Leughadh do thrì aoisean: miotas, cat tàlantach ’s Oidhche Shamhna

Dealbh a tha a' toirt na h-anail uat: an smutag, an t-eun oir, Sakhalin, costa Siberia agus cruinnead na faire
Dealbh a tha a' toirt na h-anail uat: an smutag, an t-eun oir, Sakhalin, costa Siberia agus cruinnead na faire
Share this article
0
Have your say

O chionn bliadhna no dhà thug mi iomradh an seo air an nobhail ghrafaig Cuir Stad air an Stoirm Shneachda. B’i Shona Shirley Macdonald á Obar Dheathain a rinn na dealbhan, agus Leaslaidh NicCoinnich na faclan. B’e leabhar mìorbhaileach a bh’ ann, sgeul sìmplidh, làn dathan inntinneach. Cuirm dhan t-sùil.

A-nise, le cuideachadh air a’ Ghàidhlig bho Ghillebrìde MacIlleMhaoil, thàinig Shona agus Leaslaidh còmhla a dh’obair air fear eile, An Smutag Ghaisgeil (Dualchas na Cloinne, £9.99). Mhol mi Cuir Stad air an Stoirm Shneachda mar nì a chòrdadh ri leughadair sam bith, ach cha chanainn siud mu An Smutag Ghaisgeil. Còrdaidh e, mar annas, ri luchd cruinneachaidh nobhailean grafaig agus riuthasan aig a bheil ùidh ann am beul-aithris eadar-nàiseanta.

Tha an sgeul air a thoirt bho bheul-aithris nan Nivkh, sluagh a tha a’ fuireach ann an eilean Sakhalin agus air cladach Siberia. Tha trì duilleagan de notaichean aig an deireadh mu na Nivkh (eachdraidh, econamaidh, aodach, cànan, miotasan, antrapeòlaichean Eòrpach a thàinig thuca) agus mun sgeul seo. Nach truagh ri leughadh nach eil ach nas lugha na 3,000 Nivkh ann an-diugh “agus gun ach triùir a-mach às a’ cheud dhiubh a’ bruidhinn a’ chànain”.

A dh’ainneoin nan dealbhan barraichte, tha an sgeul car duilich a leantainn. Tha tòrr cruth-atharrachaidh ann bho eòin gu éisg gu ainmhidhean gu daoine ’s air ais. Tha e a’ mìneachadh gun robh uair a bha an saoghal ro theth san latha ’s ro fhuar san oidhche a chionn ’s gun robh dà ghrèin agus dà ghealaich ann. Tha an t-eun gaisgeil, an smutag, a’ cur ás do dh’aon ghrèin ’s do dh’aon ghealaich gus an saoghal fhàgail mar a tha i an-diugh.

Tha an sgeul neònach seo air a làimhseachadh cho math ’s a ghabhas, agus chan eil ach aon ghearan agam, an duilgheadas a th’ aig an eadar-theangair, air adhbhar air choreigin, leis an abairt “ban-dia an adhair” – “bha a’ bhan-dia nan athair air a falach bhuam”, “airson na ban-dia adhair”, “tha a’ bhan-dia an adhair a’ nochdadh mu dheireadh thall”, “nighean na ban-dia an adhair”.

Cha ghabh Shona Shirley a bheatadh nuair a thigear gu dealbhan a tha mór anns gach dòigh ’s a tha a' toirt na h-anail uat. Tha an dealbh mu dheireadh (faic gu h-àrd) sgaoilte thairis air dà dhuilleig, a’ sealltainn dà eun (an smutag ’s an t-eun òir) a’ sgéith os cionn tìre ’s mara. Anns a’ chùl chithear cruinnead na fàire. Thar na duilleig tha mapa feumail de dhùthaich nan Nivkh, bho’n do thuig mi anns a’ bhad có na tìrean a bha mi faicinn san dealbh – Sakhalin agus costa Siberia. Mar sin, mar a thuirt mi, ma tha thu déidheil air nobhailean grafaig no beul-aithris eadar-nàiseanta, sann dhutsa a tha An Smutag Ghaisgeil.

MA tha sibhse, neo a’ chlann agaibh, dhen bheachd gu bheil “Mog” aig Judith Kerr nach maireann rud beag leamh ’s gu bheil “An Cat anns an Aid” aig Dr Zeuss fada ro dhorcha, dé mu dheidhinn “Morse” aig Gracie Summers fheuchainn? Tha Seo Agaibh Morse! aice (Acair, £5.99) caran eadar na dhà. Tha Morse ’na chat a tha sanntach air biadh, air cliù ’s air fortan, agus tha beatha dhùbailte aige a tha fada seachad air eòlas a mhaighstir Tormod ’s a bhanamhaighstir Ciorstaidh. An uair a tha iadsan a’ smaointinn gu bheil e ’na chadal air beulaibh an telebhisean tha e ga choimhead gu faiceallach tro shùilean leth-dhùinte, gu sònraichte am prógram as fheàrr leis, Breitheamh Iain Deede. An uair a théid e a-mach tha e a’ toirt air daoine cothroman cosnaidh a thoirt dha – chan e obair cheart mar shealg luchainn ge-tà ach show business, leithid seinn, cleasachd dhraoidheach no dannsa Gaidhealach.

Se, mar a chanas Gracie Summers, cat foghlamaichte a th’ ann am Morse. Bidh e ga chur fhéin ann an neul mar a bhios cait air feadh an t-saoghail a’ dèanamh. “Ach b’ urrainn do Mhorse ceum a bharrachd a ghabhail. Bhiodh e ri fèin-shuainealachadh. Dh’fhàs a shùilean uaine gu lèir ach dìreach sgoltadh beag bìodach dubh às am faiceadh e gluasad sam bith mu choinneamh . . .”

Tha deagh chuid leughaidh ann an Seo Agaibh Morse! agus car beag de dhealbhannan. Sia dealbhan anns a’ chiad leth den leabhar ’s gun ach trì anns an dara leth. Agus ged a tha teagamhan agam a thaobh dé cho tarraingeach ’s a tha an sgeul, chan eil teagamhan agam mun t-sùil aig Gracie Summers ri caractar. Saoilidh mi gu bheil làn nobhail innte a’ feuchainn ri faighinn a-mach. Dòcha nach ann mu dheidhinn cat ge-tà?

SE Teàrlag agus a’ Bhana-Bhuidseach (Acair, £6.95) ceathramh toradh a’ cho-obrachaidh eadar Marie C NicAmhlaigh mar sgrìobhadair agus Robin Bans mar ealainiche. Tha dealbh math air a h-uile duilleig, agus tha gu leór ri leughadh cuideachd.

Cha do ràinig Teàrlag aois sgoile fhathast; mar sin, seo an seòrsa leabhair a tha aig a’ phàrant ri leughadh aig àm leapa. A thaobh sin, tha mi rud beag teagmhach mun bhana-bhuidsich san sgeul: tha i ann an da-rìribh, ag itealaich tron speur air an sguaib aice, ’s tha Mamaidh a’ cur an teichidh oirre le steall bho hòs a’ ghàrraidh. Na ceannaich an leabhar seo ma tha thu a’ faireachdainn gun toir siud droch bhruadaran dhan phàist’ agad; air an làimh eile, tha a h-uile seòrsa de dh’uabhasan ’s de dh’uilebhéistean anns na leabhraichean a thathar ag iarraidh ormsa leughadh ris na h-oghaichean, agus ’s math dh’fhaoidte nach cuir aon bhana-bhuidseach ’s an cat aice sìos no suas iad.

Tha gach nì eile mun sgeul slàn fallain, ach gum bi Teàrlag ag ithe cus. Tha tòrr ann mu dheasachadh ri pàrtaidh Oidhche Shamhna, mun phàrtaidh fhéin, mu na peathraichean ’s na caraidean aig Teàrlaig ’nan aodach-brèige . . . ach obh obh, a’ bhana-bhuidseach! ’S dòcha gur e mise an aon duine aig am bi na droch bhruadaran. Co aige tha fhios?

Innsidh mi dhuibh dé. Nach leugh sibh stòiridh eile mu Theàrlaig as déidh Teàrlag agus a’ Bhana-Bhuidseach? Teàrlag agus na spàinean, na crùbagan no ’m bodach-sneachda ’s an céic. Nì siud a’ chùis air a’ chreutair mhosach.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 23 DÀMHAIR 1937

Ceidheachan Gàidhealach

Tha feum air tuillidh cheidheachan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan, ach chan eil fiughair riutha gu ceann iomadh latha. Tha na cumhachdan a th’ ann a’ diùltadh feadhainn ùra thogail no ’n t-seann fheadhainn a chàradh a chionn nach eil móran tathaich air na puirt far am bheil an sluagh ’gan sireadh.

Bha uair is bha lamraigean aig a’ phobull iad féin a bha freagarrach air son bhàtaichean beaga. Cha dèan iad so an gnothach an diugh, oir tha luingis na’s motha ag iarraidh gu cladach agus is còir ullachadh a dhèanamh air an son. Faodar a ràdh nach fada bhios feum air bàtaichean-smuid’ idir a chionn gu’m bheil an fheadhainn athair a’ dol a thighinn gu bhi cumanta. Tha e glé choltach gu’m bheil sin fìor, ach théid móran ùine seachad mu’n tig e air a chois. Cosdar am pailteas airgid ri aobharan eile nach eil idir cho rathail do’n t-sluagh, ach m’a bheirear iomradh air ceidheachan chan fhaighear ach freagairt an doichill. Tha e duilich do mhuinntir a’ bhaile-mhóir a dhèanamh am mach ciamar a tha muinntir na Gàidhealtachd a’ faighinn air an aghaidh gun ghoireasan de’n t-seorsa so, ach is mor a nì ’n éiginn, agus m’a tha sinn a dhìth cheidheachan a b’ fheàirrd sinn chan eil sinn a dhìth céill’ is faidhidinn.

Thig an latha ’sam bi a’ Ghàidhealtachd air dheagh chàramh a thaobh shochairean coitcheann. Mar is luaithe is ann is feàrr.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Facail-iasaid (borrowed words)

Words can give us a glimpse into the past; they show us how we interacted with peoples of other countries and ultimately how our own languages came to be, writes Lewis Laing. If we look at the names of fish and seabirds in Gaelic and Icelandic, for example, we can clearly see the close ties that once existed between the Gaels and the Norsemen. Some you might recognise immediately, such as ‘skarfur’, sgarbh in Gaelic or ‘cormorant’ in English, or ‘langa’, langa or ‘ling’ in English. However some words underwent greater changes in the borrowing process, for example farspag (also arspag) ‘black-backed gull’ and trosg ‘cod’. If you were to look up ‘black-backed gull’ in an Icelandic dictionary, you would find the word ‘svartbakur’, but if we remove the ‘s-’ from the beginning and the ‘-ur’ from the end, we get a little closer to farspag. The Icelandic for ‘cod’ is ‘þorskur’; our first obstacle is the letter ‘þ’ which represents the hard ‘th’ sound in English, but if we delenite the letter to ‘t’, we get ‘torskur’, and then if we remove the ‘-ur’ we get ‘torsk’ – and then, with metathesis thrown in for good measure, we end up with ‘trosk’ or trosg.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities