Tha an colbh seo aig Aonghas MacEanraig á Àird nam Murchan a' leigeil fhaicinn cho fada 's a bha na Gaidhil an eisimeil an fhacail bheòil air son fios "mu'n deidhinn fhéin". (Bha Seumas MacLeòid 'na bhàrd agus sgrìobh e nobhail Ghàidhlig Cailin S
giathanach.)
FHUAIR mi tacan an la roimhe de chuideachda Mhr Sheumais Mhic Leoid á Scalpaidh, agus dh' innis e dhomh rud no dhà air nach robh mi roimhe fiosrach a thaobh cor na Gàidhealtachd agus nan Eileanan. A réir a bheachdsan tha an spiorad nàiseil cho beo, cothromach anns na cearnachan so an diugh is a bha e o cheann cheud bliadhna, ach tha e 'ga nochdadh féin gu minig an rathad cràbhaidh agus chan ann a thaobh chùisean Stàide.
An Leodhas tha am pobull fhathasd a' creidsinn gu mór an aoradh teaghlaich agus an coinneamhan seachduine, nithean a th'air dol á cleachdadh, ach beag gu buileach am measg mhuinntir an Taobh Deas. Tha na h-Eileanaich is faide mu thuath a' leantainn gu buan ri gnàthan an sìnnsre, agus cha chuir mi m'aonta idir ris an dream a th'air (> their!] gu'm bheil iad fad air dheireadh an eireachdas beatha no an eolas cumanta. Fhuair iad an togail le oilean cruaidh a thaobh chùisean spioradail, agus buinidh dhaibh a h-uile urram air son cumail ris na seann bheachdan agus na seann riaghailtean gus am faigh iad aithne air nithean is taitniche agus is so-thuigsiche do mhuinntir nach eil nam feallsanaich na chaidh fhathasd a chur mu'n coinneamh.
Thuig mi, cuideachd, o Mhr Mac Leoid gu'm bheil na h'Eileanaich an trom ghaol air nòsan an athraichean a thaobh chaithe-beatha, gu sònruichte a thaobh nithean a bhuineas do'n slàinte – agus bu shlàn, fallain an athraichean!
The full article contains 321 words and appears in The Scotsman newspaper.