DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

Bàs Megrahi: ceistean

Tha teagamhan ann mu chiont Megrahi, s tha cuid ag iarraidh sgr�dadh m�r poblach mun ch�is ann an Alba

Tha teagamhan ann mu chiont Megrahi, s tha cuid ag iarraidh sgr�dadh m�r poblach mun ch�is ann an Alba

Tha bàs Abdelbasat Ali Mohmed al-Megrahi, 60, Di-Dòmhnaich sa chaidh air ceist na coireachd air son là dubh Logarbaidh 21.12.88 a thogail ás ùr agus iomagain ann gu bheil an gnothach a’ tarraing aire nàireil do dh’Alba air adhbharan eadar-dhealaichte.

Air an dàrna làimh tha feadhainn den bheachd gur e uilebheist a bh’ anns an Libianach a mharbh 270 le boma a phlantaig e air bòrd PanAm 103 a thuit air Logarbaidh. Tha iad ag ràdh gur e mearachd a rinn Ministear a’ Cheartais, Coinneach MacAsgaill, le bhith a’ leigeil le al-Megrahi a dhol dhachaigh gu Tripoli seach bàsachadh sa phrìosan. Thuirt ceannard nan Làbarach, Johann NicLadhmainn, ’s i a’ bruidhinn “ás leth muinntir na h-Alba”, nach robh an co-dhùnadh sin ach “a’ dèanamh tàir air na h-ìobairtich agus an teaghlaichean”.

Air an làimh eile tha cuid de luchd-dàimh nam marbh agus sàr-eòlaich lagh cinnteach nach robh al-Megrahi neo Libia an sàs sa mhort ’s gu bheil fianais nas earbsaich a’ comharrachadh Iran. Tha litir fhosgailte le taic bho dhaoine cliùiteach ann am beatha phoblach a’ fàgail air Riaghaltas na h-Alba gun deach ceuman a ghabhail “a tha a’ cur bacadh air adhartas sam bith a dh’ionnsaigh togail a’ cheò a tha ’na laighe air na thachair”.

Tha am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail a’ toirt taic ris an iomairt air son sgrùdadh poblach. Thuirt e: “Chan eil mi a’ tuigsinn car son a tha daoine a’ dùnadh an sùilean ri fianais a tha a’ cur teagamh anns a’ bhinn a chaidh a chur air Mgr Megrahi. Bha na breitheamhan eisimeileach air an fhianais agus an fhiosrachadh a bha romhpa sa chùirt agus tha sinn uile an urra ris na leugh sinn mun chùis lagh. Ge-tà, tha fianais ùr air nochdadh bhon uair sin agus tha sàr-eòlaich air ceistean a thogail air a’ bhuaidh a bh’ aig riaghaltasan Ameireaga ’s Breatainn air cùis lagha Albannach.”

Se an t-Oll. Raibeart MacilleDhuibh a chuir cùis-lagha Mhegrahi air bhonn fo lagh na h-Alba aig cùirt shònraichte anns na Dùthchannan Ìsle. Thuirt e: “Tha mi toilichte faicinn gu bheil na meadhanan naidheachd an-seo agus anns na Stàitean Aonaichte ag aithneachadh a-nis gu bheil fìor dhuilgheadasan ann an dìteadh Megrahi. Se tha dhìth a-nis gun aithnich Riaghaltas na h-Alba cho riatanach ’s a tha sgrùdadh poblach neo-eisimeileach.”

Ghabhadh tagradh a chur a-steach an aghaidh na binne le teaghlach al-Megrahi, ged a tha ughdarrasan Albannach agus Ameireaganach fhathast a’ rannsachadh ceanglan Libianach ri uabhas Logarbaidh.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Saturday 25 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 5 C to 19 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 9 C to 16 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.