DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Chan i Ghàidhlig cànan na dachaigh tuilleadh

Siabost: nan robh �it ann far am biodh a ch�nan l�idir, be seo e

Siabost: nan robh �it ann far am biodh a ch�nan l�idir, be seo e

Chaidh Barail agus Comas Cànain fhoillseachadh, aithisg rannsachaidh a chuir Bòrd na Gàidhlig air dòigh. Tha i air a roinn ann an trì earrannan, agus dhiubh sin se an rannsachadh a rinneadh mu chleachdadh na Gàidhlig ann an Siabost, Leòdhas, fo stiùir an Dr Gillian Rothaich, as motha a chuireas iongnadh air neach.

Chaidh daoine còire Shiaboist a thaghadh air sgàth ’s gun robh Gàidhlig aig a’ chuid as motha sa chunntas-sluaigh mu dheireadh (2001), ’s a chionns gun do shaoileadh nach robh mòran in-imrich air gluasad a-steach. Cuideachd, bha am Bòrd agus Comann na Gàidhlig a’ ruith tè de na h-Iomairtean aca anns a’ bhaile.

Se rud dha fhèin a th’ anns an rannsachadh seo. “Bha e na iongnadh agus na thlachd do mhuinntir Shiaboist gun robh Bòrd na Gàidhlig aig na dorsan aca a’ faighneachd airson am beachdan”, tha na h-ùghdaran ag ràdh. Chaidh trì diofar cheisteachain agus agallamhan a chleachdadh; chaidh na ceisteachain a thoirt dhan a h-uile taigh, agus chaidh àireamh glè àrd dhiubh a lìonadh, a thilleadh ’s a mheas – 160 a-mach á 161 taigh son aon dhiubh.

Dè an dealbh a tha iad a’ tarraing? “Chan i a’ Ghàidhlig prìomh chànain na dachaigh tuilleadh airson daoine nas òige na 50 bliadhna dh’aois.” Oir a thaobh tuigse na Gàidhlig, fhuaradh a-mach nach eil ach aon phàiste ás gach triùir reusanta fileanta; a thaobh bruidhinn tha nas lugha na cairteal air am meas fileanta. Tha trì cairtealan de chlann Shiaboist fo aois 16 a’ bruidhinn Beurla a-mhàin (no mar as trice) ri am pàrantan, a rèir na fhuaradh de fhreagairtean air a’ chuspair seo, ged a tha foghlam meadhan-Gàidhlig air a bhith a’ dol ann an Siabost bho 1984.

A thaobh barail-cànain nan inbheach, cha do chuir ach 32 ás a’ cheud dhen luchd-freagairt an aghaidh na beachd: “Tha a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh.”

Tha e “glè shoilleir bhon aithisg seo gu bheil gluasad cànain a’ tachairt ann an Siabost, bho fhileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla – dà-chànanas – gu fileantachd sa Bheurla a-mhàin am measg mòran dhen òigridh …Chan eil na pàtranan fileantachd agus cleachdaidh airson inbhich cho eu-coltach ris an fheadhainn airson cloinne, agus tha an luchd-rannsachaidh dhen bheachd, ged a tha mòran (gu seachd àraid inbhich) fileanta sa Ghàidhlig gu bheil gluasad cànain mòr a’ gabhail àite.” Dè ghabhas dèanamh? Tha na h-ùghdaran a’ moladh planadh cànain, air son agus gu seachd àraid leis na daoine, gus taic dhan Ghàidhlig – agus cothroman air a togail – a neartachadh. “Dh’fheumadh an t-amas agus dòighean-obrach a bhith air an deasbad leis a’ choimhearsnachd, anns gach suidheachadh.” Ach cuideachd: “Bu chòir na h-obraichean, na poileasaidhean, agus an taic airson Gàidhlig a bhith stèidhichte gu soilleir anns na coimhearsnachdan beaga seo … Bheireadh seo misneachd do dhaoine sa chànan agus bhiodh bharrachd creideis aig muinntir Shiaboist is àiteachan eile sna h-oidhirpean aig na buidhnean.”

Am faigh iad èisteachd bho na daoine a chuir an rannsachadh air dòigh? Thuirt ceannard a’ Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh, gu bheil plana ga chur air dòigh mar-thà. “Bidh e air fhoillseachadh as t-earrach, a’ gabhail a-steach gnìomhan co-cheangailte ri Gàidhlig san dachaigh, taic do pharantan agus do bhuidhnean chloinne fo aois cóig, an Sgoil, agus tachartasan coimhearsnachd.”

Mur eil e ro fhada dhan latha.

Gheibhear an rannsachadh air fad aig www.gaidhlig.org.uk/Shawbost%20Research%202011.pdf


Logged in as:


Please adhere to our Community guidelines

Your view

Please to be able to comment on this story.

Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Monday 28 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 10 C to 16 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.