‘A bheil sinn a’ call smachd air a’ chànan ’s a lùths?’
Nuair chaidh am bàrd Leòdhasach Pàdraig MacAoidh a choimhead air son beagan comhairle a thaobh dhreuchdan san sgoil, se a leugh e ann an aonan de na leabhraichean a thog e ann an Sgoil MhicNeacnail: Novelist – a high level of literacy and imagination required, and recommended that you follow English. Chances of making a living very slim. Agus nuair a thàinig e gu bhith ’nad bhàrd, thuirt an aon leabhar: Poet – see novelist, chances of making a living even less.
Ach nuair a thachair mi ris air latha brèagha samhraidh an t-seachdain sa chaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, bha e follaiseach nach do chuir a’ chomhairle sin maill sam bith air. Tha e a-nis ’na “sgrìobhadair air mhuinntireas” aig a’ cholaiste ’s e an dòchas a’ chiad leabhar bàrdachd aige fhoillseachadh ann an ùine nach bi fada. “Tha seo toirt ùine dhomh dàin a sgrìobhadh, ’s tha mi an dòchas gum bi làmh-sgrìobhainn den leabhar deiseil ro dheireadh na bliadhna. Tha an obair a’ còrdadh rium gu mòr. Bha buidheann sgrìobhaidh agam sa chiad teirm, le eadar sianar ’s deichnear a’ tighinn ann. Dh’fhaodadh iad sgrìobhadh ann an Gàidhlig no Beurla, rosg no bàrdachd.”
Ach dè mu dheidhinn a chuid sgrìobhaidh fhèin, cò na sgrìobhadairean a bhios a’ toirt buaidh air mar sgrìobhadair – an dithis shàr bhàrd mun do rinn e PhD, Wordsworth agus Heaney? “Tha mi gu follaiseach a’ feuchainn gun a bhith fo bhuaidh Heaney ’s Wordsworth, tha mi air cus a leughadh mu’n deidhinn ’s dhen obair aca. Sann glè ainneamh a bhios mi sgrìobhadh mu nuair bha mi òg, mar eisimpleir. Feumaidh mi bhith gu math faiceallach ma tha mi sgrìobhadh mu mo thogail ann an Leòdhas, bidh mi ag ràdh an e mo ghuth-sa a tha seo, no cuideigin eile?
“A thaobh litreachas na Gàidhlig, tha mi smaoineachadh gum bi Somhairle ’s Iain Mac a’ Ghobhainn a’ toirt buaidh orm gu ìre air choreigin. Bu thoigh leam a ràdh gun robh buaidh aig Mac Mhaighstir Alastair ach chan urra dhomh, chan eil mo bhriathrachas farsaing gu leòr. Ach sheall e dhuinn nach fheum sinn a bhith laghach ann am bàrdachd, no cumhang. Bidh mi a’ leughadh Eliot a-rithist ’s a-rithist, ’s toigh leam Auden, Dylan Thomas air son a cheòl, Shakespeare air son farsaingeachd, Blake air son cho ás a chiall ’s a bha e. Yeats air son cruth, agus ann an cànanan eile, Lorca agus Neruda.”
A bheil gin a chuspairean ann a thogas ceann nas trice na chòrr ’na bhàrdachd? “Aon rud, an dòigh anns a bheil an duine fa leth a’ mothachadh dha tìm, agus mar a tha tìm a’ gluasad. Dè cho slaodach ’s a tha e, dè cho luath ’s a tha e, dè tha sin a’ ciallachadh dhut. Tha sin a’ toirt buaidh air ciamar a tha sinn a’ tuigsinn eachdraidh agus cuimhne cuideachd. An e sreath no cearcall a th’ ann an eachdraidh, no a bheil na h-aon rudan a’ nochdadh a-rithist ’s a-rithist?
“Rud eile a tha nochdadh ’nam obair, se duilgheadasan labhairt. Tha mi air mothachadh sa bhàrdachd a sgrìobh mi bho chionn bliadhna no dhà gum bi cuideigin ann uaireannan a tha a’ call briathrachas, no aig a bheil trioblaid fiosaigeach, a bhios a’ ciallachadh nach urrainn do dh’fhaclan a thighinn a-mach. Agus bidh e soilleir do dhuine sam bith car son tha rudan mar seo a’ nochdadh, oir ma tha thu a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig, bidh ceistean ann mu chànan agus a bheil sinn a’ call smachd air a’ chànan ’s a lùths? Ach sann mu dheidhinn chànanan san fharsaingeachd a tha e cuideachd, nuair a tha thu a’ fàs nas aosta bidh thu a’ call cuimhne ’s a’ call fhaclan.”
Agus mar fhear a tha air leabhar sgoilearach fhoillseachadh mu Shomhairle MacGill-Eain, ’s a tha ’na cho-dheasaiche air leabhar, Sùil air an t-Saoghal, far a bheil sgrìobhadairean agus sgoilearan Gàidhlig a’ beachdachadh air ceanglaichean eadar litreachas eadar-nàiseanta agus litreachas na Gàidhlig, dè am beachd a th’ aig Pàdraig air saoghal litreachas na Gàidhlig an-diugh?
“Bho na seachdadan air adhart, tha litreachas na Gàidhlig air a bhith ann an staid nas beothaile na bha e riamh, an iomadh dòigh. A thaobh na th’ ann de ghnèithean sgrìobhaidh, tha tòrr a bharrachd a’ tachairt a-nis na bha nuair a bha a h-uile duine a’ sgrìobhadh bàrdachd, searmonan agus òrain. Ach chan eil sin ag ràdh gu bheil sinn ann an staid cho fallain ’s a ghabhas.”
A rèir Phàdraig, ged a tha an uimhir de dhiofar sheòrsaichean sgrìobhaidh ann, chan eil deasbad ann. “San 20mh linn, nuair bha Somhairle, MacThòmais, Mac a’ Ghobhainn, Hay agus MacAmhlaigh a’ sgrìobhadh còmhla ris na ceudan eile, bha fios againn gun robh deasbad fallain, làidir ann. ’S dòcha gur e sin aon rud nach eil cho fallain an-diugh, chan eil deasbad cho mòr ann mu dè cho math ’s a tha na tha sinn a’ sgrìobhadh. Chan eil fòram againn far am faod sinn deasbadan a thogail, mar a bh’ aca le Gairm.
“Bha Gairm an teis-meadhan coimhearsnachd litreachais. Ach chan eil sin againn a-nis.”
Air an làimh eile, thuirt Pàdraig gu bheil barrachd saorsa aig sgrìobhadairean an-diugh thaobh chuspairean ’s an dòigh-sgrìobhaidh aca. “Tha saorsa ann a bhith a’ sgrìobhadh science fiction, tha saorsa ann a bhith sgrìobhadh nobhailean eachdraidheil. B’ àbhaist a’ cheist a bhith ann, car son a tha an leabhar seo sa Ghàidhlig, agus bhiodh agad ri ràdh: feumaidh cuideigin a bhith againn ann am bàta ás na Hearadh, no ma bha thu air son sgrìobhadh mun Spàinn san 18mh linn, feumaidh cuideigin á Uibhist a bhith ann. Chan fheum sinn sin a ràdh tha mi a’ smaoineachadh, anns a’ Bheurla cha bhi na ceistean sin a’ nochdadh. Tha sin air saorsa a thoirt dhuinn gu ìre.”
Agus mus robh a’ mhadainn seachad, bha Pàdraig a’ togail air ’s e an dùil bùth-obrach a chumail air an sgeulachd ghoirid ann an ceann a-tuath an eilein. ’S math nach do ghabh e ris a’ chomhairle a bh’ ann an leabhar nan dreuchdan!
ahcampbell@btinternet.com
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Wednesday 22 May 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 3 C to 13 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
Tomorrow
Light showers
Temperature: 5 C to 10 C
Wind Speed: 24 mph
Wind direction: North west
