Èiginn mu cheannardan sna sgoiltean Gàidhlig
Alex Salmond aig fosgladh Sgoil Gh�idhlig Inbhir Nis ann an 2008
a rèir phàrantan, dh’fhaodadh co-dhùnadh a tha Comhairle na Gaidhealtachd air a dhèanamh mu bhith fastadh ceannard air son Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis buaidh a thoirt air foghlam Gàidhlig aig ìre nàiseanta.
Tha a’ Chomhairle air a bhith a’ coimhead air son ceannard le Gàidhlig dhan sgoil air son cha mhòr ceithir bliadhna, ach ged a chaidh an obair a shanasachd seachd tursan, cha d’fhuair iad neach le Gàidhlig a bha freagarrach san ùine sin, ’s gu dearbh cha do chuir mòran a-staigh son na dreuchd idir. Tha a’ Chomhairle a-nis air sanas a sgaoileadh far a bheil iad ag ràdh nach fheum tagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig, ach tha iad cuideachd ag ràdh mura h-eil iad fileanta gum feum iad a bhith deònach na comasan aca sa chànain a thoirt gu ìre a tha freagarrach air son na dreuchd. Thuirt Dawn Morgan bho Chomann nam Pàrant Inbhir Nis: “Chan eil sinn uabhasach toilichte le sin, agus sgrìobh sinn thuca, oir bha sinne fada an aghaidh mar a bha iad ag iarraidh nam faclan san t-sanas atharrachadh bho Ghàidhlig riatanach gu Gàidhlig desirable.
“Bha sinn a’ faireachdainn gur e lagachadh mòr a bha siud. Tha sinn a’ creidsinn gum feum ceannard a bhith ann aig a bheil an cànan. Nuair a chuala a’ Chomhairle gun robh pàrantan ann nach robh toilichte, thuirt iad gun cuireadh iad dàil sa chùis, agus tha co-chomhairleachadh ann an-dràsta a bhios deiseil air an 9mh. Tha sinn an dòchas nach tèid iad air adhart le agallamh gus an cluinn iad dè th’ aig pàrantan ri ràdh.”
Thathar a’ tuigsinn ge-tà gun tèid agallamh deireannach a chumail le aon tagraiche air an 19mh, agus nach eil Gàidhlig aig an tagraiche sin.
A rèir Dawn, dh’fhaodadh na tha a’ Chomhairle air a dhèanamh buaidh a thoirt air sgoiltean eile. “Tha sinn air feuchainn ri seo a thoirt gu aire dhaoine, tha sinn air duilleag Facebook a stèidheachadh agus tha sinn a’ faighneachd do dhaoine, dè ur beachd air seo? Oir tha buaidh nas fharsainge aige seo ’s dòcha air sgoiltean eile, chan ann dìreach air an sgoil againne. Oir bidh iad ag iarraidh ceannard air son sgoil anns a’ Ghearastan nuair a bhios tè ann, ’s ann am Port Rìgh, ’s ma nì iad seo ann an Inbhir Nis dè tha sin a’ ciallachadh dha na h-àiteachan eile? Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil an co-dhùnadh seo car cunnartach do shaoghal na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.”

Thuirt Dawn gur e an dragh as motha a bh’ air pàrantan gur e dreuchd mhaireannach a bha air a sanasachd, agus mar sin ma gheibh an sgoil ceannard aig nach eil Gàidhlig, gum faodadh an ceannard sin a bhith ann son bliadhnaichean mòra. “Tha pàrantan toilichte leis a’ cheannard a th’ ann an-dràsta, tha an sgoil air a bhith air a ruith gu math. Tha i math leis a h-uile nì, ach chan eil an cànan aice. ’S dòcha nam b’ urrainn dhan t-suidheachadh sin a bhith ann gu h-eadar-amail, gus am faigh sinn ceannard le Gàidhlig.
“Tha pàrantan air a bhith gu math foighidneach mun chùis. Tha sinn an dòchas gun cum iad an doras fosgailte ’s gum bi cothrom aig cuideigin le Gàidhlig.”
Tha Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant aig Comann nam Pàrant Nàiseanta, dhen bheachd gum feumar coimhead air dòighean far am faigh tidsearan Gàidhlig trèanadh agus eòlas air son a bhith ’nan ceannardan ’s ’nan iar-cheannardan. “Tha fàs air a bhith ann tro na sgoiltean Gàidhlig, tha sinn a’ coimhead air adhart ri sgoiltean fhosgladh sa Ghearastan, ann an Dùn Èideann, ann am Port Rìgh. Ach cò ás a thig na ceannardan a tha sin? Agus ciamar a tha sinn a’ dol a dhèanamh plana gus dèanamh cinnteach gum bi iad ann? Mar a tha cùisean an-dràsta, chan eil tidsearan a’ faighinn chothroman eòlas fhaighinn aig ìre manaidsearachd, oir chan eil na sgoiltean air a bhith againn. Se dòigh a lorg far am faigh iad an t-eòlas sin tro chùrsaichean no tro thaic.”
Thuirt Màiri NicIlleMhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ coimhead air seo. Tha sinn fhìn ’s na h-ùghdarrasan ionadail mothachail air a-seo, agus tha buidheann obrach an-dràsta a’ coimhead air foghlam luchd-teagaisg Gàidhlig.
“Se aonan de na rudan a thathar a’ coimhead air, ciamar as urrainn taic a chumail ri tidsearan ’s ciamar as urra dhuinn tidsearan a bhrosnachadh air son a dhol air adhart air son obair mar cheannardan agus iar-cheannardan sgoiltean. Chan e suidheachadh furasta a th’ ann, a chionn ’s nach eil uiread a chothroman a’ tighinn suas. Thathar a’ coimhead air dòighean eile gus daoine fhaighinn a-staigh a bhith ’nan ceannardan. Ach chan eil bacadh sam bith air tidsearan Gàidhlig a dhol air aghaidh son cùrsa a dhèanamh a bheireadh dhaibh na sgilean a tha dhìth.”
Thuirt an comhairliche Sgitheanach Hamish Friseal: “Anns na ceithir bliadhna a chaidh seachad, tha a’ Chomhairle air dhà no thrì thidsearan a thoirt a-staigh gu bhith ’nan ceannardan ’s tha iad a’ faighinn taic air son sin a dhèanadh. Ach cha robh neach-teagaisg ann a bha deònach sin a dhèanadh on Ghàidhlig, bhiodh an taic ann dhaibh sin a dhèanadh, ach chan eil duine a’ tighinn air adhart. Se ceist gu math duilich a th’ ann, tha sinn air falbh bho chion luchd-teagaisg gu cion cheannardan. Ma tha duilgheadas air a bhith againn son ceithir bliadhna ann an Inbhir Nis, ’s dòcha gum bi duilgheadasan ann sna bliadhnaichean tha romhainn ceannardan fhaighinn ann an sgìrean eile.”
ahcampbell@btinternet.com
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Tuesday 21 May 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 6 C to 17 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 3 C to 13 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
