b’ e sin bu choireach gun robh Gàidhlig aige mar chainnt mhàthaireil agus gun do mhair i anns an smior aige. Dh’innis e cuideachd dhomh nach robh e ach beagan lathaichean anns an sgoil. Ghabh e blas a’ chrogain dhi, oir cha robh e cluinntinn ach Beurla. Theich e dhachaigh ’s cha do thill e. Ach ged a bha e ás aonais foghlam foirmeil dh’ionnsaich e Beurla agus Gàidhlig a leughadh. Ged a bha e measail agus math air ceòl bha e mothachail gur i a’ chànan an ceangal bu treasa a bh’ aige ri a dhualchas.
B’ann á Uibhist a-Deas a thàinig a shinnsearan a Cheap Breatainn. Agus thug e toileachadh mòr dha a bhith faighinn cuireadh chun na fèis bhliadhnail Ceòlas. Nuair a thachair mi ris beagan lathaichean mus deach e air a thuras mu dheireadh gu Ceòlas, thuirt e: “Tha mi tilleadh dhachaigh an t-seachdain sa tighinn.” Tha e fhèin agus Peadar Jack a-nis ’nan dachaigh bhuan, agus tha sinn gan caoidh.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Wednesday 19 June 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 9 C to 18 C
Wind Speed: 16 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 12 C to 20 C
Wind Speed: 8 mph
Wind direction: North east
