DCSIMG
SWTS.news.image.e

Treas sàr bhaile an t-saoghail

An treas àite. Chan eil sin cho dona, chanadh cuid. An treas àite am measg mìltean. Buileach nas fheàrr, chanadh cuid eile. Ach mar as cleachdte ris a’ chiad àite, sann as dorra a tha e gabhail ri àite sam bith eile. Sin an suidheachadh anns a bheil baile Bhancùbhair, air cost an-iar Chanada, a rèir lìg bith-beò 2011 an Economist a bhios a’ deanamh coimeas eadar sàr bhailtean an t-saoghail.

Chan eil teagamh ann ge-tà gum bi Bhancùbhar fhathast a’ tàladh dhaoine bho gach cultar ’s gach ceàrnaidh gus an dachaigh a dhèanamh sa bhaile. Chìthear iomadh cinneadh, ’s cluinnear iomadh cànan, ge b’e càit an tèidear ann. Fear de na cinnidhean as motha sa bhaile an-diugh, ’s tron eachdraidh aige, se na Sìonaich. Dh’fhàs am Baile Sìonach na bu thrainge nuair a ghluais tòrr dhaoine, a’ mhòrchuid dhiubh beartach, á Hong Kong nuair a thugadh an colanaidh air ais do Shìona ann an 1997. Bhon uair sin, tha e air a bhith a’ fàs nas motha ’s nas beartaiche bliadhna fo bhliadhna.

Ach thàinig trioblaid an lùib an t-soirbheachais seo. Sann nas coltaiche ri coille ghlainne a tha meadhan a’ bhaile a’ fàs gach trup a thilleas mi, ’s an uidhir a th’ ann de thoglaichean glainne, àrda, ùra – uile glas, geal, gleansach, ’s cho coltach ri chèile ri sgadain. Tha iad brèagha ’nan dòigh fhèin, ach is coltach, mar as àirde dh’fhàsas na toglaichean seo, gur ann as motha a dh’fhàsas na prìsean a th’ orra cuideachd. An-diugh, air sgàth prìs thaighean, tha e cianail fhèin doirbh do dh’inbhich òga an àite dachaigh a dhèanamh sa bhaile aca fhèin. An taghadh a th’ aca, se a bhith pàigheadh màil àird gu latha bhràtha, no gluasad air falbh, is dòcha do dh’Eilean Bhancùbhair far a bheil cosgais thaighean fada nas ìsle.

Chan eil na fìor choilltean fada air falbh bhon tè ghlainne ge-tà. Tha am baile air a chuartachadh le nàdar – ruigear beanntan, uaine as t-samhradh, geal sa gheamhradh, an ceann lethuair a thìde bho mheadhan a’ bhaile. ’S mar tha a’ mhuir cha mhòr a’ cuartachadh meadhan a’ bhaile, se làrach cho àlainn a th’ ann ’s gu bheil e tric do-chreidsinn.

Cha leigear a leas cus siubhail a dhèanamh gus faighinn faisg air nàdar. Chan eil Pàirce Stanley, – àite mòr, sàmhach, uaine – ach beagan mhionaidean air falbh bho dhrip a’ bhaile. Ach nan robh turas leth-latha a dhìth, dhèanainn air Eilean Bhowen –eilean beag brèagha, lethuair air falbh air bus agus lethuair eile air turas-bàta àlainn á Bàgh Horseshoe. Uair a thìde de shiubhal, ach tha e a’ faireachdainn coltach ri àite fada nas iomallaiche.

Mar a shaoilear, leis cho ioma- cultarach ’s a tha Bhancùbhar tha biadh ’na phàirt mòr de bheatha a’ bhaile. Abair gu bheil taghadh farsaing ann dheth, agus sin aig prìsean reusanta. Seo baile far am bi daoine ag ithe sna taighean bìdh aig àm bracaist, lòin agus dìnnearach, gun smaoineachadh air mar rud annasach. Rachainn-sa dhan Elbow Room air Sràid Davie a dh’fhaighinn bracaist mhòr bhlasta, ach – agus se rabhadh tha seo – bidh thu air do fhrithealadh ann an dòigh a bhios daonnan bragail, agus uaireannan olc. “Latha nigheadaireachd, an e?!” Sin a dh’fhaighnich an sgalag agamsa dhomh … Feala-dhà, feumaidh?!

Ach se Sushi am biadh as fheàrr leam ann a Bhancùbhar. Chanadh cuid gur ann a Bhancùbhar a tha an Sushi as fheàrr, chan ann an Iapàn. Mholainn-sa fear de na taighean-bidhe Sushi a thabhainneas clàr-bidhe neo-chrìochnach aig prìs shònraichte, mar Tan Popo air Sràid Denman, oir siud an dòigh as fheàrr air blasad de gach nì fheuchainn.

Tha na h-ealain riamh air a bhith cudromach do mhuinntir a’ bhaile, ’s gu h-àraidh ceòl roc, ceòl neo-eisimeileach agus ceòl eadar-roghnach. Chìthear còmhlain mhath ionadail a’ cluich gach oidhche san Railway Club air Sràid Dunsmuir, agus feadhainn nàiseanta ’s eadar-nàiseanta aig a’ Chommodore neo a’ Vogue air Sràid Ghranville. Bidh cuid de na còmhlain mhòra chliùiteach á Breatann a’ cluich anns a’ bhaile nuair a tha iad air an rathad gu margaid nan Stàitean a thoirt a-mach. Mar sin bidh deagh chothrom ann na h-ainmean mòra seo fhaicinn sna tallachan beaga a dh’ainmich mi. Nach fhaca mi fhìn na Scissor Sisters còmhla ri ’s dòcha 200 neach-amhairc eile, agus seo dìreach cola-deug as dèidh dhaibh cluich air beulaibh 60,000 aig T anns a’ Phàirce!

An treas àite. Mas fhìor! Bidh an Economist ag ullachadh lìg ùr 2012 an-dràsta. Ach ge b’e dè ’m baile a ruigeas a’ chiad àite am-bliadhna, sann sa chiad àite agam fhìn a bhios Bhancùbhar.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Saturday 25 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 5 C to 19 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 9 C to 16 C

Wind Speed: 15 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.