Mu dheireadh – fèis a tha sa Ghàidhlig an da-rìribh
CHAIDH fèis litreachais Ghàidhlig a chumail ann an Glaschu an t-seachdain sa chaidh, 's a rèir a h-uile duine a bha an sàs ann, b'ann air leth math a chaidh a h-uile càil an lùib an tachartais ùir seo a bha a' feuchainn ri dearbhadh gun obraicheadh fèis litreachais Ghàidhlig sa bhaile.
Bha cothrom aig daoine ionnsachadh bho sgrobhadairean aithnichte mar Aonghas "Dubh" MacNeacail, Mrtainn Mac an t-Saoir, Rody Gorman agus Anna Frater, bha deasbad ann mu Bhoireannaich agus Litreachas na Gidhlig, bha bthan-obrach drma 's ealain ann do chloinn, chaidh leabhar r le Fionnlagh MacLeid a chur air bhog, agus chualas cel agus brdachd aig cuirm-chiil air an oidhche. Agus b'ann tro mheadhan na Gidhlig a bha a h-uile cil.
B'e "Leabhar is Craic" a thug iad air an fhis ir, seach gur ann le club-oidhche Gidhlig Ghlaschu, "Cel is Craic", a chaidh a cumail, le taic bho GHASD, bho Chultar agus Sprs Ghlaschu, bho Chomhairle nan Ealan 's bho Chomhairle nan Leabhraichean. Thuirt Rona NicDhmhnaill, oifigear leasachaidh nan ealan Gidhlig aig Cultar agus Sprs Ghlaschu, "Sa chig bliadhna a dh'fhalbh cha mhr nach fhacas an aon uiread de nobhailean Gidhlig air am foillseachadh 's a chunnacas ann an cl ann an eachdraidh fhada litreachas na Gidhlig roimhe, agus chan eil teagamh ann gu bheil sinn a' ruighinn re cileachd eile leis na nobhailean seo.
"Se r-Sgeul, an cl Gidhlig, gu mr as coireach gun do thachair seo, iomairt a thisich 's a leudaich Comhairle nan Leabhraichean agus a dh'fhoillsich am foillsichear 'Clr' Inbhir Nis. 'S iomadh triop a bhruidhinn mi fhn 's John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean mu mar a bha feum aig sgrobhadairean 's bird air ite no tachartas far am faod iad tighinn cmhla a bhruidhinn air gnothaichean cruthachail ann an Gidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.
"Ged as e tachartas beag poidhleatach a th' ann an 'Leabhar is Craic', tha e cudromach agus lirsinneach. Le bhith a' comharrachadh litreachas na Gidhlig agus le bhith toirt aithne dha, tha sinn a' toirt taic agus spis do luchd ealain – agus 's iadsan as motha a tha a' danamh cinnteach gum mair agus gum fs sgrobhadh na Gidhlig."
Thuirt Rona gun do chrd na bthan-obrach sgrobhaidh gu mr ri daoine (bha mu 32 duine an ss annta), 's gu robh e math gu robh cothrom aig na sgrobhadairean fhin coinneachadh agus bruidhinn tron latha. Bha deasbad panail ann cuideachd air a' chuspair "Boireannaich agus Litreachas na Gidhlig". Air a' phanal bha Cairistona NicCoinnich bho Oilthigh Obar Dheathain, a' bhana-bhrd Anna Frater, an sgrobhadair Caitrona Lexy Chaimbeul 's am brd Aonghas "Dubh" MacNeacail. Bha deasbad fharsaing aca air mar a tha boireannaich air an riochdachadh ann an litreachas na Gidhlig, air boireannaich mar sgrobhadairean tro na linntean, air an ite a th' aca an-diugh an litreachas na Gidhlig, 's air iomadh rud eile co-cheangailte ris a' chuspair.
Air an oidhche bha dnnear ann agus chaidh an leabhar r aig Fionnlagh MacLeid, Domhanas, fhoillseachadh – cruinneachadh de sgeulachdan goirid leis an ghdar eirmseach seo. An uair sin bha cuirm air an oidhche far an robh Griogair Labhraidh a' seinn 's a' cluich, far an robh cuid de na bird a bha an lthair ag aithris, 's far an cualas cuid de na h-rain aig Bob Dylan, a dh'eadar-theangaich Rody Gorman, ann an Gidhlig.
Thuirt John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean gu robh e cudromach a-nis gum faicear tuilleadh fhisean litreachais Gidhlig dhen t-sersa seo: "Tha Comhairle nan Leabhraichean air a bhith a' moladh a leithid a dhanamh airson deagh ghreis.
"Dh'obraich seo an Glaschu, bu chir togail air 's a dhanamh an iteachan eile. Mholainn-sa Uibhist a-Deas, Nis ann an Ledhas, Dn ideann 's Obar Dheathain mar cheithir iteachan a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson a leithid, gus am bi sinn ag amas air sreath de dh'fhisean litreachais Gidhlig a' dol aig diofar amannan tron bhliadhna.
"Dh'fheumadh sinn taic airgid bho leithid Brd na Gidhlig air son seo a chur air chois – chan eil an t-airgead againn an-drsta. Cuideachd bu chir danamh cinnteach gu bheil co-rdanachadh ann gus nach bi na fisean ra seo a' dol aig an aon m ri tachartasan ealain (no Gidhlig) eile – sin agaibh rud a tha gu math smplidh a chur air digh ach uaireannan chan eil e a' tachairt idir. Dh'fhaodadh seo bhith for mhath. Tha e math gu bheil Gidhlig 'na pirt dhe na fisean-leabhraichean bhaisteach mar Fis Leabhraichean Dhn ideann agus eile, agus bu chir dhuinn cumail oirnn le sin, ach bu chir rud a bhith againn dhuinn fhn cuideachd."
Gu dearbh tha e coltach gur e sin a bh' aca ann an Glaschu Di-Sathairne sa chaidh, fis litreachais le Gidhlig aig a cridhe, chan ann air an iomall.
Chan eil dad nas ndarra na bhith bruidhinn mu sgrobhadh Gidhlig ann an Gidhlig, agus tha e coltach gu bheil e a' dol a thachairt nas trice.
- Family mourn death of Glasgow ‘fight’ schoolboy
- Rangers takeover: Duff & Phelps threaten legal action against BBC
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
- Rangers administration: Fans fear Duff & Phelps claims could scare off Green
- Rangers takeover: triple penalty punishment enough, says Johnston
- Alistair Darling leads ‘No to independence’ fight over tea and biscuits
- Scottish independence: SNP flip-flops over Nato
- Scottish Independence: SNP ‘won’t be Yes campaign’s only voice’
- Scottish independence: Alex Salmond’s pledge to sign up 1m voters
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Sunday 27 May 2012
Today
Sunny
Temperature: 10 C to 22 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny
Temperature: 9 C to 21 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east

