DCSIMG
SWTS.news.image.e

Tuathanas mòr gaoithe air fàire

Gheibh foidhidinn furtachd. Co-dhiù se sin a chanas iadsan aig a bheil sealbh air fearann air Urras Steòrnabhaigh.

Ann an 2004 chaidh iarrtas a-steach air son cead tuathanas anns am biodh 42 roth-uidheim a thogail air talamh le croitearan air Oighreachd Steòrnabhaigh. Anns a’ bhad thàinig gearan bho Chomann Dìon nan Eun gun deanadh e cron air na h-iolairean. Chuir mòran air feadh na dùthcha a tha fo iomagain mu mhilleadh na h-àrainneachd an taic ris a’ ghearan. Chuireadh an t-iarrtas air ais ’s air adhart gus mu dheireadh, ann an 2010, an deach plana eile, le àireamh nan crann air ìsleachadh gu 36, a chur mu choinneamh Pàrlamaid na h-Alba.

An dèidh deasbad a lean fad bliadhna gu leth tha cead foirmeil air tighinn mu dheireadh an dèidh ochd bliadhna de chonnspaid, agus se sin naidheachd ris an deanar gàirdeachas.

Gheibh suas ri 200 neach anns na h-eileanan agus còrr agus 150 air feadh na dùthcha obair an lùib togail nan crann. Tha dùil gun tèid an togail aig Airinis.

Thuirt am BPA Alasdair Allan, “Se cothrom mìorbhaileach a tha an-seo gus obraichean a bhrosnachadh anns na h-Eileanan an-Iar.

“Feumar a-nis càball a chuireas an cumhachd gu tir-mòr a chur fon Chuan Sgìth.”


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Wednesday 22 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 13 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Light showers

Light showers

Temperature: 5 C to 10 C

Wind Speed: 24 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.