Cinnt, mì-chinnt, agus an ‘sruth leantainneach’
BHA dà chuirm le freumhan Gaidhealach ann Di-Sathairne sa chaidh. An toiseach bha “Solas Ùr air Tobar an Dualchais” ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Anns a’ chiad leth chualas oileanaich o dhiofar sgìrean de UHI a’ seinn òrain sa Ghàidhlig, agus on dualchas Albannach. B’e gillean bu mhotha a bh’ anns a’ bhuidheann a sheinn anns a’ Ghàidhlig, agus am measg na chualas bha ‘Till an Crodh, Faigh an Crodh’, ‘Cha Tèid Mise, cha Tèid Mi’, agus ‘Tàladh Chrìosta’. Ged a bha na seinneadairean beagan diùid mu bhith seinn a-mach, sheinn iad gu dùrachdach.
Bha grunn de dh’ionnstramaidean aig a’ bhuidheann a sheinn òrain Albannach, agus thug an taic seo neart agus misneachd dha na seinneadairean. Bha cinnt anns an t-seinn agus bha an ceòl-taic air a chur ri chèile aca ann an dòigh a bha ùr agus inntinneach. Bha sàr ghuthan aig feadhainn dhe na h-oileanaich a sheinn ’nan aonar.
Chuala sinn aig toiseach na cuirm mun “t-sruth leantainneach”. Mar sin, bha e mì-fhortanach nach d’fhuaireadh dòigh air fios a thoirt dhan luchd èisteachd air co ás agus co bhuaithe a thàinig na h-òrain agus na pìosan ciùil a chualas. Tha e cudromach nach dìochuimhnich sinn na daoine a chum beò ar dualchas.
An dèidh a’ bhrisidh, chualas naoinear oileanach a tha ag ionnsachadh ceòl agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. Chòrd an ceòl beòthail aca gu mòr ris an luchd èisteachd, agus ged a bha beagan de mhì-chinnt a’ nochdadh corra uair, gheibheadh iad mathanas.
Air an oidhche, bha cuirm ann an Talla a’ Bhaile a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna on a stèidhicheadh Sabhal Mòr Ostaig. Chualas sreath de sheinneadairean ainmeil na Gàidhlig. ’Nam measg bha Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Màiri Anna NicUalraig, Julie Fowlis, Alasdair Codona agus Cairistìona Primrose, le cuid dhiubh a’ taghadh òrain a sheinn iad iomadh uair, agus cuid eile a’ gabhail òrain ùra a bha gu math tlachdmhor. Chualas cuideachd Feargaidh Dòmhnallach, agus Alasdair Friseal le Natalie Haas. Deagh phrògram gu dearbh. Ach nam biodh rionnagan gan toirt seachad, chan eil teagamh ann nach biodh còmhlan-ciùil na cuirme, fo stiùir Ailein MhicEanraig, gu math airidh air a còig, oir bha iad sònraichte math.
Air aoigheachd bha an t-Ollamh Mícheál Ó Súilleabháin (piana) agus luchd ciùil o Oilthigh Luimnigh, còmhla ri oileanaich o Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Bhuapasan chualas ceòl na h-Èireann, jazz agus ceòl clasaigeach air am filleadh ri chèile gu h-ealanta. Ceòl adhartach agus dùbhlanach dhan luchd ciùil agus dhan luchd èisteachd.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Saturday 25 May 2013
Today
Sunny
Temperature: 5 C to 19 C
Wind Speed: 15 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 9 C to 16 C
Wind Speed: 15 mph
Wind direction: West
