Deasbad ga dùsgadh mu chor na Gàidhlig ’s mu litreachas na Gàidhlig
Tha Lainnir a’ Bhùirn: The Gleaming Water, Essays on Modern Gaelic Literature, deas. le Emma Dymock agus Wilson McLeod (Dunedin, £25), ’na leabhar annasach ga nach biodh ann ach na tha e dùsgadh de cheistean mu chor na Gàidhlig air an là an diugh. Tha an titeil a’ cur air shùilean gu bheil e toirt sealladh air litreachas ar linn san iomlan; rud nach eil, oir cha toilleadh a leithid eadar a dhà chlàr. Sa mhórchuid se th’ againn ach taghadh sonraichte dhe na chaidh a chur an clò o chionn timcheall air ceud bliadhna, air a mheas, ann an tomhas co-dhiù, ann am modh ùr nodha.
Mar tha Dymock a’ mìneachadh san ro-ràdh Bheurla aice, tha sin an dà chuid riatanach agus do-sheachanta. Agus tha McLeod san ro-ràdh Ghàidhlig aigesan a’ toirt iomradh air na rinneadh de bhreithneachadh ann an linn eile. Tha Pàdraig MacAoidh, an dràsda, a’ cur am bann ceithir faclan á bardachd Shomhairle Mhic Gill-Eain: Éire, éirigh, éirig agus éire. Abair gu bheil sin togarrach, gu h-àraid mara robh sìon dhen t-seòrsa ’na chuimse aig an ughdar fhéin idir.
Tha freumh an nobhail ann an obair Mhgr. Iain MhicRùiridh, ministear san Eilean Sgitheanach, ann an 1902, a réir Raghnaill MhicilleDhuibh, is tha e ’gar toirt a dh’ionnsaigh na tha “Ur-Sgeul” a’ cur an tairgse sgrìobhadairean san linn againn fhìn. A’ leantainn na sgeòil am mach tha John Storey a’ ràdh, am-measg rudan eile, gu bheil “Ur-sgeul” prionnsabalach ach gu bheil sinn aig a’ cheart am aig dealachadh dà rothaid.
Tha cunntas mionaideach aig Michelle MacLeod air dràma. Bha sin pailt ann an saoghal nan Gàidheal: ann an clèis leithid Cailleach an Dù(r)dain aig a’ chloinn, is ann an obair nam bard, is ann an seirbhis eaglais. Se dràma nan taighean-cluich a th’ aice-se, ga tà, is tha i ag innse gu robh fiamh de Ghàidhlig ann an cluichean Ghilleasbaig MhicLabhrainn cho fad air n-ais ri deireadh an 18mh ceud. Tha i cuideachd a’ dearbhadh gura h-e An Comann Gàidhealach a thug taic an toiseach dhan dràma as aithne dhuinn an diugh. Tha i air a h-uile cùil is cèal dhen fhàs a thàinig air on uair sin a rannsachadh.
Uisgeachan – sàl is fìoruisge – sin as ceann-seanchais aig Moray Watson. A’ mhuir ’na crìch, ’na cnap-starra, ’na staid eadar-dha-shaoghal, agus ’na cunnart. Tha muthachadh grinn sa bhreithneachadh aige gu bheil bun nan aignidhean domhain ann an saoghal nach eil faicsinneach.
Se na h-earrannan mu bhardachd an là-an-diugh a tha a’ toirt dhuinn fìor chomharradh an leabhair. Tha dà chaibideil, le Dymock is le Máire Ní Annracháin, ann mu MhacGill-Eain. A thuilleadh air sin, sann mu annas-làimhe Chrisdean MhicGilleBhàin as mutha an corr dhen anaileis. Tha an taghadh sin cùnach fa-chomhair na tha ann de bhaird, eadar am beò is am marbh.
Tha cunntas aig MacGilleBhàin fhéin air dèanamh an dàin aige ‘Ceum air Cheum’. Sann ainmig a gheibhear a leithid sin ann an litreachas sam bith, is tha luach sonraichte gabhail ris dha réir. Mar a chuir Wilson McLeod an céill o chionn ùine mhath, agus a rithist an seo, tha ceist bhunaideach ri fuasgladh a thaobh eadar-theangachadh. Se an cunnart gu bheilear a nise buailteach air bardachd Ghàidhlig a mheas chan ann sa chruth san do rinneadh i ach ann an tionndadh Beurla. Am barail Corinne Krause se eadar-theangachadh an ughdair fhéin as cunnartaiche buileach. Sann a tha daoine an imis a’ Ghàidhlig a chur gu léir an darna taobh. Dh’fhuilingeadh na th’ aice-se ri ràdh a chur an cainnt nas sìmplidhe, oir tha léirsinn san alt aice.
Mar a tha soilleir, tha Beurla is Gàidhlig san leabhar; roinn mhath dhen Ghàidhlig furasda gu leòr a leantainn is cuid eile bheireadh fead air Mac-an-Tòisich MacAoidh. Ach se leabhar foghlamaichte th’ann is theagamh gun dèan na leughadairean aoibhneas gu bheil na beachdan aig Julia Kristeva agus Mikhail Baktin air fearann na Gàidhealtachd a ruigheachd mu dheireadh thall. Tha mi an amharas cuideachd gum bi feadhainn eile a’ cuimhneachadh air an rann a rinn Gilleasbaig Aodrom do Mhaighstir Sutar: “Nuair a théid thu dhan chùbaid / Nì thu urnaigh tha gleusda, / Cuid dhith ’na Gàidhlig / Is cuid dhith ’na Beurla, / Cuid dhith ’na Laideann / Is cuid dhith ’na Greugais, / Is a’ chuid nach tuig càch dhith, / Bheir i gàir’ air Fear Gheusdó.”
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Wednesday 22 May 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 3 C to 13 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
Tomorrow
Light showers
Temperature: 5 C to 10 C
Wind Speed: 24 mph
Wind direction: North west
