DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

An t-srì eadar turasachd uaine agus leasachadh

Athabasca Glacier , Jasper National park.

Athabasca Glacier , Jasper National park.

Cluinnear an abairt “turasachd uaine” nas trice an-diugh – feallsanachd a tha a’ lùghdachadh na droch bhuaidh a th’ aig luchd turais ’s aig gnìomhachas na turasachd air àrainneachd nan ceann-siubhail as fheàrr leinn. Bidh i cuideachd ag amas air buaidh mhath mhaireannach a thoirt air an àrainneachd agus, gu dearbh, air beatha muinntir an àite. Agus air a bhith a’ gabhail dleastanas-cùraim air son na buaidh a bheir thu an uair a bhios tu a’ siubhal an t-saoghail.

Chan eil teagamh ann nach eil “siubhal uaine” air a bhith fàs nas cumanta bho chionn bheagan bhliadhnachan. Gheibh thu cothrom an uidhir de dhà-osgasaid carbon a chruthaicheas an turas adhair agad a chur gu neoini air làraich-lìn nan companaidhean adhair, agus chì thu samhlaidhean uaine air na bileagan-siubhail anns na bùthan-siubhail.

Se iarrtasan agus feumalachdan luchd siubhail dùthchannan an iar a th’ air a chùl. Tha e tighinn cuideachd bho bhuidhnean mar Ghreenpeace, a chuir ìmpidh air an Riaghaltas agus air a’ ghnìomhachas siubhail. Ach chan eil e idir furasta do dhùthchannan fo leasachadh. Le airgead gann agus iomadh dùthaich a’ feuchainn ri airgead luchd-turais a thàladh, tha e tòrr nas fhasa agus nas saoire gun a bhith toirt cus aire air feallsanachd turasachd uaine.

An eisimpleir as miosa a chunnaic mi, b’ann ann an Goa ann an India. Tha fèill mhòr air a bhith air Goa fad deicheadan leis cho ciùin ’s a tha an t-àite ’s cho guanach ’s a tha na daoine. Ach chuir e iongnadh orm cho salach ’s a bha e. Is dòcha gum biodh tu an dùil ri sgudal anns na bailtean mòra, saoilidh mi, ach b’ ann air na tràighean ’s anns na h-aibhnichean a chunnaic mi an uidhir as motha dheth. Chan eil teagamh nach robh an sgudal ’s am bùrach seo a’ dèanamh cron air beathaichean, air daoine agus air an àrainneachd ionadail air fad.

Dh’fhaighneachd mi do shealbhadair taigh òsta “uaine”, nach robh uaine, an cois tràigh Anjuna car son a bha sgudal air feadh an àite. Thuirt e ged nach eil an suidheachadh a’ còrdadh ris idir, nach bodraig daoine cus a dhèanamh seach nach bodraig daoine eile, agus gum feumadh cultar an àite atharrachadh mus tigeadh piseach air a’ chùis.

Tha Burma air an doras fhosgladh o chionn ghoirid, a’ feuchainn ri airgead luchd turais a thàladh do dhùthaich a tha Àisianach mar a bha Àisia mu leth-cheud bliadhna air ais. Tha bailtean tradiseanta ann far nach do dh’atharraich an dòigh beatha ach beag fad iomadh linn. Ma chumas cùisean poileataigeach cho seasmhach ’s tha iad an-dràsta – an taca ris mar a bha iad co-dhiù – tha dragh aig cuid gun tig na taighean òsta mòra ’s an leithid ann an ùine nach bi ro fhada agus nach mair an dòigh beatha sònraichte seo cus ro fhada.

Chan ann sna dùthchannan fo leasachadh a-mhàin a bhios srì mar seo a’ tachairt. Cha leigear a leas ach coimhead air a’ chonnspaid a bha dol o chionn fhada ann an Alberta, Canada, fad ùine mhòr mu dheidhinn slighe-coiseachd ùr a thogail air eigh-shruth Pàirce Nàiseanta Jasper. Thuirt an fheadhainn a bha ’na aghaidh gur e sgìre ro phrìseil a bh’ ann ’s nach bu chòir cead a thoirt don phròiseact. Ach chaidh an latha leis an fheadhainn a mhol na buannachdan a gheibheadh an luchd-turais ’s an econamaidh ás.

Sin adhartas, mar a chanas iad. An duilgheadas a th’ ann le adhartas anns na dùthchannan fo leasachadh, se gum bi tòrr mòr a bharrachd cuideam air an riaghaltas obraichean ùra chruthachadh agus fàs a thoirt air an econamaidh. Chanadh cuid gum b’ fheàrr leotha droch leasachadh na cion leasachaidh. Tha e cuideachd nas doirbhe do riaghaltasan nan dùthchannan seo seasamh an aghaidh feumalachdan nan companaidhean mòra siubhail.

Co-dhiù, an trioblaid as motha an-dràsta, se nach deach aon structar eadar-nàiseanta a stèidheachadh fhathast a dh’innseas dè cho “uaine” ’s a tha goireasan turasachd anns an dàrna àite an taca ri àite eile. Dh’fhaodadh goireas turasachd ris an canar “uaine” ann a Vietnam a bhith fada an aghaidh feallsanachd a’ ghnìomhachais uaine anns an Danmhairg.

Leis a-sin, gus turasachd uaine a dheanamh nas cliùitiche, agus an fheallsanachd aice nas soirbheachaile, feumaidh tòrr mòr a bharrachd co-obrachaidh a bhith eadar riaghaltasan air an dara taobh agus buidhnean siubhail ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta air an taobh eile. Feumar cuideachd aonta eadar-nàiseanta a bhith ann air dè dìreach a tha ann an “turasachd uaine” – dè dìreach a tha e a’ ciallachadh.

Do bhuidhnean anns a’ ghnìomhachas, bheir seo mìneachadh agus amasan a nì cùisean soilleir dhaib’ fhèin, agus mar sin cuideachd do luchd turais air feadh an t-saoghail.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Monday 20 May 2013

5 day forecast

Today

Thunderstorm

Thunderstorm

Temperature: 8 C to 21 C

Wind Speed: 9 mph

Wind direction: South

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 6 C to 16 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.