DCSIMG
SWTS.thescotsman.image.e

A’ bhannaomh agus Dòmhnall mac Fhionnlaigh

Bho chl�, Te�rlach Ceanadach BP, Ailean Caimbeul agus Raghnall Caimbeul. Tha iad nan seasamh beagan shlatan bho dhoras Eaglais Chille Choirill. Air an c�laibh tha a chlach chuimhneachain �r, anns an l�raich far a bheil D�mhnall mac Fhionnlaigh air a thiodhlacadh, a r�ir beul-aithris Bhr�ighe Loch Abar

Bho chl�, Te�rlach Ceanadach BP, Ailean Caimbeul agus Raghnall Caimbeul. Tha iad nan seasamh beagan shlatan bho dhoras Eaglais Chille Choirill. Air an c�laibh tha a chlach chuimhneachain �r, anns an l�raich far a bheil D�mhnall mac Fhionnlaigh air a thiodhlacadh, a r�ir beul-aithris Bhr�ighe Loch Abar

Bha eaglais bheag bhòidheach Chille Choirill am Bràighe Loch Abar làn Di-Sathairne sa chaidh air son tachartas a’ comharrachadh obair dithis Abrach ainmeil, Màiri NicPhilip a thàinig a bhith ’na ciad naomh Astrailianach agus am bàrd Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn.

Ged a fhuair iad cliù ann an diofar linntean agus ann an roinntean beatha gu tur eadar-dhealaichte bho chéile tha an dàimh eatarra ann an eachdraidh agus dualchas ga chur an céill le cuimhneachan ga stéidheachadh le Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.

Mhìnich Ruairidh Balfour agus Jeff MacLeod beagan de chùl-cinn teaghlach Màiri NicPhilip, mar a chaidh a h-athair a-null a dh’Astrailia ann an 1838 ’na dhuin’ òg foghlaimte le susbaint gu leòr air son taigh a thogail agus pòsadh ann an 1840. Cha deach gnothaichean leotha ann an suidheachadh poilitigeach an àm agus dh’fhiosraich Màiri bochdainn mus d’ràinig i aois.

’S i a’ Phiuthar Therèse Ní Conbhuidhe a nochd an cuimhneachan ás leth Peathraichean Naomh Iòsaiph, a’ chiad òrdugh creidmheach Astrailianach a bha ann riamh, a chuir Màiri NicPhilip air bhonn agus i a’ teagasg nam bochd ann an seann stàball ann am baile Penola ann an 1866. Sheas Màiri an aghaidh iomadh dórainn, ach chaidh an t-òrdugh bho neart gu neart, gu tric ag obair anns na fàsaichean. Rinneadh i ’na naomh ann an 2010.

Thug Mgr Raghnall Caimbeul, tuathanach Bhoth Fhionndain, fiosrachadh mionaideach seachad ann an Gàidhlig bhriagha na sgìre air Mùrlagain far an robh freumhan Màiri agus air eachdraidh Chille Choirill, neo Cille Chairill mar a chanas muinntir an àite rithe.

Se ‘Òran na Comhachaig’ a’ bhàrdachd as aithnichte a rinn Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn, a rugadh san 16mh linn. A réir beul-aithris se fear de chlann ’ic Philip neo ’ic Fhilip a bha ann a rinneadh ’na dhall le Donnchadh Dubh nan Caimbeulach. Tha e tiodhlaichte faisg air doras na h-eaglaise.

Thuirt cathraiche Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, Ailean Caimbeul, “Tha sinn air leth toilichte, ann an co-obrachadh le muinntir na sgìre seo ’s le luchd gléidhidh na h-eaglaise, an dìleab phrìseil a chomharrachadh a dh’fhàg dithis de mhuinntir an àite seo:té a rinn mìorbhailean air sgàth nam bochd agus fear a rinn bàrdachd ionmholta a tha a’ bruidhinn ruinn fhathast thairis air na linntean.”

Tha prógram làn de thachartasan aig a’ chomunn air feadh na bliadhna ’s tha fàilte bhlàth chrìdheil ro bhuill ùra.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 21 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 12 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.