Bidh gearraidhean ann, ach càit an tuit iad?

Thug Stiùiriche an Ionmhais aig Comh­airle na Gàidhealtachd, Derek Yule, dealbh gu math dubhach seachad Diar-Daoin aig coinneamh na Comh­airle air na gearraidhean a dh’fheumas iad a chur an sàs air sàillibh easbhaidh sna buidseatan aca air son nam bliadh­nachan 2016/17 gu 2018/19.

Tha a’ bheàrn ann am buidseat na Comhairle gu math nas motha na bhathar an dùil aig coinneamh den Chomhairle san Dùbhlachd an-uiridh, nuair a bhathar a’ tomhas gum feumar £13.25 millean a shàbhaladh thar nan trì bliadhna. A-nis tha an t-sùim sin air èirigh gu £46m, agus feumar £21.6m dheth sin a shàbhaladh san ath bhliadhna ionmhais.

A’ bruidhinn aig a’ choinnimh, thuirt Mgr Yule: “Tha teansa mhath ann gun atharraich an t-sùim a tha seo – se an aon rud as urrainn dhomh gealltainn gun atharraich i. Tha tòrr mì-chinnt ann, chan eil cuimhne a’m a bhith ann an suidheachadh far a bheil fios aig a’ Chomhairle gun tèid an tabhartas againn bhon Riaghaltas a lùghdachadh agus gun fios againn le cinnt dè cho mòr ’s a bhios an lùghdachadh.

Hide Ad

“Tuigidh mi an dragh a tha gu bhith air daoine ann an Roinn na Gàidheal­tachd a tha faighinn sheirbheisean agus luchd-obrach na Comhairle air sàillibh nam figearan seo, ach cha bhi sinn an suidheachadh gus an Dùbhlachd am-bliadhna far am bi fios dha-rìribh ag­ainn air dè gheibh sinn bhon Riagh­altas.

“Chan urrainn dhomh leigeil leis a’ Chomhairle leantainn gun ullachadh a dhèanamh agus gum faigh sinn a-mach an uair sin gu bheil toll mòr san ionmhas againn. Mar sin, feumaidh sinn ceumannan a ghabhail an-dràsta gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh ionmhasail.”

Ged nach eil e soilleir idir aig an ìre sa dè na seirbheisean a tha fo chunnart, tha e soilleir gum bi gearraidhean ann agus gearr­aidhean mòra, agus bha cuid a chomhairlichean den bheachd gum feumar a-nis smaoineachadh air dòigh­ean eile airgead a chur ri sporan na Comhairle. Thuirt an Comhairliche
Lib-Deamach Dàibhidh Alston ris a’ bhuidh­eann-riaghlaidh ùr aig a’ Chomh­airle, na neo-eisimeilich: “Tha an-còmhnaidh dà thaobh air buidseat, na tha sibh a’ cosg agus na tha sibh a’ toirt a-steach. Sin a’ cheist mhòr a bhios aig a’ bhuidheann-riaghlaidh ùr ri freag­airt. Dè tha a’ dol a thachairt leis a’ Chìs Comhairle, dè an uiread de ghearraidh­ean a tha sinn deònach a chur an sàs, agus dè tha sinn deònach a thoirt a-steach le bhith ag àrd­achadh chìsean?”

Bha cuid eile de na Comhair­lichean den bheachd gum feumar coimhead air a h-uile dòigh gus airgead a thoirt a-steach, agus sin a’ gabhail a-steach a’ Chìs Chomhairle. Ach bha gu leòr eile ann nach robh a’ smaoineachadh gum bu chòir coimhead air a’ Chìs Comhairle àrd­achadh.

Thuirt Bill Fernie, cathraiche ùr comataidh ghoireasan na buidhinn-riaghlaidh ùir: “Tha fhios againn uile gum faod sinn a’ Chìs Comhairle a chur suas, ach thèid pàirt dheth sin co-dhiù a thoirt bhuainn. Mar sin, ’s dòcha nach dèan sin feum sam bith dhuinn. Gheibh­eamaid beagan airgid, ach bhiodh ag­ainn ri strì an aghaidh Riaghaltas na h-Alba air a shon ri linn mar a tha a’ Chìs Comhairle ‘reothte’.”

Ach dè mu dheidhinn nan seirbheis­ean a tha fo chunnart? Thuirt an Comh­airliche Sgitheanach Hamish Fris­eil bhon bhuidheann-riaghlaidh ùr: “Cha chreid mi gu bheil rud sam bith aig a’ Chomhairle sàbhailte an-dràsta bho bhith coimhead air co-dhiù, a thaobh dè na gearraidhean a bhiodh ann. Bidh sinn a’ coimhead gu mionaideach air a h-uile seirbheis. Mar bhuidheann-riagh­laidh ùr, tha sinn mothachail gum faod­adh na gearraidhean a bhith gu math nas cruaidhe air coimhearsnachdan iomallach ’s beaga na bhiodh iad air coimhearsnachdan mòra. Mar sin, bidh sinn a’ coimhead air cùisean ann an dòigh eadar-dhealaichte bho na trì bliadh­na a tha air a dhol seachad. Tha sinn a’ riochdachadh a h-uile sgìre a th’ ann, ach tha sinn nas mothachail gu bheil duilgheadasan aig na sgìrean iom­allach agus dùthchail. ’S dòcha gu bheil e nas fhasa do na sgìrean far a bheil tòrr dhaoine beagan ghearr­aidh­ean a ghiùl­an na tha do na sgìrean beaga.”

Hide Ad

Tha coltas ann gu bheil tidsearan an ìre mhath sàbhailte ri linn stiùireadh a thug Riaghaltas na h-Alba seachad air son a bhith a’ gleidheadh àireamh nan tidsearan. Agus tha pàirtean eile de bhuid­seat na Comhairle air an dìon, mar sin tha e coltach gu bheil na gearr­aidhean a’ dol a thighinn bho chosgais­ean luchd-obrach na Comhairle (seirbh­eisean, rathaidean ’s mar sin air adhart) agus bho earrainn ris an canar “Cosgais­ean Eile”. Tha tabhartasan do bhuidh­nean saor-thoileach, còmhdhail, cumhachd an dealain agus togalaichean mar phàirt dhen earrainn sin. Bidh na seir­bheisean a chaidh a ghearradh mar-thà agus buidhnean bhon “treas roinn” a’ ful­ang a-rithist.

Mar eisimpleir, bidh seirbheisean High Life na Gàidhealtachd – compan­aidh carthannach a stèidhich a’ Chomh­airle gus seirbheisean leithid leabharlannan, ionadan spòrs, taighean-tasg­aidh agus gailearaidhean a ruith – ann an cunnart a-rithist. Oir chaidh 4 ás a’ cheud den airgead aca a thoirt bhuapa air son 2015/16 mar-thà anns na gearr­aidhean a chaidh aontachadh san Dùbh­lachd an-uiridh, ach ma thèid an taic aca a ghearradh a-rithist gu ìre faisg air 4 ás a’ cheud anns na bliadhnaichean as dèidh sin, tha fhios gum bi seirbheisean a tha fìor fheumail do choimhears­nachdan ann an cunnart.

Hide Ad

Mar thuirt comhairliche bhon Phàrtaidh Nàiseanta, Bill Clark: “Ma thèid sgath sheirbheisean eile a ghearradh, bidh aig Comhairle na Gàidhealtachd ri iarraidh air daoine na sràidean a sguab­adh iad fhèin.”