Baile geal Helsinki
Helsinki Cathedral. Picture: David J Byrne
Am baile geal. Sin an t-ainm a thug an t-ailtire Carl Engel air Helsinki san 18mh linn. Cha b’ ann air son cho fuar ’s a tha an aimsir, ged as ann mar sin a thà an aimsir (ach a-mhàin as t-samhradh), ach air sgàth ’s dath a’ chuid as motha de na toglaichean a dhealbhaich Engel fhèin.
Tha iad fhathast geal. Ach, mar a tha nàdarra, chaidh gleans eadar-dhealaichte a chur ri coltas a’ bhaile bhon uair sin agus chithear toglaichean gorma ’s pince, ’s fiùs buidhe, nas trice an-diugh. Gus deagh eisimpleir den fharsaingeachd seo fhaicinn, rachainn gu Eira, sgìre shnasail nach eil ach cairteal uair a thìde air bus poblach bho mheadhan a’ bhaile. Àite snog socair far an do thog daoine beartach taighean ùra aig toiseach an 20mh linn. Dh’fhaodadh tu uair no dhà a thoirt an seo gu furasta, a’ coiseachd ’s a’ coimhead mun cuairt.
Tha an dearbh rud fìor mu mheadhan Helsinki. Feumaidh mi aideachadh gun do chuir a choltas Baile Naomh Pheadair san Ruis an cuimhne dhomh. Dh’fhaodte nach e iongnadh cho mòr a th’ ann, leis cho faisg ’s a tha am baile bòidheach sin (mu thrì uairean a thìde dhan ear), ach an t-adhbhar as motha son a’ ghleans Ruisich, b’e gun deach tòrr de na seann toglaichean a chur suas nuair bha an Fhionnlann fo smachd cruaidh na Ruis. Agus tha an ailtireachd ùr a’ dol glè mhath leis an t-seann stoidhle, ’nam bheachd-sa co-dhiù, fiùs leis na toglaichean ùra meatailt, glainneach, gleansach a chaidh suas anns na 90an.
A bharrachd air ailtireachd ùr, tha luchd-dealbhaidh na dùthcha air cliù math fhaotainn son dealbhachadh cha mhòr anns gach seadh. Bho àirneis adhartach annasach àlainn, gu fònaichean làimhe, gu na “h-appaichean” air na dearbh fònaichean làimhe. Chaidh Helsinki ainmeachadh mar “Phrìomh Bhaile Dealbhachaidh an t-Saoghail ann an 2012”, agus tha tachartasan a’ gabhail àite air an ceangal ri dealbhachadh fad na bliadhna seo.
Sann mun cuairt air Pàirce Dianapuisto a tha tè de na sgìrean as fheàrr gus àirneis Fhionnlannach fhaicinn. Chithear iomadh bùth àirneis an seo. ’Nam broinn bha iomadh rud brèagha, agus gach rud cosgail. Mar eisimpleir aon chuisean €80 (£65), brat-ùrlair €2,900 (£2,330), leabhar dealbhachaidh (na bu choltaiche ri bileag ’nam bheachd-sa) €86 (£70). ’S mar sin air adhart.
Ma bhios euro ruadh air fhàgail, chan eil cosgaisean àbhaisteach mòran nas fhas’ air an sporan. Cosgaidh taigh òsta meadhanach math – glan, goireasach – mu €80–€100 (£65–£80) an oidhche aig an deireadh sheachdain, ach mu €140–€160 (£115–£130) tron t-seachdain. Faodar prìsean bu lugha a lorg le bhith coimhead cuid de na làraich lìn ùra – Airbnb, Wimdu ’s an leithid.
A thaobh biadh ’s deoch bidh a’ chuid as motha de na taighan bidhe ’s na taighean seinnse cosgail do dh’Albannach. Ach a-rithist, tha dòighean ann beagan airgid a shàbhaladh. Gach latha tron t-seachdain, eadar 4f agus 6f, se “uair obrach” a th’ ann sna taighean seinnse, nuair a bhios iad ag ìsleachadh nam prìsean àbhaisteach aca. Gu h-annasach, bidh prìsean nan taighean bidhe cèine (Thaiach, Sìonach etc) nas ìsle na taighean bidhe Fionnlannach. Cha mholainn-sa biadh Fionnlannach a sheachnadh idir ge-tà, ach seo dòigh air smachd a chumail air cosgaisean bunaiteach. Bidh a’ chuid as motha de na taighean bidhe Fionnlannach nas reusanta aig àm lòin na aig àm dìnneireach, agus dh’ithinn annta aig an àm sin den latha.
Coltach ris a’ chuid as motha de na dùthchannan san nàbaidheachd, is toigh leis na Fionnlannaich blasan sìmplidh, plèan. Gus deagh bhlasad fhaighinn air farsaingeachd de bhiadh na dùthcha, rachainn gu margaid Kuupatorri. Tha i air oir na h-acarsaid, troighean air falbh bho bhàtaichean a tha a’ reic iasg a chaidh a ghlacadh ann an Camas na Fionnlainne a’ mhadainn sin.
Tha biadh na mara cudromach do na Fionnlannaich. Chithear sgadan picilte mar a chithear an Alba, ach chòrd an sgadan picilte ann an seiridh (agus fear ann an sùgh dearc-choille) rium gu mòr. Dh’fheuchainn giomach-Spàinnteach nam faighinn cothrom, seach gu bheil e cho reamhar ’s cho milis.
Tha mi riamh air a bhith den bheachd gum bu chòir dhomh a bhith fosgailte do rud sam bith fheuchainn fhads a bhios mi thall thairis, ach feumaidh mi aideachadh gun do cheasnaich mi an fheallsanachd agam fhèin nuair fhuair mi an cothrom feòil mathain smòcte fheuchainn.
Ach dh’fheuch mi e. Agus chòrd i rium. Leagh i ’nam bheul agus mhair am blas smòcte greis mhath. Aig mu €220 an kilo ge-tà, chan e feòil làitheil a th’ ann idir. An rud a tha ga dèanamh cho cosgail, se cho gann ’s a tha i.
Cha mhòr cho gann ’s a tha toglaichean geala a’ fàs anns a’ “bhaile gheal”.
daibhidhseumas@yahoo.ca
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Thursday 23 May 2013
Today
Light showers
Temperature: 5 C to 10 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 4 C to 13 C
Wind Speed: 17 mph
Wind direction: North east
