Dùn nan Gall, Para Handy, ’s fealla-dhà
Tha còrr agus 25 bliadhna on a thòisich an còmhlan Altan á Dùn nan Gall, agus nuair a nochd iad air an 23mh bha e follaiseach gun robh iad gu mòr aig an taigh ann an Glaschu, far a bheil mòran on tìr aca fhèin a’ fuireach. Tha ceanglaichean làidir eadar Dùn nan Gall agus Alba a thaobh a’ chiùil, ’s bha iad sin follaiseach, le puirt a dh’aithnicheas sinn mar ‘The New-Rigged Ship’ agus ‘Hills of Glenorchy’ am measg na chualas on chòmhlan.
Bha grunn sheinneadairean ’s luchd-ciùil aig an robh ceanglaichean ri Dùn nan Gall air aoigheachd còmhla riutha – ’nam measg Karen NicMhathain agus Manus Lunny as aithne dhuinn o Chapercaillie, am fìdhlear Paddy Glackin, agus Maighread Ní Dhomhnaill ’s a piuthar Tríona. Nochd dà chòmhlan òga cuideachd, a sheinneadh ’s a chluichdeadh iomadh ionnstramaid – na peathraichean Friel (Anna, Sheila agus Clare) á Glaschu agus na “Henry Girls” (Karen, Lorna agus Joleen McLaughlin). Bha blàths agus doimhneachd san fhuaim nuair a nochd a h-uile neach air an àrd-làr aig deireadh na h-oidhche a ghabhail ‘Gleanntáin Ghlas Ghaoth Dobhair’ agus a chluichd ruidhlichean.
Sann sa Ghaeilge a bha mòran dhe na h-òrain a ghabh Mairéad Ní Mhaonaigh bho Altan. Tha guth brèagha soilleir aice, ’s am measg na ghabh i bha ‘Am Buachaille Bàn’. Còmhla rithe ga ghabhail bha Karen NicMhathain. Bha an taic a thug Tríona Ní Dhomhnaill dhaibh air a’ phiàna air leth grinn agus tuigseach. Chualas e a-rithist nuair a sheinn a piuthar Maighread gu h-àlainn ‘Is Fada Liom Uaim i’. Chan eil teagamh ann nach cualas ceòl tradiseanta Èireannach aig an ìre a b’ àirde anns a’ chuirm seo, agus thug e togail do gach neach anns an Talla Rìoghail air oidhche fhuair gheamhrachail.
Sann an Club nan Ealain air an 25mh a nochd Ailean Dòmhnallach (pìob, bogsa nam putan), Iain MacLeòid (mandolin) agus Russell Hunter (piàna) ann am “Para Handy: The Highland Voyage”. Bha e follaiseach gun robh cuid dhen luchd-èisteachd air seo a chluinntinn air a’ chlàr a nochd ann an 1963 le cleasaichean ainmeil mar Ruairidh MacIlleMhaoil, Donnchadh MacRath agus Iain Grieve. Chualas deagh cheòl on sgioba ùr, gu h-àraid nuair a chluichd iad mar chòmhlan, ach le òrain mu thìr a “Hodrum Ho” agus còisir “Clachnabrochan” bha e doirbh gun a bhith mothachail air cho mòr ’s a tha fealla-dhà air atharrachadh tro na bliadhnaichean.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Sunday 19 May 2013
Today
Cloudy
Temperature: 9 C to 17 C
Wind Speed: 7 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 10 C to 20 C
Wind Speed: 8 mph
Wind direction: North east
